CAIB. VII.
AGUS thubhairt an Tighearna re Noah, Rach thusa [Theirig thusa, gabh thusa. ] , agus do thigh uile, a steach do’n àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach a’m’ fhianuis ’sa’ ghinealach so [’san linn so. ] .
2 Do gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhuit ’nan seachdaibh, am firionn agus a bhanionn; agus do ainmhidhibh nach ’eil glan, ’nan dithisibh [’nan càraidibh. ] , am firionn agus a bhainionn:
3 Mar an ceudna do eunlaith nan speur’nan seachdaibh, firionn agus bainionn, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:
4 Oir fathast seachd lathan, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi [dubhaidh mi as. ] gach dùil bheo a rinn mi, bhàrr aghaidh na talmhainn.
5 Agus rinn Noah a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna dha.
6 Agus bha Noah sè ceud bliadhna dh’aois, ’nuair a bha ’n dìle [dìlinn, tuil. ] uisgeachan air an talamh.
7 Agus chaidh Noah steach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac maille ris, do’n àirc, air son uisgeacha na dìle.
8 Do ainmhidhibh glan, agus do ainmhidhibh nach ’eil glan, agus do eunlaith, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh,
9 Chaidh dithis agus dithis [a lìon dithis agus dithis. ] a steach a dh’ ionnsuidh Noaih do’n àirc, firionn agus bainionn, a réir mar a dh’ àithn Dia do Noah.
10 Agus ’an déigh sheachd lài bha uisgeacha na dìle air an talamh.
11 Anns an t-seathadh ceud bliadhna dh’aois Noaih, ’san dara mìos, ’san t-seachdamh latha deug do’n mhìos, ’san là sin féin bhriseadh suas uile thobraiche na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsa [uinneaga. ] nan neamh air am fosgladh.
12 Agus bha’n t-uisg’ air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche.
13 ’Sa’ cheart là sin féin [Ann an corp an là sin féin. Eabh.] chaidh Noah, agus Sem, agus Ham, agus Iaphet, mic Noaih, agus bean Noaih, agus triuir bhan a mhac maille riu, a steach do’n àirc;
14 Iad féin, agus gach uile bheathach a réir a ghnè, agus an spréidh uile a réir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh a réir a ghnè, agus an eunlaith uile a
15 Agus chaidh [chuaidh. Eir.] iad a steach a chum Noaih do’n àirc, a lìon dithis agus dithis, do gach uile fheoil, anns am bheil anail na beatha.
16 Agus iadsan a chaidh a steach, firionn agus bainionn chaidh iad a steach do gach uile fheoil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna stigh e.
17 Agus bha ’n dìle dà fhichead là air an talamh, agus mheudaicheadh na h-uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.
18 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan, agus mhèudaicheadh iad gu h-anbarrach air an talamh; agus shiubhail [dh’fhalbh, dh’imich. ] an àirc air aghaidh nan uisgeacha.
19 Agus bhuadhaich na h-uisgeacha gu ro-anbarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile, a bha fuidh na neamhaibh gu léir.
20 Cùig làmh-choille deug air àirde bhuadhaich na h-uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beannta.
21 Agus dh’eug [bhàsaich. ] gach uile fheoil a bha gluasad air an talamh, araon do eunlaith, agus do spréidh, agus do bheathaichibh, agus do gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine.
22 Gach ni aig an robh anail na beatha ann an cuineinibh a shròine, do na h-uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad.
23 Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh [eadar dhuine agus ainmhidh. ] , agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn, agus dh’fhàgadh a mhàin Noah, agus na bha maille ris ’san àirc.
24 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan os cionn na talmhainn ceud agus leth-cheud là.
title | Caibideil VII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |