[75]

CAIB. XLI.

AGUSan ceann bhliadhna iomlan, chunnaic Pharaoh aisling; Agus feuch, sheas e làimh ris an abhainn:

2 Agus feuch, thàinig a nìos as an abhainn seachd , sgiamhach ram faicinn, agus reamharam feoil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur [lian, lòn, miadan. ] .

3 Agus feuch, thàinig seachd eile nìosnan déigh as an abhainn, granda rem faicinn, agus caolnam feoil; agus sheas iad làimh ris na eile, air bruaich na h-aibhne.

4 Agus dhith na bha granda ram faicinn agus caolnam feoil, suas na seachd sgiamhacha agus reamhra. Mar sin dhùisg Pharaoh.

5 Agus choidil agus chunnaic e aisling an dara uair: Agus feuch, dhéirich suas seachd diasan air aon choinlin, reachdmhor agus math.

6 Agus feuch, dhfhàs suasnan déigh seachd diasa caola, agus air an seargadh leis aghaoithn ear.

7 Agus shluig na seachd diasa caola sìos na seachd diasa reachdmhor agus làn: agus dhùisg Pharaoh, agus feuch, baisling a bhann.

8 Agussamhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh [air a chràdh. ] ; agus chuir e fios uaith agus ghairm e uile dhruidhean na h-Eiphit, agus a daoine glic uile: agus dhinnis Pharaoh aisling dhoibh; ach cha robh neach ann a dheadar-mhìnicheadh iad do Pharaoh.

9An sin labhair an t-ard-bhuidealair re Pharaoh, ag ràdh, An diugh tha misacuimhneachadh mo lochdan [mo choire. ] .

10 Bha fearg air Pharaoh ra sheirbhisich, agus chuir e misen làimh ann an tigh cheannaird an fhreiceadain, araon mise, agus an t-àrd-fhuineadair.

11 Agus chunnaic sinn aislingsan aon oidhche, misagus esan: chunnaic gach fear againn aisling a réir eadar-mhìneachaidh aislinge.

12 Agus bhan sin maille ruinne òganach Eabhruidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dhinnis sinn da, agus dheadar-mhìnich e dhuinn ar n-aislingean: do gach fear againn aréir aislinge dheadar-mhìnich e.

13 Agus mar a dheadar-mhìnich e dhuinn, mar sin bha e: mise chuir e rìs ann am àite, agus esan chroch e.

14 Agus chuir Pharaoh teachdoire uaith, agus ghairm e Ioseph, agus thug iad le cabhaig a mach as an t-slochd e: agus bhearr fe e féin, agus mhùth e eudach, agus thàinig e steach a dhionnsuidh Pharaoih.

15 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Chunnaic mi aisling, agus chaneil neach ann a dheadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mu dthimchiollsa, ’nuair a chluinneas tu aisling gur aithne dhuit a h-eadar-mhìneachadh.

16 Agus fhreagair Ioseph Pharaoh, ag ràdh, Chaneil e annamsa: bheir Dia freagradh sìth do Pharaoh.

17 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Amaisling, feuch, sheas mi air bruaich na h-aibhne:


[76]

18 Agus feuch, thàinig a nìos as an abhainn seachd , reamharam feoil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradham mìn-fheur:

19 Agus feuch, thàinig seachd eile nìosnan déigh, bochd agus ro-ghranda, agus caolam feoil: chan fhaca min samhuil riamh ann an uile thìr na h-Eiphit air olcas.

20 Agus dhith na caolagus granda suas na ceud seachd reamhra.

21 Agusnuair a dhith iad suas iad, chan aithnichte orra gun dith siad iad; ach bha iad granda ram faicinn maran toiseach. ’An sin dhùisg mi.

22 Agus chunnaic mi amaisling: agus feuch, thàinig a nìos seachd diasan air aon choinlin, làn agus math:

23 Agus feuch, dhfhàs suasnan déigh seachd diasan, air an crìonadh, caol agus seargta leis aghaoithn ear.

24 Agus shluig na diasa caola sìos na seachd diasa matha: agus dhinnis mi so do na druidhibh; ach cha robh neach ann a burradh achùis fhoillseachadh dhomh.

25 Agus thubhairt Ioseph re Pharaoh, Aisling Pharaoih, is aon i: an ni sin a ta Dia gus a dheanamh, dhfhoillsich e do Pharaoh.

26 Na seachd matha, is seachd bliadhnan iad; agus na seachd diasa matha, is seachd bliadhnan iad: is aon an aisling.

27 Agus na seachd caolagus granda thàinig a nìosnan déigh, is seachd bliadhnan iad; agus na seachd diasa fàs [falamh, caocha. ] seargta leis aghaoithn ear, bithidh iadnan seachd bliadhnan gortaidh.

