CAIB. XLV.
AGUS cha b’urrainn Ioseph cumail air féin ’nan làthair-san uile a sheas làimh ris, agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine mach uam: agus cha do sheas duine sam bith maille ris, an uair a rinn Ioseph e féin aithnichte d’a bhràithribh.
2 Agus ghuil e gu h-àrd; agus chuala na h-Eiphitich, agus tigh Pharaoih e.
3 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, Is mise Ioseph; am bheil m’athair fathast beo? agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra roimh a làthair-san.
4 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, Thigibh am fagus domh, guidheam oirbh; agus thàinig iad am fagus: Agus thubhairt esan, Is mise Ioseph
5 Agus a nis na biodh doilgheas oirbh, no corruich agaibh ribh féin, a chionn gu’n do reic sibh mise ’n so [do’n dùthaich so] ; oir chuir Dia romhaibh mi gu sibhs’ a ghleidheadh beo:
6 Oir rè an dà bhliadhna-sa bha ghorta ’san tìr, agus tha fathast cùig bliadhna re teachd, anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar.
7 Agus chuir Dia mise romhaibh a ghleidheadh dhuibhse iarmaid [sliochd. ] air thalamh, agus a thearnadh bhur beatha le fuasgladh mòr.
8 A nis uime sin cha sibhs’ a chuir mis’ ’an so, ach Dia; agus rinn e mi a’m’ athair do Pharaoh, agus a’m’ thighearna os cionn a thighe uile, agus a’m’ uachdaran ann an tìr na h-Eiphit uile.
9 Deanaibh cabhag, agus rachaibh suas a chum m’athar, agus abraibh ris, Mar so thubhairt do mhac Ioseph, Rinn Dia mis’ a’m’ uachdaran air an Eiphit uile; thig a nuas a’m’ ionnsuidh, na dean moille:
10 Agus gabhaidh tu còmhnuidh ’am fearann Ghosein, agus bithidh tu’m fagus dhomhsa, thu féin, agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar [chrodh. ] , agus gach ni a ta agad.
11 Agus beathaichidh mise thu ’n sin (oir fathast bithidh cùig bliadhna gorta ann) an t-eagal gu’n d’thig thu féin, agus do theaghlach, agus gach ni a ta agad, gu bochdainn.
12 Agus feuch, tha bhur sùilean a’ faicinn, agus sùilean mo bhràthar Bheniamin, gur e mo bheul féin a tha labhairt ribh.
13 Agus innsidh sibh do m’athair mo ghlòir-sa uile ’san Eiphit, agus gach ni a chunnaic sibh; agus ni sibh cabhag, agus bheir sibh a nuas m’athair ’an so.
14 Agus thuit e air mhuineal [leum e mu mhuineal. ] a bhràthar Beniamin, agus ghuil e; agus ghuil Beniamin air a mhuineal-san.
15 Phòg e mar an ceudna a bhràithrean uile, agus ghuil e os an ceann: agus ’na dhéigh sin rinn a bhràithrean cainnt ris.
16 Agus chualas iomradh so ann an tigh Pharaoih, ag ràdh, Tha bràithrean Ioseiph air teachd: agus thaitinn e gu math re Pharaoh, agus r’a sheirbhisich.
17 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Abair re d’ bhràithribh, Deanaibh so, sacaichibh bhur n-ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanaain.
18 Agus thugaibh leibh bhur n-athair, agus bhur teaghlaichean, agus thigibh a m’ ionnsuidhs’, agus bheir mise dhuibh math tìre na h-Eiphit; agus ithidh sibh reamhrachd na tìre.
19 A nis thugadh àithne dhuit; deanaibhsa mar so: thugaibh leibh a tìr na h-Eiphit carbadan air son bhur cloinne bige, agus bhur ban, agus thugaibh bhur n-athair leibh, agus thigibh.
20 Agus na biodh suim agaibh d’ar n-airneis-tighe; oir is leibh-sa math tìre na h-Eiphit uile.
21 Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Ioseph dhoibh carbadan a réir ordugh Pharaoih; agus thug e dhoibh lòn [biadh. ] air son na slighe.
22 Thug e dhoibh uile do gach aon diubh fa leth culaidhean eudaich [atharrachadh culaidh. Eabh.] ; ach do Bheniamin thug e tri cheud bonn airgid, agus cùig culaidhean eudaich.
23 Agus chuir e dh’ionnsuidh athar mar so: deich asail a’ giùlan do nithibh matha na h-Eiphit, agus deich asail bhainionn a giùlan sìl, agus arain, agus lòin d’an athair air son na slighe.
24 Mar sin chuir e bràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a mach air a’ chéile air an t-slighe.
25 Agus chaidh iad suas as an Eiphit, agus thàinig iad gu tìr Chanaain a dh’ionnsuidh Iacoib an athar.
26 Agus dh’innis iad da, ag ràdh, Tha Ioseph fathast beo, agus tha e ’na uachdaran air tìr na h-Eiphit uile. Agus dh’fhannaich [lagadh, lagaich. ] cridhe Iacoib, oir cha do chreid e iad.
27 Agus dh’innis iad da uile bhriathran Ioseiph, a labhair e riu: Agus an uair a chunnaic e na carbadan a chuir Ioseph g’a ghiùlan, dh’ath-bheothaich spiorad Iacoib an athar.
28 Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Ioseph mo mhac fathast beo: théid mi agus chi mi e mum faigh mi bàs.
title | Caibideil XLV |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |