[82]

CAIB. XLIV.

AGUS dhàithn e do fhear-riaghlaidh [stiùbhard. ] a thighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine le sìol amheuds is urradh iad a ghiùlan, agus cuir airgiod gach duineam beul a shaic.

2 Agus cuir mo chupans’, an cupan airgid, ’am beul saic an fhir as òige, agus airgiod a shìl: agus rinn e réir an fhocail a labhair Ioseph.

3 Co luaths a bha mhadainn soilleir, chuireadh na daoinair falbh, iad féin agus an asail.

4 Agus an uair a chaidh iad a mach as abhaile, agus gun iad fathast fado làimh, thubhairt Ioseph re fear-riaghlaidh a thighe, Eirich, lean na daoine; agus an uair a bheireas tu orra, abair riu, Car son a dhìol sibh olcan éiric maith [olc air son maith. ] ?

5 Nach e so an cupan as am


[83] bheil mo thighearn ag òl? agus leis am bheil e da rìreadh adeanamh fiosachd? is olc a fhuara sibh so a dheanamh.

6 Agus rug e orra, agus labhair e riu na briathra ceudna.

7 Agus thubhairt iad ris, Car son a labhras mo thighearna na briathra so? nar leigeadh Dia gun deanadh do sheirbhisich a réir an ni so.

8 Feuch, an t-airgiod a fhuair sinnam beul ar sac, thug sinn a rìs a tionnsuidh a tìr Chanaain; cionnas uime sin a ghoideamaid airgiod no òr a tigh do thighearna?

9 Cia be air bith do dsheirbhisich aig am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus bithidh sinne mar an ceudnanar tràillean aig mo thighearna.

10 Agus thubhairt e, A nis ma ta bitheadh e réir bhur briathra: bithidh esan aig am faighear ena sheirbhiseach agamsa; agus bithidh sibhse neo-choireach.

11An sin thug iad a nuas gu grad gach duine a shac féin gu làr, agus dhfhosgail gach duine a shac.

12 Agus rannsaich esan, agus thòisich [thòsaich, thionnsgain. ] e aig an fhear bu shine, agus sguir e aig an fhear a bòige: agus fhuaradh an cupan ann an sac Bheniamin.

13An sin reub iad an eudach, agus chuir gach duine a shac air asail, agus phill iad don bhaile.

14 Agus thàinig Iudah, agus a bhràithre do thigh Ioseiph (oir bha e fathastan sin) agus thuit iad sìosna fhianuis air an làr.

15 Agus thubhairt Ioseph riu, Ciod én gnìomh so a rinn sibh? nach robh fhios agaibh gur aithne do mleithidse do dhuine da rìreadh fiosachd a dheanamh?

16 Agus thubhairt Iudah, Ciod a their sinn re mthighearna? cionnas a labhras sinn? no cionnas a ghlanas sinn sinn féin? fhuair Dia a mach aingidheachd do sheirbhiseach: feuch, tha sinnenar seirbhisich do mthighearna, faraon sinne, agus esan mar an ceudna aig [’na làimh. Eabh.] an dfhuaradh an cupan.

17 Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gun deanainnse so: ach an duine aig an dfhuaradh an cupan, bithidh esanna sheirbhiseach agamsa; agus dar taobhsa, rachaibh suasan sìth a dhionnsuidh bhur n-athar.

18An sin thàinig Iudah am fagus da, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig le dsheirbhiseach, guidheam ort, focal a labhairt ann an cluasaibh mo thighearna, agus na lasadh tfheargan aghaidh do sheirbhisich: oir is amhuil thusa agus Pharaoh.

19 Dhfheòraich mo thighearna da sheirbhisich, ag ràdh, Am bheil athair agaibh, no bràthair?

20 Agus thubhairt sinn re mthighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a shean aois, maothran: agus tha bhràthair marbh, agus dhfhàgadh esanna aonar do chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig athair air.

21 Agus thubhairt thu re dsheirbhisich, Thugaibh a nuas e


[84] do mionnsuidhsa chum as gun socruich mi mo shùilean air.

22 Agus thubhairt sinne re mthighearna, Chan fheud an leanabh athair fhàgail: oir nam fàgadh e athair, gheibheadh athair bàs.

23 Agus thubhairt thusa re dsheirbhisich, Mur dthig bhur bràthair as òigenuas maille ribh, chan fhaic sibh maghaidh-sa nis .

24. Agus an uair a chaidh sinne suas a dhionnsuidh do sheirbhisich mathar, dhinnis sinn da focail mo thighearna.

25 Agus thubhairt ar n-athair, Rachaibh a rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh.

26 Agus thubhairt sinne, Chan fheud sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille ruinn, ’an sin théid sinn sìos; oir chan fheud sinn aghaidh an duine fhaicinn, mur bi ar bràthair as òige maille ruinn.

27 Agus thubhairt do sheirbhiseach mathair ruinn, Tha fhios agaibh gun do rug mo bhean dithis mhac dhomh.

28 Agus chaidh aon diubh a mach uam, agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadhna bhloighdibh e; agus chan fhaca mi o sin e.

29 Agus ma bheir sibh am mac so uam mar an ceudna, agus gun dthig tubaist air, bheir sibh sìos mfhalt liath le bròn don uaigh.

30 A nis uime sin an uair a thig misa dhionnsuidh do sheirbhisich mathar gun an leanabh maille ruinn (do bhrìgu bheil anam-sa ceangailtann an anam an leinibh)

31 Tarlaidh, ’nuair a chi e nacheil an leanabh maille ruinn, gum faigh e bàs: agus bheir do sheirbhiseach sìos falt liath do sheirbhisich ar n-athar le bròn don uaigh.

32 Oir chaidh do sheirbhiseachan urras air son an leinibh do mathair, ag ràdh, Mur dthoir mi ationnsuidh e, ’an sin bithidh mi fuichoire aig mathair gu bràth.

33 A nis uime sin, guidheam ort, leig le dsheirbhiseach fantuinnan àitan leinibh, amthràill do mthighearna; agus leig leis an leanabh dol suas maille ra bhràithribh.

34 Oir cionnas a théid mise suas a dhionnsuidh mathar, agus gun an leanabh maille rium? an t-eagal gu faic mi ’n t-olc a thig air m’athair.

titleCaibideil XLIV
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page