[88]

CAIB. XLVII.

AN sin thàinig Ioseph agus dhinnis e do Pharaoh, agus thubhairt e, Thàinig mathair agus mo bhràithrean, agus an treudan, agus am feudail, agus gach ni a bhaca, a mach a tìr Chanaain; agus feuch, tha iad ann am fearann Ghosein.

2 Agus ghabh e cùignear da bhràithribh, agus chuir en làthair Pharaoih iad.

3 Agus thubhairt Pharaoh ra bhràithribh, Ciod is ceird duibh? Agus thubhairt iadsan re Pharaoh, Is buachaillean do sheirbhisich, sinn féin agus ar n-aithreacha.

4 Thubhairt iad mar an ceudna re Pharaoh, ’S ann gu bhi air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir chaneil feur aig do sheirbhisich dan spréidh, do bhrìgh gu bheil aghorta mòr ann an tìr Chanaain: a nis uime sin, guidheamaid ort, leig le dsheirbhisich còmhnuidh ghabhailam fearann Ghosein.

5 Agus labhair Pharaoh re Ioseph, ag ràdh, Thàinig tathair agus do bhràithrean ationnsuidh:

6 Tha tìr na h-Eiphit romhad; anns achuid as fearr don fhearann thoir air tathair agus do bhràithribh còmhnuidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnuidham fearann Ghosein: agus mas aithne dhuit gu bheilnam measg daoine comasach [tapaidh. ] , ni thu iadnan ard bhuachaillibh air mo spréidh-sa.

7 Agus thug Ioseph Iacob athair a stigh, agus chuir en làthair Pharaoih e: agus bheannaich Iacob Pharaoh.

8 Agus thubhairt Pharaoh re Iacob, Ciod is aois dhuit?

9 Agus thubhairt Iacob re Pharaoh, ’Siad lài bliadhnacha mo chuairte [m’eilthire. ] ceud agus deich bliadhna fichead: bu tearc agus olc lài bliadhnacha mo bheatha, agus cha dràinig iad lài bliadhnacha beatha maithreacha ann an laithibh an cuairte-san.

10 Agus bheannaich Iacob Pharaoh, agus chaidh e mach as làthair Pharaoih.

11 Agus shuidhich Ioseph athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhoibh sealbh ann an tìr na h-Eiphit, anns achuid as fearr don fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dhaithn Pharaoh.

12 Agus bheathaich Ioseph athair, agus a bhràithrean, agus uile theaghlach athar le h-aran, a réir an cloinne.

13 Agus cha robh aran anns an tìr uile; oir bha ghorta ro-mhòr, air chor as gun robh talamh na h-Eiphit, agus tìr


[89] Chanaain uile fann [lag, anfhann. ] leis aghorta.

14. Agus chruinnich Ioseph an t-airgiod uile a fhuaradh ann an tír na h-Eiphit, agus ann an tìr Chanaain, air son abhìdh a cheannaich iad: agus thug Ioseph an t-airgiod do thigh Pharaoih.

15 Agus an uair a theirig airgiod ann an tìr na h-Eiphit, agus ann an tìr Chanaain, thàinig na h-Eiphitich uile gu Ioseph ag ràdh, Thoir dhuinn aran: car son a gheibheamaid bàs adlàthair? oir theirig ar n-airgiod.

16 Agus thubhairt Ioseph, Thugaibh seachad bhur spréidh, agus bheir mise dhuibh air son bhur spréidhe, ma theirig airgiod dhuibh.

17 Agus thug iad an spréidh gu Ioseph: agus thug Ioseph dhoibh aran air son each, agus air son nan caorach, agus air son achruidh, agus air son nan asal; agus bheathaich e iad le h-aran, air son an spréidh uile, air abhliadhna sin.

18Nuair a chrìochnaicheadh abhliadhna sin, thàinig iad da ionnsuidh air an dara bliadhna, agus thubhairt iad ris, Cha cheil sinne air mo thighearna gun do chaitheadh ar n-airgiod; tha mar an ceudna ar treudan spréidh aig mo thighearna: cha dfhàgadh ann an sealladh mo thighearna ach ar cuirp agus ar fearann.

19 Car son a gheibh sinn bàs fa chomhair do shùl, araon sinne agus ar fearann? Ceannaich sinne agus ar fearann air son arain, agus bithidh sinne agus ar fearannnar seirbhisich do Pharaoh: agus thoir dhuinn sìol, chum as gum bi sinn beo, agus nach faigh sinn bàs, agus nach bi am fearannna fhàsach.

20 Agus cheannaich Ioseph fearann na h-Eiphit uile do Pharaoh; oir reic na h-Eiphitich gach duine fhearann féin, a chionn gun do bhuadhaich aghorta orra: mar sin bu le Pharaoh an talamh.

21 Agus a thaobh an t-sluaigh, chuir e imrich iad [dh’atharraich e iad. ] do bhailtibh o aon cheann chrìocha na h-Eiphit eadhon gu nuig an ceann eile dhith:

22 A mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dhorduicheadh cuibhrionn do na sagartaibh le Pharaoh, agus dhith iad an cuibhrionn a thug Pharaoh dhoibh: uime sin cha do reic iad am fearann.

23 Agus thubhairt Ioseph ris an t-sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an diugh, agus bhur fearann do Pharaoh: feuch, so sìol duibh, agus cuiribh am fearann.

24 Agus tarlaidh [tachairidh. ] , do na chinneas gun dthoir sibh an cùigeadh cuid do Pharaoh, agus bithidh agaibh féin ceithir earrannan [codacha. ] , air son sìl an fhearainn, agus air son bhur bìdh, agus air son muinntir bhur teaghlacha, agus air son bìdh dar cloinn bhig.

25 Agus thubhairt iadsan, Ghleidh thu beo sinn: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bithidh sinnnar seirbhisich do Pharaoh.

26 Agus rinn Ioseph sinna lagh gus an n diugh air feadh


[90] fhearainn na h-Eiphit, gum bitheadh aig Pharaoh an cùigeadh cuid; saor a mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Pharaoh.

27 Agus ghabh Israel còmhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, ann an talamh Ghosein; agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, agus dhfhàs iad ro-lìonmhor.

28 Agus bha Iacob beo ann an tìr na h-Eiphit seachd bliadhna deug: agus biad bliadhnacha beatha Iacoib uile ceud agus fhichead agus seachd bliadhna.

29 Agus dhlùthaich an t-àm anns am béigin do Israel bàs fhaghail: agus ghairm e air a mhac Ioseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi nis deagh-ghean adshealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fuidh mleis [shliasaid. ] , agus buin gu caoimhneil agus gu fìrinneach rium; na h-adhlaic mi, guidheam ort, ’san Eiphit.

30 Ach luidhidh mi maille re maithreachaibh: agus giùlainidh tu mi mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu minan àit’ -adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Ni mi mar a thubhairt thu.

31 Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh: agus mhionnaich e dha. Agus chrom Israel e féin air ceann-adhairt na leapach.

titleCaibideil XLVII
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page