[91]

CAIB. XLIX.

AGUS ghairm Iacob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh féinan ceann a chéile, chum as gun innis mi dhuibh ciod a tharlas dhuibhsna laithibh deireannach.

2 Cruinnichibh sibh féinan ceann a chéile, agus cluinnibh, a mhaca Iacoib, agus éisdibh re h-Israel bhur n-athair,


[92]

3 A Reubein, is tu mo cheud-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas [barrachd. ] àrd-inbhe [mòrachd. ] , agus òirdheirceas cumhachd.

4 Neo-sheasmach [Atmhor. Eabh.] mar uisge cha dthoir thu barrachd, do bhrìgun deachaidh tu suas do leabaidh tathar: ’an sin thruaill thu i; chaidh e suas do muirigh.

5 Is bràithre Simeon, agus Lebhi: tha innil aingidheachdnan àitibh-còmhnuidh [is innil foirneirt an comhairlean aingidh r’ a chéile. ] .

6Nan dìomhaireachd [diùbhras. ] na dthigeadh manamsa; ran coi’ -thional na bitheadh monoirsair a h-aonah: oirnan corruich mharbh iad duine, agusnam féin-thoil leag iad sìos balla.

7 Mallaichte gun robh an corruich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i ain-iochdmhar: roinnidh mi iad ann an Iacob, agus sgaoilidh [sgapaidh] mi iad ann an Israel.

8 A Iudaih, molaidh do bhràithrean thusa; bithidh do làmham muineal do naimhde: cromaidh clann tathar iad féin sìos adlàthair.

9 Is cuilean leòmhain Iudah; on chobhartaich [o’n chreich. ] , a mhic, chaidh tu suas: chrom se e féin sìos, chrùb e mar leòmhan, agus mar sheann leòmhan; dhùisgeas suas e?

10 Cha dealaich an t-slat-rioghail re Iudah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, gus an dthig Sìloh, agus dha-san géillfidh na slòigh [d’a ionnsuidh-san bithidh cruinneachadh nam pobul. ] :

11 A’ ceangal a shearraich ris an fhìneamhain, agus loth asail ris an fhìneamhain thaghta; nigh e eudacham fìon, agus a thrusganam fuil nam fìon-dhearc.

12 Bithidh a shùilean nis deirge na fìon, agus fhiacla nis gile na bainne [Bithidh a shùilean dearg le fìon, agus fhiacla geal le bainne. ] .

13 Gabhaidh Sebulun còmhnuidh aig caladh achuain, agus bithidh e air son calaidh long; agus bithidh eir-thir [iomall. ] gu nuig Sidon.

14 Is asal làdair Isachar, acrùbadh sìos eadar dhà eallaich [uallaich. ] .

15 Agus chunnaic e gum bu mhath an ni fois, agus gun robh am fearann taitneach; agus chrom e ghuala gu iomchar, agus rinneadh ena sheirbhiseach do chìs.

16 Bheir Dan breth air a shluagh, mar aon do threubhaibh Israeil.

17 Bithidh Danna nathair air an ròd, ’na nathair-nimhe air an t-slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor as gun tuit a mharcaichan coinneamh a chùil.

18 Re dshlàinte dhfheith mise, O Thighearna.

19 Gad, bheir buidheann buaidh air: ach bheir esan buaidh fa dheireadh.

20 A mach a h-Aser bithidh aran-san reamhar, agus bheir e uaith sògh rìoghail.

21. Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e focail thaitneach uaith.

22 Is geug thorrach Ioseph, geug thorrach làimh re tobar, aig am bheil a meanglain asgaoileadh thar a’ bhalladh.


[93]

23 Chràidh na fir-bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dhfhuathaich iad e.

24 Ach dhfhan a bhoghana neart, agus rinneadh gairdeana [righeach. ] a làmh làdair le làmhaibh chumhachdaich Iacoib; (uaithe sin tham buachaille, cloch Israeil).

25 Eadhon le Dia tathar, a ni còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdaibh nèimh on àirde, beannachdaibh na doimhne shìos, beannachdaibh nan cìoch, agus na bronn.

26 Thug beannachda tathar barrachd air beannachdaibh mo shinnseara, gu nuig foir-iomall [miann, deigh. Eabh.] nan sliabh sìorruidh; bithidh iad air ceann Ioseiph, agus air mullach a chinn-san a sgaradh o bhràithribh.

27 Ni Beniamin fiadhach mar mhadadh-alluidh: samhadainn ithidh e chobhartach [am fiadhach. ] , agussan fheasgar roinnidh e chreach.

28 Is iad sin uile threubh dheug Israeil: aguss e so an ni a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca réir a bheannachaidh, bheannaich e iad.

29 Agus dhàithn e dhoibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille re maithreachaibhsan uaimh a ta ann an achadh Ephroin an Hitich,

30San uaimh a ta ann an achadh Mhachpelaih, a ta fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanaain, a cheannaich Abraham maille ris an achadh o Ephron an t-Hiteach, mar sheilbh àit’ -adhlaic.

31( ’An sin dhadhlaic iad Abraham agus Sarah a bhean; ’an sin dhadhlaic iad Isaac agus Rebecah a bhean; agusan sin dhadhlaic mise Leah.)

32 Cheannaicheadh an t-achadh, agus an uaimh a ta ann, o chloinn Het.

33 Agus an uair a chrìochnaich Iacob àitheanta thoirt da mhic, chruinnich e chosan suas don leabaidh, agus chaochail [dh’eug. ] e, agus chruinnicheadh e chum a dhaoine.

titleCaibideil XLIX
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page