[70]

CAIB. XXXVIII.

AGUSsan àm sin féin chaidh Iudah sìos o bhràithribh, agus thionndaidh e steach a dhionnsuidh Adulamaich àraidh, dam bainm Hirah.

2 Agus chunnaic Iudahn sin nighean Canaanaich àraidh, dam bainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e steach da h-ionnsuidh.

3 Agus dhfhàs i torrach, agus rug i mac; agus thug e Er mar ainm air.

4. Agus dhfhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thug i Onan mar ainm air.

5 Agus dhfhàs i torrach fathast, agus rug i mac; agus thug i Selah mar ainm air: agus bha esan ann an Chedsibnuair a rug i e.

6 Agus ghabh Iudah bean do Er a cheud-ghin, dam bainm Tamar.

7 Agus bha Er, ceud-ghin Iudaih, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearn e.

8 Agus thubhairt Iudah re h-Onan, Falbh a steach a dhionnsuidh mnà do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd do dbhràthair.

9 Agus bha fhios aig Onan nach bann leis féin a bhiodh an sliochd; agusnuair a chaidh e steach a dhionnsuidh mnà a bhràthar, dhòirt e air abhlàr e, chum nach dthugadh e sliochd da bhràthair.

10 Agus bhan ni a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna.

11An sin thubhairt Iudah re Tamar mnaoi a mhic, Fan adbhantraich ann an tigh tathar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, An t-eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithre. Agus dhfhalbh Tamar, agus dhfhan in tigh a h-athar.

12 Agus ùine fhadan déigh sin fhuair nighean Shuaih bean Iudaih bàs: agus thog Iudah a mhisneach, agus chaidh e suas a dhionnsuidh luchd-lomairt [luchd-bearraidh. ] a


[71] chaorach, e féin agus a charaid Hirah an t-Adulamach, gu Timnat.

13 Agus dhinnseadh do Thamar, ag ràdh, Feuch, tha tathair-céile adol suas gu Timnat a lomairt a chaorach.

14 Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich si i féin le gnùis-bhrat, agus phaisg si i féin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a ta làimh ris an t-slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun dfhàs Selah suas, agus nach dthugadh i dha mar mhnaoi.

15Nuair a chunnaic Iudah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i h-eudan.

16 Agus thionndaidh e da h-ionnsuidh air an t-slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a steach ationnsuidh; oir cha robh fhios aige gum bi bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh a chum as gun dthig thu steach amionnsuidh?

17 Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann [meann do na gabhraibh. Eabh.] ationnsuidh on treud: agus thubhairt ise, An dthoir thu geall domh gus an cuir thu mionnsuidh e?

18 Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhuit? Agus thubhairt ise, Do sheula agus do làmh-fhailean, agus do lorg a ta ann ad làimh; agus thug e dhi iad, agus chaidh e steach da h-ionnsuidh, agus rinneadh i torrach leis.

19 Agus dhéirich i, agus dhfhalbh i roimpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat uaithe [uaipe, uaiche. ] , agus chuir i a culaidh-bantraich oirre.

20 Agus chuir Iudah am meann le làimh a charaid an Adulamaich, chum as gum faigheadh en geall o làimh na mnà: ach cha dfhuair e i.

21An sin dhfheòraich e do dhaoinibh an àite sin, ag ràdh, Càitam bheil an strìopach a bha gu follaiseach re taobh na slighe [an ròid. ] ? Agus thubhairt iadsan, Cha robh strìopachsam bithan so.

22 Agus phill e dhionnsuidh Iudaih, agus thubhairt e, Cha dfhuair mi i: agus mar an ceudna thubhairt daoinan àite, Cha robh strìopach sam bithan so.

23 Agus thubhairt Iudah, Gabhadh i dhi féin e, an t-eagal gu maslaichear sinn: feuch, chuir mi am meann so da h-ionnsuidh, agus cha dfhuair thu i.

24 Agus beul re tri mìosan déigh sin, dhinnseadh do Iudah, ag ràdh, Rinn Tamar bean do mhic strìopachas; agus feuch cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iudah, Thugaibh a mach i, agus loisgear i.

25Nuair a thugadh a mach i, chuir i fios a dhionnsuidh a h-athar-céile, ag ràdh, Aig an fhear dam buin iad sin tha mise lethtromach: agus thubhairt i, Faic, guidheam ort, cia leis an seula, agus na làmh-fhailean, agus an lorg so.

26 Agus ghabh Iudah riu, agus thubhairt e, Bha i ni bu cheirte na mise, a chionn nach dthug mi i do Shelah mo mhac: agus cha robh aithne aige oirre nis .

27 Agusnuair a bha i re


[72] saothair chloinne, feuch, bha leth-aonana bolg.

28 Agusnuair a bha i re saothair, chuir a h aon diubh mach a làmh: agus rug a bhean-ghlùin air a làimh, agus cheangail i snàthainn scarlaid oirre, ag ràdh, Thàinig e so a machan toiseach.

29 Agusnuair a tharruing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a mach; agus thubhairt ise, Cionnus a bhris thu mach? bitheadh am briseadh so ortsa: Uime sin thugadh Phareds mar ainm air.

30 Agusan déigh sin thàinig a bhràthair a mach, aig an robh an snàthainn scarlaid air a làimh; agus thugadh Sarah mar ainm air.

titleCaibideil XXXVIII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page