CAIB. XLIII.
AGUS bha ghorta ro-mhòr ’san tìr.
2 Agus an uair a dh’ith iad suas an sìol a thug iad as an Eiphit, thubhairt an athair riu, Rachaibh a rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh.
3 Agus labhair Iudah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnte dhuinn, ag ràdh, Cha’n fhaic sibh mo ghnùis-sa mur bi bhur bràthair maille ribh.
4 Ma chuireas tu ar bràthair maille ruinn, théid sinn sìos agus ceannaichidh sinn biadh dhuit;
5 Ach mur cuir thu leinn e, cha d’ théid sinn sìos: oir thubhairt an duine ruinn, Cha’n fhaic sibh mo ghnùis mur bi bhur bràthair maille ribh.
6 Agus thubhairt Israel, C’ar son a bhuin sibh cho olc rium, agus gu’n d’innis sibh do’n duine gu’n robh bràthair tuilleadh agaibh?
7 Agus thubhairt iad, Dh’fhiosraich an duine dhinn gu teann m’ar timchioll féin, agus mu thimchioll ar càirdean, ag ràdh, Am bheil bhur n-athair fathast beo? am bheil bràthair eile agaibh? Agus dh’innis sinne dha a réir brì’ nam briathra sin: Am b’ urradh sinne fios a bhi againn gu cinnteach gu’n abradh e, Thugaibh bhur bràthair a nuas?
8 Agus thubhairt Iudah re h-Israel athair, Cuir an t-òganach maille riumsa, agus éiridh sinn, agus imichidh sinn, a chum as gu’m bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu féin, agus mar an ceudna ar clann bheag.
9 Bithidh mis’ a’m’ urras air a shon; o m’ làimh-sa iarraidh tu e: mur d’thoir mis’ a t’ionnsuidh, agus mur cuir mi a’d’
10 Oir mur bitheamaid air deanamh moille, gu cinnteach bha sinn a nis air pilltinn air ar n-ais an dara uair so.
11 Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhi mar sin a nis, deanaibh so; gabhaibh do’n toradh [do’n mheas. ] a’s fearr ’san tìr ’nar soithichibh [soirrichibh. ] , agus thugaibh sìos tiodhlac do’n duine; beagan ìoc-shlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan [cnuthan. ] , agus almoine:
12 Agus thugaibh leibh airgiod dùbailte [dà-fhillte. ] ’nar làimh, agus an t-airgiod a thugadh air ais ’am beul bhur sac, thugaibh air ais e ’nar làimh; theagamh gur mearachd a bh’ann.
13 Gabhaibh mar an ceudna bhur bràthair; agus éiribh, rachaibh a rìs a dh’ionnsuidh an duine.
14 Agus gu’n d’thugadh Dia uile-chumhachdach tròcair dhuibh ’an làthair an duine, chum as gu’n leig e air falbh leibh bhur bràthair eile, agus Beniamin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.
15 Agus ghabh na daoin’ an tiodhlac sin, agus thug iad leo airgiod dùbailte ’nan làimh, agus Beniamin; agus dh’éirich iad agus chaidh iad sìos do’n Eiphit, agus sheas iad ’an làthair Ioseiph.
16 Agus an uair a chunnaic Ioseph Beniamin maille riu, thubhairt e re fear-riaghlaidh a thighe, Thoir na daoine sin dachaidh, agus marbh, agus deasaich; oir maille riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon-là.
17 Agus rinn an duine mar a dh’iarr Ioseph; agus thug e na daoine do thigh Ioseiph.
18 Agus bha eagal air na daoine, chionn gu’n d’thugadh iad do thigh Ioseiph, agus thubhairt iad, ’S ann air son an airgid a chuireadh air ais ’nar sacaibh a’ cheud uair a thugadh a stigh sinn; chu’m gu faigh e cion-fàth ’nar n-aghaidh, agus gu’n tuit e oirn [gu’n leum, gu’m buail e oirn. ] , agus gu’n gabh e sinn mar thràillean [mar dhaoine daor. ] , agus ar n-asail.
19 Agus thàinig iad am fagus do fhear-riaghlaidh tighe Ioseiph, agus labhair iad ris aig dorus an tighe,
20 Agus thubhairt iad, O mo thighearna, thàinig sinn da rìreadh a nuas ’an toiseach a cheannach bìdh.
21 Agus an uair a thàinig sinn do’n tigh-òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgiod gach fir am beul a shaic, ar n-airgiod ’na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e ’nar làimh.
22 Agus airgiod eile thug sinn a nuas leinn ’nar làimh a cheannach bidhe: cha ’n’eil fhios againn cò chuir ar n-airgiod ’nar sacaibh.
23 Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug bhur Dia féin, agus Dia bhur n-athar ionmhas duibh ’nar sacaibh: fhuair mise bhur n-airgiod. Agus thug e Simeon a mach d’an ionnsuidh.
24 Agus thug an duine na
25 Agus dh’ulluich iad an tiodhlac ’an coinneamh do Ioseph teachd aig meadhon-là; oir chual’ iad gu’n robh iad gu aran itheadh ’an sin.
26 Agus an uair a thàinig Ioseph dhachaidh [dhathigh. ] , thug iad d’a ionnsuidh an tiodhlac, a bha ’nan làimh, do’n tigh: agus chrom siad iad féin dha gu làr.
27 Agus dh’fheòraich e ’n robh iad gu math, agus thubhairt e, Am bheil bhur n-athair, an seann duine mu’n do labhair sibh, gu math? Am bheil e fathast beo?
28 Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n-athair-ne gu math; tha e fathast beo: agus chrom siad iad féin sìos, agus rinn iad ùmhlachd.
29 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniamin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e so bhur bràthair a’s òige, mu’n do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu’n robh Dia gràsmhor dhuit, a mhic.
30 Agus rinn Ioseph cabhag, oir bha chridhe a’ tiomachadh r’a bhràthair; agus dh’iarr e àit’ anns an guileadh e; agus chaidh e steach d’a sheòmar, agus ghuil e ’n sin.
31 Agus nigh e eudan, agus chaidh e mach, agus chum e air féin, agus thubhairt e, Cuiribh sìos aran.
32 Agus chuir iad sìos dha-san leis féin, agus dhoibhsan leo féin, agus do na h-Eiphitich, a dh’ith maille ris, leo féin; a chionn nach feudadh na h-Eiphitich aran itheadh maille ris na h-Eabhruidhich; oir is gràineileachd sin do na h-Eiphitich.
33 Agus shuidh iad sìos ’na làthair, an ceud-ghin a réir a chòir-breithe [a cheirt-beirthe. Eir.] , agus am fear a b’òige a réir òige: agus ghabh na daoine iongantas gach fear r’a chéile.
34 Agus ghabh esan, agus chuir e cuibhrionnan o làthair féin d’an ionnsuidh: ach rinn e cuibhrionn Bheniamin cùig uaire ni bu mhò na cuid a h-aon aca-san. Agus dh’òl iad, agus bha iad subhach [criodhail. ] maille ris.
title | Caibideil XLIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |