CAIB. XLVIII.
AGUS ’an déigh nan nithe sin dh’innis neach do Ioseph, Feuch, tha t’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim.
2 Agus dh’innis neach do Iacob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Ioseph a’ teachd a’t’ ionnsuidh: agus neartaich Israel e féin, agus shuidh e air an leabaidh.
3 Agus thubhairt Iacob re Ioseph, Dh’fhoillsich Dia uile-chumhachdach e féin dhomhsa aig Luds ann an tìr Chanaain, agus bheannaich e mi,
4 Agus thubhairt e rium, Feuch, ni mise sìolmhar agus lìonmhor thu, agus ni mi thu a’d’ choi’ -thional chinneach [sluaigh. ] , agus bheir mi am fearann so do d’shliochd a’d’ dhéigh mar sheilbh shiorruidh.
5 Agus a nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhuit ann an tìr na h-Eiphit, mun d’thàinig mis’ a’t’ ionnsuidh do’n Eiphit, is leamsa iad; mar Reuben agus Shimeon bithidh iad leamsa.
6 Agus bithidh do shliochd, a ghineas tu ’nan déigh, leat féin: a réir ainm am bràithre goirear iad ’nan seilbh féin.
7 Agus air mo shon-sa dheth, ’nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanaain air an t-slighe, ’nuair nach robh fathast ach astar goirid re teachd gu h-Ephrat: agus dh’adhlaic mi ’n sin i air an t-slighe gu h-Ephrat; ’s e sin Betlehem.
8 Agus chunnaic Israel mic Ioseiph, agus thubhairt e, Cò iad sin?
9 Agus thubhairt Ioseph r’a athair, ’S iad mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh ’an so: agus
10 Agus bha sùilean Israeil trom le h-aois, air chor nach bu léir dha gu math: agus thug e ’m fagus da iad, agus phòg e iad, agus ghabh e ’na ghlacaibh iad.
11 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Cha do shaoil mi gu’m faicinn do ghnùis, agus feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd.
12 Agus thug Ioseph a mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom se e féin le aghaidh gu làr.
13 Agus ghabh Ioseph iad le chéile, Ephraim ’na làimh dheis o làimh chli Israeil, agus Manaseh ’na làimh chli o làimh dheis Israeil; agus thug e ’m fagus da iad.
14 Agus shìn Israel a mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chli air ceann Mhanaseih: stiuir e a làmha gu seòlta; oir b’e Manaseh an ceud-ghin.
15 Agus bheannaich e Ioseph, agus thubhairt e, Gu’n deanadh Dia, ’an làthair an do ghluais m’aithreacha Abraham agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là’n diugh,
16 An t-aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’aithreacha Abrahaim agus Isaaic: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ’am meadhon na talmhainn.
17 Agus an uair a chunnaic Ioseph gu’n do chuir athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chum e suas làmh athar, a chum a h-atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseih.
18 Agus thubhairt Ioseph r’a athair, Ni h-ann mar sin, athair: oir is e so an ceud-ghin; cuir do làmh dheas air a cheann.
19 Agus dhiùlt athair, agus thubhairt e, Ta fhios agam, a mhic, ta fhios agam; bithidh esan cuideachd ’na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhin bithidh a bhràthair a’s òige ni’s mò na e, agus bithidh a shliochd ’nan iomadaidh [mòran. ] chinneach.
20 Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Ionnad-sa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gu deanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh: agus chuir e Ephraim roimh Mhanaseh.
21 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Feuch, a taims’ a’ faghail a’ bhàis; ach bithidh Dia maille ribhse, agus bheir e rìs sibh gu dùthaich bhur n-aithreacha.
22 Agus thug mise dhuit aon chuid-roinne thar do bhràithrean, a bhuin mi mach a làimh an Amoraich le m’ chloidheamh agus le m’ bhogha.
title | Caibideil XLVIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |