CAIB. XXXVI.
AGUS is iad sin ginealaich Esau, eadhon Edoim.
2 Ghabh Esau a mhnài do nigheanaibh Chanaain; Adah nighean Eloin an Hitich, agus Aholibamah nighean Anah, nighinn Shibeoin an Hibhich:
3 Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaiot.
4 Agus rug Adah do Esau, Eliphads, agus rug Basemat Reuel.
5 Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: ’S iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanaain.
6 Agus ghabh Esau a mhnài, agus a mhic, agus a nigheana, agus uile mhuinntir a thighe, agus a spréidh, agus ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanaain; agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iacoib.
7 Oir bha ’n saibhreas ni bu mhò na gu’m feudadh iad còmhnuidh ghabhail cuideachd; agus cha b’urradh an tìr anns an robh iad ’nan coigrich an giùlan air son an spréidhe.
8 Mar so ghabh Esau còmhnuidh ann an sliabh Sheir: ’s e Esau Edom.
9 Agus ’s iad sin ginealaich Esau athar nan Edomach ann an sliabh Sheir.
10 ’S iad sin ainmeanna mhac Esau; Eliphads mac Adah mhnà Esau, Reuel mac Bhasemat mhnà Esau.
11 Agus b’iad mic Eliphads; Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads.
12 Agus bha Timna ’na leannan aig Eliphads mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec: b’ iad sin mic Adah mhnà Esau.
13 Agus ’s iad sin mic Reueil; Nahat agus Serah, Samah agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait mhnà Esau.
14 Agus b’ iad sin mic Aholibamah, nighinn Anah, nighinn Shibeoin mhnà Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah.
15 B’iad sin cinn-fheadhna mhac Esau: mic Eliphads ceud-ghin Esau; ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Omar, ceann-feadhna Sepho, ceann-feadhna Cenads,
16 Ceann-feadhna Corah, ceann-feadhna Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: ’s iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah.
17 Agus ’s iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann-feadhna Nahat, ceann-feadhna Serah, ceann-feadhna Samah, ceann-feadhna Midsah. ’S iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Reuel, ann
18 Agus ’s iad sin mic Aholibamah mhnà Esau; ceann-feadhna Ieus, ceann-feadhna Iaalam, ceann-feadhna Corah: b’ iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Aholibamah nighinn Anah mhnà Esau.
19 ’S iad sin mic Esau, eadhon Edoim; agus ’s iad sin an cinn-fheadhna.
20 ’S iad sin mic Sheir an Horich, luchd-àiteachadh na tìre; Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah,
21 Agus Dison, agus Edser, agus Disan: ’s iad sin cinn-fheadhna nan Horach, cloinne Sheir, ann an tìr Edoim.
22 Agus b’ iad clann Lotain; Hori, agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain.
23 Agus b’ iad sin clann Shobail; Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam.
24 Agus b’ iad sin clann Shibeoin; araon Aiah, agus Anah: b’ e so an t-Anah, a fhuair a mach na muileidean [mules. Sasg.] ’san fhàsach, ’nuair a bha e ’g ionaltradh asal Shibeoin athar.
25 Agus b’iad sin clann Anah; Dison, agus Aholibamah nighean Anah.
26 Agus b’iad sin clann Dhisoin; Hemdan, agus Esban, agus Itran, agus Cheran.
27 B’ iad sin clann Eseir; Bilhan, agus Saabhan, agus Achan.
28 B’ iad sin clann Dhisain; Uds, agus Aran.
29 B’ iad sin cinn-fheadhna nan Horach; ceann-feadhna Lotan, ceann-feadhna Sobal, ceann-feadhna Sibeon, ceann-feadhna Anah,
30 Ceann-feadhna Dison, ceann-feadhna Eser, ceann-feadhna Disan: ’s iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann-fheadhna-san ann ’an tìr Sheir.
31 Agus ’s iad sin na righrean a rìoghaich ann an tìr Edoim, mun do rìoghaich righ ’sam bith air cloinn Israeil.
32 Agus rìoghaich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah.
33 Agus dh’eug Belah, agus rìoghaich ’na àite Iobab mac Sherah o Bhosrah.
34 Agus dh’eug Iobab, agus rìoghaich ’na àite Husam o thalamh Themani.
35 Agus dh’eug Husam, agus rìoghaich ’na àite Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ’am fearann Mhoaib: agus b’e ainm a bhaile Abhit.
36 Agus dh’eug Hadad, agus rìoghaich ’na àite Samlah o Mhasrecah.
37 Agus dh’eug Samlah, agus rìoghaich ’na àite Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn.
38 Agus dh’eug Saul, agus rìoghaich ’na àite Baal-hanan mac Achboir.
39 Agus dh’eug Baal-hanan mac Achboir, agus rìoghaich ’na àite Hadar: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid, nighinn Mhedsahaib.
40 Agus ’s iad sin ainmeanna nan ceann-feadhna a thàinig o Esau, a réir an teaghlaichean,
41 Ceann-feadhna Aholibamah, ceann-feadhna Elah, ceann-feadhna Pinon,
42 Ceann-feadhna Cenads, ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Mibsar,
43 Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram: ’s iad sin cinn-fheadhna Edoim, a réir an àiteacha-còmhnuidh, ann an tìr an seilbh; ’s esan Esau, athair nan Edomach.
title | Caibideil XXXVI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |