[10]

CAIB. IV.

AGUS dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha, agus dhfhàs i torrach [thorraicheadh i; dh’fhàs i leatromach. ] , agus rug i Cain, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna.

2 Agus a rìs rug i a bhràthair Abel: agus bha Abelna bhuachaille chaorach, ach bha Cainna threabhaiche fearainn [talmhainn. ] .

3 Agus tharladh [thachair; bha e. Eabh.] ’an ceann lài àraidh [àraid. ] , gu’n d’ thug Cain do thoradh an fhearainn tabhartas [tiodhlac, ofrail. ] do’n Tighearna.

4 Agus thug Abel mar an ceudna do cheud-ghinibh a thréid, agus dan saill: agus bha meas aig an Tighearn air Abel agus air a thabhartas:

5 Ach air Cain, agus air a thabhartas, cha robh meas aige. Agus bha Cain fuidh throm fheirg [làn feirge. ] , agus thuit a ghnùis [luidh gruaim air. ] .

6 Agus thubhairt an Tighearna re Cain, Car son a tha fearg ort? agus car son a thuit do ghnùis?

7 Ma ni thu gu math, nach gabhar riut? agus mur dean thu gu math, aig an dorus tha peacadhna luidhe. Agus riutsa bithidh a thogradh, agus bithidh uachdranachd agad air.

8 Agus labhair Cain re h-Abel [bha focail eadar Cain agus Abel. ] a bhràthair: agusnuair a bha iadsamhachair [’san fhaiche, ’sa’ mhagh. ] , dh’éirich Cain suasan aghaidh Abeil a bhràthar, agus mharbh se e.

9 Agus thubhairt an Tighearna re Cain, Càitam bheil Abel do bhràthair? agus thubhairt esan, Chaneil fhios agam [Cha’n aithne dhamh, cha’n fhiosrach mi. ] . Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?

10 Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fola do bhràthar ag éigheach riumsa on talamh.

11 Agus a nis tha thu mallaichte on talamh, a dhfhosgail a bheul a ghabhail fola do bhràthar o dlàimh.

12 ’Nuair a shaoithricheas tun talamh, cha toir [cha doir, cho tabhair. ] e dhuit a so suas a neart. Atfhògarach agus atfhear-fuadain bithidh [biaidh. Eir.] tu air an talamh.

13 Agus thubhairt Cain ris an Tighearna, Is mo pheanas na gur urrainn mi ghiùlan [’Smò mo choire na gu’m feudar a laghadh dhamh. ] .

14. Feuch, dh’ fhògair thu mi mach an diugh bhàrr aghaidh na talmhainn: agus o dghnùis-sa folaichear mi, agus bithidh mi mfhògarach agus amfhear-fuadain air an talamh; agus tarlaidh gach neach a gheibh mi [dh’amaiseas orm. ] gu marbh e mi.

15 Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge be air bith a mharbhas Cain, nìthear a sheachd uiread do dhioghaltas air [nithear dioghaltas seachd-fhillte air. ] . Agus chuir an Tighearna comharair Càin, a chum ge be neach a gheibheadh e nach marbhadh se e.

16 Agus chaidh Cain a mach a làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Nod an taobh an ear do Eden [’san aird an ear o Eden. ] .


[11]

17 Agus dh’aithnich Càin a bhean, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile [cathair. ] , agus ghoir e ainm a bhaile a réir ainme a mhic, Enoch.

18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Lamech.

19 Agus ghabh Lamech dha féin mhnaoi: be ainm a h-aon diubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.

20 Agus ghin Adah Iabal: besan athair na droinge [muintir, dream. ] a ta gabhail còmhnuidham bùthaibh [bothagaibh, pàilliunaibh. ] , agus na droinge aig am bheil spréidh.

21 Agus be ainm a bhràthar Iubal: besan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ.

22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal-cain, fear-teagaisg gach uile fir-ceird ann an ùmhadh [prais. ] agusan iarun: agus bi piuthar Thubal-cain, Naamah.

23 Agus thubhairt Lamech ra mhnaibh, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnài Lameich, éisdibh remchainnt: oir mharbh mi duine chum mo lotaidh, agus òganach a chum mo chiurraidh [dhochair. ] .

24 Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhin dìolar Lamech a sheachd-deug agus a thri fichead uiread.

25 Agus dhaithnich Adhamh a rìs a bhean, agus rug i mac, agus thug i Set [Seth. Eabh.] mar ainm air; oir dhòrduich Dia, thubhairt i, dhomhsa sliochd eilen àite Abeil, a mharbh Cain.

26 Agus do Shet féin mar an ceudna rugadh mac, agus thug e Enos mar ainm air: ’an sin thòisich daoine re gairm air ainm an Tighearna.

titleCaibideil IV
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page