28 So an ni a thubhairt mi re Pharaoh: An ni ta Dia gus a dheanamh, nochd e do Pharaoh.

29 Feuch, tha seachd bliadhnan mòr-phailteis ateachd feadh thìr na h-Eiphit uile:

30 Agus éiridh seachd bliadhnan gortaidh suasnan déigh, agus -chuimhnichear am pailteas uilen tìr na h-Eiphit, agus claoidhidh aghortan tìr.

31 Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr air son na gortaidh a leanas: oir bithidh i ro-throm.

32 Agus a thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Pharaoh uair, tha sin a chionn gu bheil an ni air a shuidheachadh le Dia , agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e.

33 A nis uime sin amhairceadh Pharaoh a mach air son duine thuigsich agus ghlic, agus cuireadh e os cionn tìr na h-Eiphit e.

34 Deanadh Pharaoh so, agus orduicheadh e luchd-riaghlaidh as cionn na tìre, agus togadh iad an cùigeadh cuid do thoradh tìr na h-Eiphitsna seachd bliadhnaibh pailteis.

35 Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhna matha sin re teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fuidh làimh Pharaoih, agus gleidheadh iad biadhsna bailtibh.

36 Agus bithidh am biadh sinna thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gortaidh a bhitheas ann an tìr


[77] na h-Eiphit; chum as nach dthéid as don tìr leis aghorta.

37 Agus bha chomhairle math [bha an ni math. ] ann an sùilibh Pharaoih, agus ann an sùilibh a sheirbhiseach uile.

38 Agus thubhairt Pharaoh ra sheirbhisich, Am bheil en comas duinn a leithid so do dhuine fhaotainn, anns am bheil spiorad Dhé?

39 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, A thaobh gun dfhoillsich Dia so uile dhuit, chaneil neach ann cho tuigseach agus cho ghlic riut féin.

40 Bithidh tu os cionn mo thighe-sa, agus a réir tfhocail bithidh mo shluagh uile air an riaghladh: a mhàinsan righ-chathair bithidh mise nis na thu.

41 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Faic, chuir mi thu os cionn uile thìr na h-Eiphit.

42 Agus thug Pharaoh fhàinne bhàrr a làimh, agus chuir e air làimh Ioseiph e; agus sgeadaich se e ann an trusgan do lìon-eudach [anart. ] grinn, agus chuir e slabhruidh òir ma mhuineal.

43 Agus thug e air marcachdsan dara carbad a bhaige féin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn [Athair chaoimh. ] : agus rinn se ena uachdaran air tìr na h-Eiphit uile.

44 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Is mise Pharaoh, agus as teugmhais-sa cha tog duine suas a làmh no a chos ann an tìr na h-Eiphit uile.

45 Agus thug Pharaoh Saphnat-paaneah mar ainm air Ioseph; agus thug e dha Asenat nighean Photipheraih shagairt Oin mar mhnaoi: agus chaidh Ioseph a mach air feadh uile thìr na h-Eiphit.

46 Agus bha Ioseph deich bliadhna fichead a dhaois an uair a sheas em fianuis Pharaoih righ na h-Eiphit: agus chaidh Ioseph a mach o làthair Pharaoih, agus chaidh e troimh [romh; trìd. Eir.] thìr na h-Eiphit uile.

47 Agus thug an talamh a mach anns na seachd bliadhnaibh pailteisna ghlacaidibh.

48 Agus chruinnich e ra chéile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bhan tìr na h-Eiphit; agus thaisg e suas biadhsna bailtibh: biadh fearainn gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.

49 Agus chuir Ioseph ra chéile sìol mar ghaineamh na fairge, ro-mhòran, gus an do sguir e da àireamh; oir bha e gun àireamh.

50 Agus do Ioseph rugadh dithis mhac mun dthàinig bliadhnacha na gortaidh, a rug Asenat dha, nighean Photipheraih shagairt Oin.

51 Agus thug Ioseph Manaseh mar ainm air acheud-ghin; oir thug Dia orm, arsesan, mo shaothair uile dhì-chuimhneachadh, agus tigh mathar uile.

52 Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsesan, a bhi sìolmhar ann an tìr màmhghair.

53 Agus chrìochnuicheadh seachd bliadhnan aphailteis a bha ann an tìr na h-Eiphit.

54 Agus thòisich seachd bliadhnan na gortaidh re teachd, mar a thubhairt Ioseph; agus


[78] bha ghorta anns na dùthchannaibh uile: ach ann an uile thìr na h-Eiphit bha aran.

55 Agus an uair a bha tìr na h-Eiphit uile ann an uireasbhuidh, ’an sin ghlaodh an sluagh re Pharaoh air son arain: agus thubhairt Pharaoh ris na h-Eiphitich uile, Ruigibh Ioseph; an ni sin a their e ruibh deanaibh.

56 Agus bha ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dhfhosgail Ioseph na taisgeachan [tighean-stòir. ] uile, agus reic e ris na h-Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghort’ [dh’fhàs a’ ghorta geur. ] ann an tìr na Eiphit.

57 Agus thàinig gach dùthaich don Eiphit a dhionnsuidh Ioseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich aghortasgach dùthaich.

titleCaibideil XLI
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page