CAIB. VIII.
AGUS chuimhnich Dia air Noah, agus gach ni beo, agus gach uile spréidh a bha maille ris ’san àirc, agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h-uisgeacha.
2 Agus dhruideadh suas tobraiche na doimhne, agus tuil-dhorsa nan neamh; agus choisgeadh an t-uisge o na nèamhaibh [bha’n t-uisge o na nèamhaibh air a chosgadh. ] .
3 Agus phill na h-uisgeachan a ghnà [gun stad, a’ dol air ais agus air aghaidh. Eabh.] bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h-uisgeachan ’an déigh ceud agus leth-cheud là.
4 Agus stad an àirc anns an t-seachdamh mìos, air an t-seachdamh là deug do’n mhìos, air beanntaibh Ararait.
5 Agus thraogh na h-uisgeachan a ghnà gus an deicheamh mìos: Anns an deicheamh mìos, air a’ cheud là do’n mhìos, chunncas mullaiche nam beann.
6 Agus ’an ceann dhà fhichead là, dh’fhosgail Noah uinneag na h-àirce a rinn e.
7 Agus chuir e mach fitheach, a chaidh mach a’ dol air ais agus
8 Mar an ceudna chuir e mach columan uaithe, a dh’fhaicinn [dh’fhaicsinn. ] an do thraogh na h-uisgeacha bhàrr aghaidh na talmhainn.
9 Ach cha d’fhuair an columan fois do bhonn a choise, agus phill e d’a ionnsuidh do’n àirc, do bhri’ gu’n robh na h-uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile. ’An sin chuir e mach a làmh, agus rug e air, agus thug e stigh e d’a ionnsuidh do’n àirc.
10 Agus dh’fhan e fathast seachd lathan [lài, lathachan. ] eile, agus a rìs chuir e mach an columan o’n àirc.
11 Agus thàinig an columan d’a ionnsuidh ’san fheasgar, agus feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige ’na ghob: agus dh’aithnich Noah gu’n do thraogh na h-uisgeacha bhàrr na talmhainn.
12 Agus dh’fhan e fathast seachd lathan eile, agus chuir e mach an columan; agus cha do phill e rìs d’a ionnsuidh ni’s mò.
13 Agus anns an t-seathadh ceud bliadhna agus a h-aon, anns a’ cheud mhìos, anns a’ cheud là do’n mhìos, thiormaicheadh na h-uisgeacha suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Noah air falbh còmhdachadh na h-àirce, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14 Agus ’san dara mìos, ’san t-seachdamh là ’ar fhichead do’n mhìos, bha’n talamh air tiormachadh.
15 Agus labhair Dia re Noah, ag ràdh,
16 Rach a mach as an àirc, thu féin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnài do mhac maille riut.
17 Thoir a mach leat gach ni beo a ta maille riut,do gach uile fheoil, do eunlaith, agus do spréidh, agus do gach uile ni a shnàigeas [shnàgas. ] a ta snàigeadh air an talamh, chum as gu’n sìolaich iad [gluais iad, snàig iad. ] air an talamh, agus gu’m bi iad torrach, agus gu’m fàs iad lìonmhor air an talamh.
18 Agus chaidh Noah amach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac maille ris:
19 Chaidh gach uile bheathach, gach ni a shnàigeas, agus gach eun, gach ni ghluaiseas air an talamh, a réir an cineil [a réir an seòrtan. ] , a mach as an àirc.
20 Agus thog Noah altair do’n Tighearna, agus ghabh e do gach ainmhidh glan, agus do gach eun glan, agus thug e suas [dh’ofrail, thairg e. ] tabhartais-loisgte air an altair.
21 Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh [bhol an Tighearna boladh cùbhraidh. ] ; agus thubhairt an Tighearna ’na chridhe, Cha mhallaich mi rìs an talamh ni’s mò air son an duine; oir a ta smuainte cridhe [croidhe. Eir. ] an duine olc o òige; ni mò sgriosas mi tuille gach ni beo, mar a rinn mi.
22 Am feadh a mhaireas an talamh [Rè uile lài na talmhainn. Eabh. ] , cha sguir àm an t-sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.
title | Caibideil VIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Genesis |