CAIB. XXXVII.
AGUS ghabh Iacob còmhnuidh ’san tìr anns an robh athair ’na choigreach, ann an tìr Chanaain.
2 ’S iad so ginealaich Iacoib: ’Nuair a bha Ioseph seachd bliadhna deug a dh’aois, bha e buachailleachd an treud maille r’a bhràithribh, agus bha ’n t-òganach maille re mic Bhilhah, agus maille re mic Shilpah, mnài athar; agus thug Ioseph an droch thuairesgeul-san a dh’ionnsuidh, athar.
3 Agus bu docha le h-Israel Ioseph na mhic uile, chionn gu’m b’e mac a shean-aois e: agus rinn e dha còta dh’iomadh dath [dh’iomad mìr. ] .
4. Agus ’nuair a chunnaic a bhràithre gu’m bu docha le athair e na bhràithrean uile, dh’fhuathaich iad e, agus cha b’urradh iad labhairt ris gu sìochail.
5 Agus chunnaic Ioseph aisling [bhruadair Ioseph bruadar. ] , agus dh’innis e d’a bhràithribh i, agus dh’fhuathaich iad e fathast ni’s mò.
6 Agus thubhairt e riu, Eisdibh, guidheam oirbh, ris an aisling so a chunnaic mi:
7 Oir feuch, bha sinn a’ ceangal sguab ’san achadh, agus feuch, dh’éirich mo sguab-sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus feuch, sheas bhur sguaba-sa m’an cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd do m’ sguaib-sa.
8 Agus thubhairt a bhràithre ris, Am bi thusa gun amharus a’d’ righ oirne? am bi agad d’a rìreadh tighearnas oirne? Agus dh’fhuathaich iad e fathast ni’s mò air son aislingean, agus air son a bhriathra.
9 Agus chunnaic e fathast aisling eile, agus dh’innis e d’a bhràithribh i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon reul deug, ùmhlachd dhomhsa.
10 Agus dh’innis e d’a athair i, agus d’a bhràithribh: agus thug athair achmhasan da, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling so a chunnaic thu? An e gu’n d’thig d’a rìreadh mise agus do mhàthair agus do bhràithre, chum sinn féin a chromadh sìos duitse gu làr?
11 Agus bha farmad aig a bhràithribh ris: ach thug athair fa’near a’ chainnt.
12 Agus chaidh a bhràithrean a dh’ionaltradh treud an athar do Shechem.
13 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Nach ’eil do bhràithrean ag ionaltradh, an treud ann an Sechem? Thig, agus cuiridh mi thu d’an ionnsuidh, agus thubhairt e ris, Tha mise ’n so.
14 Agus thubhairt e ris,
15 Agus fhuair duin’ àraidh e, agus feuch, bha e air seacharan ’sa’ mhachair: agus dh’fheòraich an duine dheth, ag ràdh, Ciod a tha thu ’g iarraidh?
16 Agus thubhairt e, Tha mi ’g iarraidh mo bhràithre: innis dhomh, guidheam ort, c’àit’ am bheil iad ag ionaltradh an treuda.
17 Agus thubhairt an duine, Dh’fhalbh iad a so: oir chuala mi iad ag ràdh, Rachamaid gu Dotan. Agus chaidh Ioseph ’an déigh a bhràithrean, agus fhuair e iad ann an Dotan.
18 Agus ’nuair a chunnaic iad e fada uatha, eadhon mun d’thàinig e ’m fagus doibh, chuir iad an comhairle re chéile ’na aghaidh, gus a mharbhadh.
19 Agus thubhairt iad r’a chéile, Feuch, tha ’n t-aislingiche so a’ teachd.
20 Thigibh a nis ma ta, agus marbhamaid e, agus tilgeamaid e ann an slochd éigin; agus their sinn, Chuir droch bhéist éigin as da: agus chi sinn ciod gus an d’thig aislingean.
21 Agus chuala Reuben so, agus shaor e as an làimh e, agus thubhairt e, Na cuireamaid gu bàs e.
22 Agus thubhairt Reuben riu, Na dòirtibh fuil; tilgibh e ’san t-slochd so, a ta ’san fhàsach, agus làmh na cuiribh ann: a chum ’s gu’n saoradh e as an làimh e, agus gu’n aisigeadh e rìs d’a athair e.
23 Agus ’nuair a thàinig Ioseph a dh’ionnsuidh a bhràithre, ’an sin bhuin iad do Ioseph a chòta, a chòta nan iomadh dath, a bha air.
24 Agus ghabh iad e, agus thilg iad e ann an slochd, agus bha ’n slochd falamh, gun uisge ann.
25 Agus shuidh iad sìos a dh’itheadh arain, agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus feuch, bha cuideachd do chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead le’n càmhalan a’ giùlan spìosraidh, agus ìoc-shlaint [balm. Sasg.] , agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos do’n Eiphit.
26 Agus thubhairt Iudah r’a bhràithribh, Ciod an tairbh a bhios dhuinn ann ma mharbhas sinn ar bràthair, agus ma cheileas sinn fhuil.
27 Thigibh, agus reiceamaid e ris na h-Ismaelich, agus na cuireamaid làmh ann; oir is e ar dearbh-bhràthair e, agus ar feoil: agus dh’éisd a bhràithre ris.
28 ’An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharruing iad agus thog iad suas Ioseph as an t-slochd: agus reic iad Ioseph ris na h-Ismaelich air fhichead bonn airgid. Agus thug iadsan Ioseph do’n Eiphit.
29 Agus phill Reuben a dh’ionnsuidh an t-sluichd; agus feuch, cha robh Ioseph ’san t-slochd: agus reub [rachd. ] e eudach.
30 Agus phill e dh’ionnsuidh a bhràithrean, agus thubhairt e, Cha’n ’eil an leanabh ann; agus mise, c’àit’ an d’ théid mi?
31 Agus ghabh iad còta
32 Agus chuir iad uatha còta nan iomadh dath, agus thug iad e dh’ionnsuidh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne so: aithnich a nis an e so còta do mhic, no nach e.
33 Agus dh’aithnich se e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhéisd as da: tha Ioseph gun teagamh air a reubadh as a chéile.
34. Agus reub Iacob eudach, agus chuir e eudach-faic air a leasruidh, agus rinn e bròn air son a mhic rè mòrain lài.
35 Agus dh’éirich a mhic uile, agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais da; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir théid mi sìos do’n uaigh a chum mo mhic re bròn. Mar so rinn athair caoidh air a shon.
36 Agus reic na Midianaich e ’san Eiphit re Potiphar, oifigeach le Pharaoh, ceannard an shreiceadain [ceannard a shaighdearan, caiptein a’ gheard. ] .
title | Caibideil XXXVII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |