[16]

CAIB. IX.

AGUS bheannaich Dia Noah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus


[17] fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.

2 Agus bithidh bhur n-eagal agus bhur fiamh-sa air uile bheathaichibh na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach ni a ghluaiseas air an talamh, agus air uile iasgaibh na mara; dar làimh-sa tha iad air an tabhairt.

3 Bithidh gach ni gluasadach a ta beo, dhuibh mar bhiadh [chum bìdh. ] ; amhuil mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h-uile nithe.

4 Ach feoil maille r’a h-anam [beatha. ] , eadhon a fuil, cha’n ith sibh.

5 Agus gu deimhin fuil bhur n-anma-sa iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthar gach duine iarraidh mi anam an duine.

6 Ge b’e dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san; oir ann an dealbh [ìomhaigh, coslas. ] Dhé rinn e an duine.

7 Agus bithibh-sa sìolmhar, agus fàsaibh lìonmhor, ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.

8 Agus labhair Dia re Noah, agus ra mhic maille ris, ag ràdh,

9 Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choi’ -cheangal ribhse, agus rar sliochdnar déigh;

10 Agus ris gach uile chreutair beo a ta maille ribh, do eunlaith, do spréidh, agus do uile bheathaichibh na talmhainn maille ribh, o gach uile a ta dol a mach as an àirc, gu uile bheathaichibh na talmhainn.

11 Agus daingnichidh mi mo choi’ -cheangal ribh, agus cha sgriosar gach uile fheoil tuille le h-uisgibh na dìle: agus cha bhi dìle ann nis a sgrios na talmhainn.

12 Agus thubhairt Dia, So comharachoi’ -cheangail a tha mi toirt eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beo a ta maille ribh, feadh ghinealacha siorruidh [o linn gu linn. ] :

13 Mo bhogha cuiridh mi [chuir mi. Eabh. ] anns an neul, agus bithidh ena chomhara coi’ -cheangail eadar mise agus an talamh.

14 Agus tarlaidh, ’nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gum faicear am bogha anns an neul.

15 Agus cuimhnichidh mi mo choi’ -cheangal a ta eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beo don uile fheoil; agus chan fhàs nis na h-uisgeachanan dìle a sgrios gach uile fheòla.

16 Agus bithidh am bogha anns an neul, agus amhaircidh mi air, chum as gun cuimhnich min coi’ -cheangal siorruidh eadar Dia agus gach creutair beo don uile fheoil, a ta air an talamh.

17 Agus thubhairt Dia re Noah, So comharachoi’ -cheangail, a dhaingnich mi eadar mi féin agus gach uile fheoil a ta air an talamh.

18 Agus biad mic Noaih a chaidh mach as an àirc, Sem, agus Ham, agus Iaphet: agusse Ham athair Chanaain.

19 Is iad sin triuir mhac Noaih: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

20 Agus thòisich Noah air a bhina fhear-saoithreach [threabhaiche. ] na talmhainn, agus shuidhich e fìon-gharadh [fìon-lios. ] .

21 Agus dh’òl e do’n fhìon,


[18] agus bha e air mhisg [mheisg. ] , agus bha e lomnochd a stigh ’na bhùth.

22 Agus chunnaic Ham, athair Chanaain, nochd [lomnochduigh. ] athar, agus dhinnis e da dhà bhràthair a muigh.

23 Agus ghabh Sem, agus Iaphet brat, agus chuir iad le chéile air an guailnibh e, agus chaidh iadan comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bhan aghaidhean air an ais, agus chan fhaciad nochd an athar.

24 Agus dhùisg Noah o fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a bòige air.

25 Agus thubhairt e, Mallaichte gun robh Canaan; ’na sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh se da bhràithribh.

26 Agus thubhairt e, Beannaichte gun robh Tighearna Dia Sheim; agus bithidh Canaanna sheirbhiseach dha [dhoibh. Eabh.] .

27 Ni Dia Iaphet farsaing [leudaichidh. ] , agus còmhnuichidh se ann am bùthaibh Sheim; agus bithidh Canaanna sheirbhiseach dha [dhoibh. Eabh. ] .

28 Agus bha Noah beon déigh na dìle tri cheud agus leth-cheud bliadhna.

29 Agus biad lathacha Noaih uile naoi ceud agus leth-cheud bliadhna: agus fhuair e bàs.

titleCaibideil IX
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textGenesis
<< please select a word
<< please select a page