[72]

CAIB. XXXIX.

AGUS thugadh Ioseph sìos don Eiphit: agus cheanaich Potiphar oifigeach le Pharaoh, ceannard an fhreiceadain, Eiphiteach, e o làimh nan Ismaelach, a thug sìosan sin e.

2 Agus bhan Tighearna maille re Ioseph, agus bha ena dhuine leis an do shoirbhich gach ni; agus bha en tigh a mhaighstir an Eiphitich.

3 Agus chunnaic a mhaighstir gun robh an Tighearna maille ris, agus gun dthug an Tighearn air gach ni a rinn e soirbheachadhna làimh.

4 Agus fhuair Ioseph deagh-gheanna shealladh, agus rinn e seirbhis da: agus rinn se ena fhear-riaghlaidh air a thigh, agus gach ni a bhaige chuir e fuidh làimh.

5 Agus on àm sin féinsan drinn se ena fhear-riaghlaidh air a thigh, agus air gach ni a bhaige, bheannaich an Tighearna tigh an Eiphitich air sgàth Ioseiph: agus bha beannachadh an Tighearn air gach ni bhaige, anns an tigh, agus anns amhachair.

6 Agus dhfhàg e gach ni a bhaigean làimh Ioseiph, agus cha bfhios da aon ni bhaige, saor on aran a bha eg itheadh: agus bha Iosephna dhuine maiseach, agus sgiamhachsan aghaidh.

7 Agusan déigh nan nithe sin leag bean a mhaighstir a sùilean air Ioseph, agus thubhairt i, Luidh leamsa.

8 Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e re mnaoi a mhaighstir, Feuch, chaneil fios aig mo mhaighstir ciod a tha maille riumsan tigh, agus gach ni a thaige chuir e fuidh mlàimh-sa.

9 Chaneil neachsan tigh so as na mise, agus cha do chum e uam nisam bith ach thus’, a chionn gur tu a bhean: cionnus uime sin a ni misen t-olc mòr so, agus a pheacaicheas min aghaidh Dhé?

10 Agus thachair enuair a labhair i re Ioseph o gu , agus nach éisdeadh esan ria, gu luidhe leatha, no bhi maille ria:

11 Agus thachair e air latha àraidh gun deachaidh esan a steach don tigh a dheanamh oibre féin, agus cha robh a h-aon do dhaoinibh an tighean sin a stigh:

12 Agus rug i air air eudach-uachdair [fhalluing, a chòta. ] , ag ràdh, Luidh leamsa: agus dhfhàg e eudach-


[73] uachdairna làimh, agus theich e, agus thàr e mach.

13 Agusnuair a chunnaic ise gun dfhàg e eudach-uachdairna làimh, agus gun do theich e mach,

14An sin ghairm i air daoinibh a tighe, agus labhair i riu, ag ràdh, Faicibh, thug e steach dar n-ionnsuidh Eabhruidheach gar maslachadh [a mhagadh oirn. ] : thàinig e steach a mionnsuidhsa luidhe leam, agus ghlaodh mise le guth ard:

15 Agusnuair a chuale gun do thog mi suas mo ghuth, agus gun do ghlaodh mi, ’an sin dhfhàg e eudach-uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e mach.

16 Agus thaisg i eudach-uachdair làimh ria, gus an dthàinig a thighearna dhachaidh.

17 Agus labhair i ris a réir nam briathra so, ag ràdh, Thainig an seirbhiseach Eabhruidheach a thug thu dar n-ionnsuidh a steach amionnsuidhsa gu mmhaslachadh:

18 Agusnuair a thog mise suas mo ghuth, agus a ghlaodh mi, ’an sin dhfhàg e eudach-uachdair maille rium, agus theich e mach.

19 Agusnuair a chuala mhaighstir briathran a mhnà, a labhair i ris, ag ràdh, Air an dòigh so rinn do sheirbhiseach orm; ’an sin las fhearg suas.

20 Agus ghabh maighstir Ioseiph e, agus chuir esaphrìosan e, far an robh prìosanaich an righ ceangailte: agus bha en sinsaphrìosan.

21 Ach bhan Tighearna maille re Ioseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilibh fhir-gleidhidh aphrìosain.

22 Agus chuir fear-gleidhidh aphrìosain fuidh làimh Ioseiph na prìosanaich uile a bhasaphrìosan; agus gach ni a rinn iadan sin, besan a rinn e.

23 Cha damhairc fear-gleidhidh aphrìosain air nisam bith a bha fuidh làimh, a chionn gun robh an Tighearna maille ris; agus an ni sin a rinn e, thug an Tighearn air soirbheachadh leis.

titleCaibideil XXXIX
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page