[12]

CAIB. VI.

AGUS ’nuair a thòisich daoine re fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheana dhoibh,

2 Agus a chunnaic mic Dhé nigheana dhaoine [chunnaic mic nan daoine cumhachdach nigheana dhaoin’ ìsle. ] , gun robh iad sgiamhach, ghabh iad dhoibh fein mnài do gach uile a ròghnaich iad.

3 Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ stri’


[13] ris an duine a ghnà [ghnàth. ] , do bhrìgur feoil a mhàin e [gur feoil esan mar an ceudna. ] : gidheadh bithidh a lathan ceud agus fichead bliadhna.

4 Bha famhairean [fuamhairean, curaidhean, athaich. ] air an talamhsna laithibh sin; agus mar an ceudnana dhéigh sin, ’nuair a thàinig mic Dhé a steach a chum nigheana dhaoine, agus a rug iad clann dhoibh, dhfhàs iad sinnan daoinibh treuna, a bha o sheannan daoinibh ainmeil.

5 Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gun robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach aon [ ’an còmhnuidh, daonan. ] .

6 Agus b’ aithreach leis an Tighearna gun drinn en duine air an talamh, agus thog e doilgheas [cràdh, mulad. ] dana chridhe.

7 Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh min duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun drinn mi iad.

8 Ach fhuair Noah deagh-ghean [fàbhor. ] ann an sùilibh an Tighearna.

9 ’S iad so ginealaich Noaih: Bha Noahna dhuine cothromach [ceart, ionruic. ] , agus iomlanna linn [’na ghinealachaibh. ] ; agus ghluais Noah maille re [ri. ] Dia.

10 Agus ghin Noah triuir mhac, Sem, Ham, agus Iaphet.

11 Agus bhan talamh truaillidh am fianais , agus lìonadh an talamh le foirneart.

12 Agus dhamhairc Dia air an talamh, agus feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheoil a slighe air an talamh.

13 Agus thubhairt Dia re Noah, Thàinig crìoch gach uile fheòla amfhianuis; oir than talamh air a lìonadh le foirneart dan trìd-san [le h-urchoid leo-san. ] : agus feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.

14 Dean dhuit féin àirc do fhiodh ghopher; seòmraichean ni thusan àirc [’na seòmraichibh beaga ni thu an àirc. ] , agus còmhdaichidh tu i stigh agus a muigh le pic.

15 Agus so achumachd air an dean thu i: Tri cheud làmh-choille [bann-lamh. ] fad na h-àirce, leth-cheud làmh-choille a leud, agus deichar fhichead [deich thar fhichead. ] làmh-choille a h-àirde.

16 Uinneag [Fuinneog. Eir.] ni thu don àirc, agusan làimh-choille crìochnaichidh tu ina mullach [os cionn. ] ; agus dorus na h-àirce cuiridh tuna taobh: le lobhtaibh ìochdrach, meadhonach [dara. ] , agus uachdrach [treas. ] ni thu i.

17 Agus feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns am bheil anail na beatha fuidh [fo. ] nèamh: agus gheibh gach ni a ta air an talamh bàs.

18 Ach daingnichidh mi mo choi’ -cheangal [mo chunradh, mo chùmhnant. ] riutsa: agus théid thu a steach don àirc, thu féin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnài [mrathan. ] do mhac maille riut.

19 Agus do gach uile ni beo don uile fheoil, dithis do gach seòrta [seòrsa. ] bheir thu steach don àirc, gun gleidheadh beò maille


[14] riut: firionn agus bainionn [boirionn. ] bithidh siad.

20 Do’n eunlaith a réir an gnè, agus don spréidh a réir an gnè, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: théid dithis do gach seòrta steach ationnsuidh, gun gleidheadh beo.

21 Agus gabh thusa dhuit do gach uile bhiadh a dhithear, agus cruinnichidh tu ationnsuidh e; agus bithidh e dhuitse agus dhoibhsan air son beathachaidh [air son bìdh, mar lòn. ] .

22 Mar so rinn Noah; a réir gach ni a dh’ àithn Dia dha, mar sin rinn e.

titleCaibideil VI
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page