CAIB. L.
AGUS thuit Ioseph air aghaidh athar, agus ghuil e air, agus phòg se e.
2 Agus dh’àithn Ioseph d’a sheirbhisich na léighean [lighichean. ] spìosraidh chur [embalm. Sasg.] air corp athar: agus chuir na léighean spìosraidh air Israel.
3 Agus choi’ -lionadh air a shon dà-fhichead là (oir mar so coi’ -lionar lài na muinntir sin air an cuirear spìosraidh;) agus rinn na h-Eiphitich bròn air a shon deich is tri fichead là.
4 Agus an uair a chaidh lài a bhròin thairis, labhair Ioseph re teaghlach Pharaoih, ag ràdh, A nis ma fhuair mi deagh-ghean ’nar sùilibh, labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasaibh Pharaoih, ag ràdh,
5 Ghabh m’athair mionnan diom, ag ràdh, Feuch, a ta mis’ a’ faghail a’ bhàis [ta mise dlù do’n bhàs. ] : a’m’ uaigh a chladhaich mi dhomh féin ann an tìr Chanaain, ’an sin adhlaicidh
6 Agus thubhairt Pharaoh, Falbh suas, agus adhlaic t’athair, a réir mar a ghabh e mionnan dìot.
7 Agus chaidh Ioseph suas a dh’adhlac athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Pharaoih suas uile, seanairean a thighe, agus uile sheanairean tìre na h-Eiphit,
8 Agus teaghlach Ioseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach athar: a mhàin dh’fhàg iad an clann bheag, agus an caoraich, agus am buar [crodh. ] , ’am fearann Ghosein.
9 Agus chaidh suas maille ris, araon carbadan agus marc-shluagh: agus bha chuideachd ro-mhòr.
10 Agus thàinig iad gu h-urlar-bualaidh Ataid, a tha ’n taobh thall do Iordan; agus rinn iad bròn ’an sin le caoidh mhòir agus ro-chràitich [ro-ghoirt. ] : agus rinn e bròn air son athar seachd lài.
11 Agus an uair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canaanaich, am bròn ann an urlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn so do na h-Eiphitich: uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha ’n taobh thall do Iordan.
12 Agus rinn a mhic dha mar a dh’àithn e dhoibh:
13 Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanaain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achaidh Mhachpelaih, a cheannaich Abraham maille ris an achadh mar sheilbh àit’ -adhlaic o Ephron an t-Hiteach fa chomhair Mhamre.
14 Agus phill Ioseph do’n Eiphit, e féin agus a bhràithrean, agus iadsan uil’ a chaidh suas maille ris a dh’adhlac athar, ’an déigh dha athair adhlac.
15 Agus an uair a chunnaic bràithrean Ioseiph gu’n d’fhuair an athair bàs, thubhairt iad, Theagamh gu’n d’thoir Ioseph fuath dhuinn, agus gu’n dìol e gu cinnteach oirn an t-olc sin uile a rinn sinn air.
16 Agus chuir iad teachdairean gu Ioseph, ag ràdh, Dh’àithn t’athair mun d’fhuair e bàs, ag ràdh,
17 Mar so their sibh re Ioseph, Math [Maith, lagh. ] , guidheam ort a nis, eucoir [ea-coir. ] do bhràithrean, agus am peacadh, do bhrìgh gu’n d’ rinn iad olc ort: agus a nis, guidheam ort, math eucoir sheirbhiseach Dhé t’athar. Agus ghuil Ioseph an uair a labhair iad ris.
18 Agus chaidh a bhràithre mar an ceudna, agus thuit iad sìos ’na làthair, agus thubhairt iad, Feuch, is seirbhisich dhuit sinne.
19 Agus thubhairt Ioseph riu, Na biodh eagal oirbh; oir am bheil mise ’n àite Dhé?
20 Agus d’ar taobh-sa, shunraich [dhealbh, smuainich. ] sibh olc a’m’ aghaidh; ach shunraich Dia sin a chum maith, a chum, mar air an là ’n diugh, gu’n tearnadh e mòr shluagh beo.
21 A nis uime sin na biodh eagal oirbh: altrumaidh [àraichidh. ] mise sibh, agus bhur clann bheag. Agus thug e co’-fhurtachd
22 Agus ghabh Ioseph còmhnuidh ’san Eiphit, e féin agus teaghlach athar: agus bha Ioseph beo ceud agus deich bliadhna.
23 Agus chunnaic Ioseph clann Ephraim, do’n treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseih air glùinibh Ioseiph.
24 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, A ta mis’ a’ faghail a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse [fiosraichidh Dia gu cinnteach sibhse. ] , agus bheir e mach sibh as an fhearann so do’n fhearann a mhionnaich e do Abraham, do Isaac, agus do Iacob.
25 Agus ghabh Ioseph mionnan do chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as so.
26 Agus fhuair Ioseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e ’san Eiphit.
title | Caibideil L |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |