CAIB. XLII.
A NIS an uair a chunnaic Iacob gu’n robh sìol [gràn, arbhar. ] ’san Eiphit, thubhairt e r’a mhic, C’ar son a ta sibh ag amharc air a chéile?
2 Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol ’san Eiphit: rachaibh sìos ’an sin, agus ceannaichibh dhuinn as sin, chum as gu’m bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs.
3 Agus chaidh deichnear bhràithrean Ioseiph sìos a cheannach sìl ’san Eiphit.
4 Ach cha do chuir Iacob Beniamin bràthair Ioseiph maille r’a bhràithribh: oir thubhairt e, An t-eagal gu’n éirich olc [dosgaich, sgiorradh, tubaist. ] dha.
5 Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl ’am measg na muinntir a thàinig: oir bha ghort’ ann an tìr Chanaain.
6 Agus bha Ioseph ’na uachdaran air an tìr: B’ esan a bha a’ reiceadh re sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Ioseiph, agus chrom siad iad féin sìos da, le ’n aghaidh gu làr.
7 Agus chunnaic Ioseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn se e féin ’na choigreach dhoibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanaain a cheannach bìdh.
8 Agus dh’aithnich Ioseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan.
9 Agus chuimhnich Ioseph air na h-aislingean a chunnaic e mu’n timchioll, agus thubhairt e riu; Is luchd-brathaidh [luchd-rannsachaidh. ] sibh; a dh’fhaicinn lomnochdaidh na tìre thàinig sibh.
10 Agus thubhairt iad ris, Cha sinn, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:
11 Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd-brathaidh do sheirbhisich.
12 Agus thubhairt esan riu, Ni h-eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdaidh na tìre thàinig sibh.
13 Agus thubhairt iad, Is dà bhràthair dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanaain; agus feuch, tha’m fear a’s òig’ an diugh maille ra’r n-athair, agus tha h-aon nach maireann [nach ’eil ann. ]
14 Agus thubhairt Ioseph riu, So an ni a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd-brathaidh sibh.
15 Mar so dearbhar sibh; mar is beo Pharaoh cha d’théid sibh a mach as so, mur d’thig bhur bràthàir a’s òige ’n so.
16 Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis bhur bràthair, agus gleidhear sibhs’ am prìosan [ceanglar sibhse. Eabh.] , chum as gu’n dearbhar bhur briathran, am bheil no nach ’eil fìrinn annaibh: no mar is beo Pharaoh, gu cinnteach is luchd-brathaidh sibh.
17 Agus chuir e ’m prìosan iad uile rè thri lài.
18 Agus thubhairt Ioseph riu air an treas là, Deanaibh so, agus bithibh beo: oir tha eagal Dé ormsa.
19 Ma ’s daoine fìrinneach sibh, fàgar aon d’ar bràithribh ceangailte ’n tigh bhur prìosain: agus imichibh-sa, thugaibh leibh sìol air son gortaidh bhur teaghlaiche.
20 Ach thugaibh bhur bràthair a’s òig’ a m’ ionnsuidh; mar sin dearbhar bhur briathran [fìrinnichear bhur briathra. ] , agus cha ’n fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin.
21 Agus thubhairt iad r’a chéile, Tha sinn gu deimhin ciontach a thaobh ar bràthar, do bhrìgh gu’m faca sinn cràdh anma, ’nuair a ghuidh e oirn, agus nach d’éisd sinn ris: uime sin thàinig an airc [cruaidh-chàs. ] so oirn.
22 Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh ’an aghaidh an leinibh; agus cha d’éisd sibh? Uime sin feuch mar ’an ceudna tha fhuil air a h-iarraidh oirn.
23 Agus cha robh fhios aca-san gu’n robh Ioseph ’gan tuigsinn; oir bha eadar-theangair eatorra.
24 Agus thionndaidh se e féin uatha, agus ghuil e; agus phill e rìs d’an ionnsuidh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uatha, agus cheangail se e fa chomhair an sùl.
25 ’An sin dh’àithn Ioseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgiod gach duine chur air ais ’na shac, agus biadh a thoirt doibh air son na slighe: agus is ann mar so a rinn e riu.
26 Agus thog iad an sìol air an asalaibh, agus dh’imich iad a sin.
27 Agus an uair a dh’fhosgail fear ac’ a shac a thoirt bìdh d’a asal ’san tigh-òsda, chunnaic e airgiod; oir feuch bha e ’m beul a shaic.
28 Agus thubhairt e r’a bhràithribh, Thugadh air ais m’airgiod-sa; agus feuch, tha e eadhon a’m’ shac. Agus dh’fhàilingich an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh gach fear r’a chéile, Ciod é so rinn Dia oirn?
29 Agus thàinig iad a chum Iacoib an athar do thìr Chanaain, agus dh’innis iad dha gach ni thachair dhoibh, ag ràdh,
30 Labhair an duine ta ’na uachdaran air an tìr ruinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd-brathaidh air an dùthaich.
31 Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd-brathaidh idir sinn;
32 Is dà bhràthair dheug sinn, mic ar n-athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha ’m mac
33 Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre ruinn, Mar so aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon d’ar bràithribh maille riumsa, agus gabhaibh biadh air son gortaidh bhur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd:
34 Agus thugaibh bhur bràthair a’s òige a m’ ionnsuidh; ’an sin bithidh fios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise bhur bràthair dhuibh, agus ni sibh ceannachd ’san tìr.
35 Agus an uair a thaomaich iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine ’na shac féin, agus an uair a chunnaic iad féin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra.
36 Agus thubhairt Iacob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Ioseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniamin bheir sibh air falbh: m’aghaidh-sa tha na nithe sin uile.
37 Agus labhair Reuben r’a athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mur d’thoir mi t’ionnsuidh e: thoir thairis do m’ làimhs’ e, agus bheir mis’ a t’ionnsuidh a rìs e.
38 Agus thubhairt e, Cha d’théid mo mhac sìos maille ribh; oir tha bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan ’na aonar: ma thachras olc dha ’san t-slighe air an d’théid sibh, ’an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn do’n uaigh.
title | Caibideil XLII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |