[86]

CAIB. XLVI.

AGUS dhimich Israel maille ris gach ni a bhaige, agus thàinig e gu Beer-seba, agus thug e suas ìobairtean do Dhia athar Isaaic.

2 Agus labhair Dia re h-Israel ann an taisbeanaibh [seallaibh, aislingibh. ] na h-oidhche, agus thubhairt e, A Iacoib, a Iacoib: Agus thubhairt esan, Tha min so.

3 Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia tathar: na biodh eagal ort dol sìos don Eiphit; oir ni misadchinneach mòr thuan sin.

4 Théid mise maille riut sìos don Eiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a nìos thu rìs: agus cuiridh Ioseph a làmh air do shùilibh.

5 Agus dhéirich Iacob suas o Bheer-seba: agus thug mic Israeil leo Iacob an athair, agus an clann bheag, agus am mnài, anns na carbadaibh a chuir Pharaoh ga ghiùlan.

6 Agus ghabh iad an spréidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanaain, agus thàinig iad don Eiphit, Iacob, agus a shliochd uile maille ris;

7 A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheana, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris don Eiphit.

8 Agus is iad so ainmeanna chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit, Iacob agus a mhic: Reuben, ceud-ghin Iacoib.

9 Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi.

10 Agus mic Shimeoin; Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac Ban-chanaanaich.


[87]

11 Agus mic Lebhi; Gerson, Cohat, agus Merari.

12 Agus mic Iudaih; Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanaain. Agus biad mic Phareds, Hesron, agus Hamul.

13 Agus mic Isachair; Tola, agus Phubhah, agus Iob, agus Simron.

14 Agus mic Shebuluin; Sered agus Elon, agus Iahleel.

15 Is iad sin mic Leaih, a rug i do Iacobam Padan-aram, maille ra nighinn Dinah: biad uile anman a mhac agus a nigheana tri-deugar fhichead.

16 Agus mic Ghaid; Siphion, agus Hagai, Suni, agus Esbon, Heri agus Arodi, agus Areli.

17 Agus mic Aseir; Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriaih; Heber, agus Malchiel.

18 Is iad sin mic Shilpaih, a thug Laban da nighinn Leah; agus rug i iad sin do Iacob, eadhon anmanna deug.

19 Mic Racheil mnà Iacoib; Ioseph, agus Beniamin.

20 Agus rugadh do Ioseph ann an tìr na h-Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat nighean Photipheraih sagairt Oin dha.

21 Agus biad mic Bheniamin; Belah agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Naaman, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, agus Ard.

22 Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iacob: na h-anman uile, ceithir-deug.

23 Agus mic Dhain; Husim.

24 Agus mic Naphtali; Iahseel, agus Guni, agus Iedser, agus Sillem.

25 Is iad sin mic Bhilhaih, a thug Laban da nighinn Rachel, a rug i do Iacob: na h-anman uile, seachdnar.

26 Na h-anman uile a thàinig le Iacob don Eiphit, a thàinig a mach as a leasruidh, a thuilleadh air mnaibh mhac Iacoib; biad na h-anmanna so uile tri ficheads a .

27 Agus mic Ioseiph a rugadh dhasan Eiphit, bu dhà anam iad: uile anmanna thighe Iacoib, a thàinig don Eiphit, bu tri ficheads a deich iad.

28 Agus chuir e Iudah roimhe gu Ioseph, chum as gun dthugadh e fios dha teachdna làthair ann an Gosen [chum gu’n seòladh e air aghaidh e gu Gosen. ] ; agus thàinig iad gu fearann Ghosein.

29 Agus bheartaich Ioseph a charbad, agus chaidh e suasan coinneamh Israeil athar gu Gosen; agus nochd se e féin da, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal tamuill.

30 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Faigheamsa nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, do bhrìgh gu bheil thu fathast beo.

31 Agus thubhairt Ioseph ra bhràithribh, agus re teaghlach athar, Thèid mise suas, agus cuiridh min céill do Pharaoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach mathar, a bha ann an tìr Chanaain, air teachd amionnsuidh:

32 Agus is buachaillean [aodhairean. ] na daoine, oir bu luchd-spréidhe [àirich. ] iad; agus thug iad leo an treudan


[88] , agus am feudail [am buar, an tàin. ] , agus gach ni a bh’ aca.

33 Agus tarlaidhnuair a ghairmeas Pharaoh oirbh, agus a their e, Ciod is ceird duibh?

34 Gun abair sibhse, Bu luchd-spréidhe do sheirbhisich or n-òige eadhon gus a nis, sinn féin agus mar an ceudna ar n-aithreacha; chum as gun gabh sibh còmhnuidh ann am fearann Ghosein, oir is gràineileachd do na h-Eiphitich gach buachaille spréidhe.

titleCaibideil XLVI
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page