CAIB. XL.
AGUS ’an déigh nan nithe sin chuir buidealair righ na h-Eiphit, agus fhuineadair, fearg air an tighearna righ na h-Eiphit.
2 Agus bha corruich mhòr air Pharaoh re dithis d’a sheirbhisich, ris an ard-bhuidealair, agus ris an ard-fhuineadair.
3 Agus chuir e ’n làimh [ann an daingneach. ] iad ann an tigh ceannaird an fhreiceadain ’sa’ phrìosan, far an robh Ioseph ceangailte.
4 Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Ioseph, agus fhritheil e dhoibh; agus dh’fhan iad tamull [seal. ] ann an làimh.
5 Agus chunnaic iad aisling le chéile, gach fear ac’ aisling féin ’san aon oidhche, gach fear a réir eadar-mhìneachaidh aislinge; am buidealair agus fuineadair righ na h-Eiphit, a bha ceangailte ’sa’ phrìosan.
6 Agus thàinig Ioseph a steach d’an ionnsuidh ’sa’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus feuch, bha iad dubhach.
7 Agus dh’fheòraich e do sheirbhisich Pharaoih, a bha ’n làimh maille ris ann an tigh a thighearna, ag ràdh, C’ar son a tha bhur gnùis cho mhuladach an diugh?
8 Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus cha ’n ’eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Ioseph riu, Nach ann o Dhia tha gach eadar-mhìneachadh? innsibh dhomhs’ iad, guidheam oirbh.
9 Agus dh’innis an t-ard-bhuidealair aisling do Ioseph, agus thubhairt e ris, A’m’ aisling-sa feuch, bha fìneamhain fa m’ chomhair.
10 Agus air an fhìneamhain bha tri meanglain [geuga. ] ; agus bha i mar gu’m biodh i a’ briseadh a mach, agus thàinig i fuidh làn-bhlàth, agus thug a bagaidean dearcan abuich uatha.
11 Agus bha cupan Pharaoih a’m’ làimh; agus ghabh mi na fìon-dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ’an cupan Pharaoih, agus thug mi ’n cupan ann an làimh Pharaoih.
12 Agus thubhairt Ioseph ris, ’Se so a h-eadar-mhìneachadh: Na tri meanglain, is tri lài iad.
13 Eadhon ’an ceann thri lài togaidh Pharaoh suas do cheann, agus bheir e rìs gu t’àite féin thu; agus bheir thu cupan Pharaoih ’na làimh mar a b’àbhuist duit roimhe ’nuair a bha thu d’bhuidealair aige.
14 Ach cuimhnich thusa orm-sa ’nuair a dh’éireas gu math dhuit, agus dean, guidheam ort, caoimhneas domh: agus thoir iomradh orm re Pharaoh, agus thoir a mach mi as an tigh so:
15 Oir gu deimhin ghoideadh air falbh mi a tìr nan Eabhruidheach, agus mar an ceudna ’n so cha d’rinn mi ni sam bith gu’n cuirte ’san t-slochd mi.
16 ’Nuair a chunnaic an t-ard-fhuineadair gu’n d’eadar-mhìnich e gu math, thubhairt e re Ioseph, Bha mise mar an ceudna a’m’ aisling, agus feuch, bha tri bascaide geala air mo cheann:
17 Agus anns a’ bhascaid a b’àirde bha do gach seòrta bìdh air son Pharaoih do dheasachadh an fhuineadair; agus dh’ith an eunlaith iad a mach as a’ bhascaid air mo cheann.
18 Agus fhreagair Ioseph, agus thubhairt e, ’S e so a h-eadar-mhìneachadh [brìgh. ] : Na tri bascaide, ’s tri lài iad.
19 ’An ceann thri lài togaidh Pharaoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith t’fheoil dhìot.
20 Agus air an treas là, co’ -ainm latha-breithe Pharaoih, rinn e cuirm d’a sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd-bhuidealair, agus ceann an àrd-fhuineadair am measg a sheirbhiseach.
21 Agus thug e ’n t-àrd-bhuidealair a chum a bhuidealaireachd a rìs; agus thug e ’n cupan ’an làimh Pharaoih:
22 Ach chroch e ’n t-àrd-fhuineadair, mar a dh’eadar-mhìnich Ioseph dhoibh.
23 Gidheadh cha do chuimhnich an t-àrd-bhuidealair air Ioseph, ach dhì-chuimhnich se e.
title | Caibideil XL |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |