CAIB. V.
’S E so leabhar ghinealach Adhaimh: ’san là’n do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dé rinn se e.
2 Firionnach agus bainionnach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh [duine. ] mar ainm orra, san là’n do chruthaicheadh iad.
3 Agus bha Adhamh beò ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mac ’na choslas féin, a réir ìomhaigh féin [’na dhealbh, ’na chruth fein. ] ; agus thug e Set mar ainm air.
4 Agus b’iad lài Adhaimh ’an déigh dha Set a ghintinn [ghineamhuin. Eir.] , ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheana.
5 Agus b’ iad uile lài Adhaimh a bha e beo, naoi ceud agus deich bliadhna fichead; agus fhuair e bàs.
6 Agus bha Set beo ceud agus cùig bliadhna, agus ghin e Enos.
7 Agus bha Set beo, ’n déigh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana.
8 Agus b’iad uile lài Shet naoi ceud agus dà-bhliadhna-dheug; agus fhuair e bàs.
9 Agus bha Enos beo ceithir fichead bliadhna ’sa deich, agus ghin e Cainan.
10 Agus bha Enos beo, ’n déigh dha Cainan a ghintinn, ochd ceud agus cùig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheana.
11 Agus b’ iad uile lai Enois naoi ceud agus cùig bliadhna; agus fhuair e bàs.
12 Agus bha Cainan beo deich bliadhna ’s tri fichead, agus ghin e Mahalaleel.
13 Agus bha Cainan beo, ’n déigh dha Mahalaleel a ghintinn, ochd ceud agus dà fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana.
14 Agus b’iad uile lài Chainain naoi ceud agus deich bliadhna; agus fhuair e bàs.
15 Agus bha Mahalaleel beo cùig bliadhna ’s tri fichead, agus ghin e Iared.
16 Agus bha Mahalaleel beo, ’n déigh dha Iared a ghintinn, ochd ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mic agus nigheana.
17 Agus b’ iad uile lài Mhahalaleeil ochd ceud, ceithir fichead, agus cùig-bliadhna-deug; agus fhuair e bàs.
18 Agus bha Iared beo ceud agus tri fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch.
19. Agus bha Iared beò, ’n déigh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana.
20 Agus b’ iad uile lài Iareid naoi ceud, tri fichead, agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs.
21 Agus bha Enoch beo tri fichead agus cùig bliadhna, agus ghin e Metuselah.
22 Agus ghluais Enoch maille re Dia, ’n déigh dha Metuselah a ghintinn, tri cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana.
23 Agus b’ iad uile lài Enoich tri cheud, agus tri fichead, agus cùig bliadhna.
24 Agus ghluais Enoch maille re Dia, agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e.
25 Agus bha Metuselah beo ceud, agus ceithir fichead, agus seachd bliadhna, agus ghin e Lamech.
26 Agus bha Metuselah beo, ’n déigh dha Lamech a ghintinn, seachd ceud, ceithir fichead, agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheana.
27 Agus b’ iad uile lài Mhetuselaih naoi ceud agus tri fichead agus naoi bliadhna; agus fhuair e bàs.
28 Agus bha Lamech beo ceud agus ceithir fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac.
29 Agus thug e Noah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an ti so féin sòlas dhuinne thaobh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh a thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearn.
30 Agus bha Lamech beo, ’n déigh dha Noah a ghintinn, cùig ceud, ceithir fichead, agus cùig-bliadhna-deug; agus ghin e mic agus nigheana.
31 Agus b’ iad uile lài Lameich, seachd ceud agus tri fichead agus seachd-bliadhna-deug; agus fhuair e bàs.
32 Agus bha Noah cùig ceud bliadhna dh’aois: agus ghin Noah Sem, Ham, agus Iaphet.
title | Caibideil V |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |