[96]

ECSODUS.

CAIB. I.

A Nis is iad so ainmeanna chloinn Israeil, a thàinig do’n Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille re Iacob:

2Reuben, Simeon, Lebhi, agus Iudah,

3Isachar, Sebulun, agus Beniamin,

4Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser.

5 Agus na h-anman uile a thàinig a mach a leasraidh Iacoib, bu deich agus tri fichead anam iad; oir bha Ioseph ’san Eiphit a cheana.

6 Agus fhuair Ioseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach [àl. ] sin uile.

7 Agus bha clann Israeil sìolmhar, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn [dh’fhàs. ] iad ro-chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo.

8 A nis dhéirich righ ùr air an Eiphit, do nach baithne Ioseph.

9 Agus thubhairt e ra shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil nis lìonmhoire agus nis cumhachdaiche na sinne.

10 Thigibh, buineamaid gu seòlta [glic. ] : an t-eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, ’nuair a dhéireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna ler naimhdibh-ne, agus gun cog iad [gu’n dean iad cogadh. ] ’nar n-aghaidh, agus gu’n d’théid iad a mach as an tìr.

11 Uime sin chuir iad maighstirean-oibre [cinn-oibre. ] orra, chum an sàrachadh len eallachaibh [uallachaibh, eiribh. ] . Agus thog iad bailtean-ionmhais [bailte-stòir. ] do Pharaoh, Pitom agus Raamses.

12 Ach mar is a shàraich siad iad, ’s ann is a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dhfhàs iad. Agus bha iad fuidh dhoilgheas [im-cheist. ] air son chloinn Israeil.

13 Agus thug na h-Eiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dheanamh le cruadhas [an-iochd, peingilteachd. ] .

14 Agus rinn iad am beatha searbh dhoibh le daorsa chruaidh, ann am moirtear, agus ann an clachaibh-creadha, agus anns gach gnè oibresamhachair: bha an obair uile, anns an dthug iad orra obair a dheanamh, le cruadhas.

15 Agus labhair righ na h-Eiphit re mnaibh-glùine nan Eabhruidheach (be ainm a h-aon diubh Siphrah, agus ainm na eile Puah;)

16 Agus thubhairt e, ’Nuair a ni sibh gnìomh mnà-glùine do na mnaibh Eabhruidheach, agus a chi sibh iad air na stòlaibh [suidheachanaibh, cathraichibh. ] ; ma’s mac a bhios ann, ’an sin marbhaidh sibh e, ach


[97] ma’s nighean a bhios ann, bithidh si beo.

17 Ach bha eagal air na mnaibh-glùine, agus cha drinn iad mar a dhàithn righ na h-Eiphit dhoibh, ach ghleidh iad achlann mhac beo.

18 Agus ghairm righ na h-Eiphit air na mnaibh-glùine, agus thubhairt e riu, Car son a rinn sibh an ni so, agus a ghleidh sibh achlann mhac beo?

19 Agus thubhairt na mnài-ghlùine re Pharaoh, A chionn nacheil na mnài Eabhruidheach mar na mnài Eiphiteach: oir tha iad féin beothail [teòma. ] , agus air an aisead mun dthig na mnài-ghlùine a steach dan ionnsuidh.

20 Uime sin bhuin Dia gu math ris na mnaibh-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dhfhàs iad ro-chumhachdach.

21 Agus a chionn gun robh eagal air na mnaibh-glùine, rinn e tighean dhoibh.

22 Agus thug Pharaoh àithne [sparradh. ] d’a shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear tilgidh sibhsan abhainn, agus gach nighean gleidhidh sibh beo.

titleCaibideil I
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textEcsodus
<< please select a word
<< please select a page