[111]

CAIB. X.

AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Imich a steach gu Pharaoh; oir chruadhaich


[112] mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a chum gu nochdainn iad sin mo chomharanna làthair:

2 Agus gun innseadh tu ann an cluasaibh do mhic, agus mhic do mhic, na nithean a dhoibrich misan Eiphit, agus mo chomharan a rinn minam measg; agus gum bi fios agaibh gur mise an Tighearna.

3 Agus chaidh Maois agus Aaron a steach gu Pharaoh, agus thubhairt iad ris, Mar so than Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Cia fhada dhiùltas tu thu féin ìsleachadh amlàthair-sa? Leig le mshluagh imeachd, agus gun dean iad seirbhis dhomh:

4 Ach ma dhiùltas tu leigeadh le mshluagh imeachd, feuch, bheir mise a màireach na locuist a steach do dchrìochaibh.

5 Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor as nach urradh neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuigheal an ni sin a théid as [a thèaruineas. ] , a dhfhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a ta fàs dhuibh as amhachair.

6 Agus lìonaidh iad do thighean, agus tighean do sheirbhiseach uile, agus tighean nan Eiphiteach uile; ni nach faca aon chuid taithreacha, no aithreacha taithreacha, on a bha iad air an talamh gus an n diugh. Agus phill se e féin, agus chaidh e mach o Pharaoh.

7 Agus thubhairt seirbhisich Pharaoih ris, Cia fhada bhios an duine sona ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, chum gun dean iad seirbhis don Tighearn an Dia: nacheil fhios agad fathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?

8 Agus thugadh Maois agus Aaron a rìs gu Pharaoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, deanaibh seirbhis don Tighearna bhur Dia: ach iad a théid?

9 Agus thubhairt Maois, Ler n-òigridh agus ler daoine aosmhar théid sinne; ler mic agus ler nigheanaibh, ler treudaibh agus ler buar théid sinn: oir is éigin duinn féisd a chumail don Tighearna.

10 Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh féin agus ler cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh.

11 Ni h-ann mar sin: imichibh a nis, sibhsa tanar daoinibh, agus deanaibh seirbhis don Tighearna, oir is e so an ni a dhiarr sibh: Agus dhfhuadaicheadh a mach iad as làthair Pharaoih.

12 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh thar talamh na h-Eiphit air son nan locust, a chum as gun dthig iad suas air talamh na h-Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach ni a dhfhàg achlach-mheallain.

13 Agus shìn Maois a mach a shlat thar talamh na h-Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an talamh an sin uile, agus na h-oidhche uile: agussamhadainn thug aghaoth an ear a steach na locuist.

14 Agus chaidh na locuist


[113] suas thar talamh na h-Eiphit uile, agus dhfhan iad ann an crìochaibh na Eiphit uile, gu ro-dhiùbhalach [ro-mhillteach. ] ; rompa cha robh riamh an leithide do locuist, agusnan deigh cha bhi an leithide:

15 Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor as gun do dhorchaicheadh an talamh, agus dhith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dhfhàg achlach-mheallain: agus cha dfhàgadh ni sam bith glassna craobhaibh, no ann an luibhibh na machrach ann an tìr na h-Eiphit uile.

16An sin ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich min aghaidh an Tighearna bhur , agusnar n-aghaidhsa.

17 A nis uime sin math, guidheam ort, mo pheacadh a mhàin an uair so, agus guidhibh air an Tighearna bhur Dia gun dthoir e air falbh uam a mhàin am bàs so.

18 Agus chaidh e mach o Pharaoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

19 Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro-làdair, a thug air falbh na locuist, agus a thilg iadsan fhairge ruaidh: cha dfhan aon locust ann an crìochaibh na h-Eiphit uile.

20 Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.

21 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh gu nèamh, agus bithidh dorchadas air feadh tìre na h-Eiphit, eadhon dorchadas a dhfheudar a laimhseachadh.

22 Agus shìn Maois a mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh dhorchadas [dall-dhorchadas. ] ann an tìr na h-Eiphit uile thri laithean.

23 Chan fhaca h-aon diubh a chéile, ni a dhéirich neach o àite thri laithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solusnan àitibh-còmhnuidh.

24 Agus ghairm Pharaoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibhse, deanaibh seirbhis don Tighearna; a mhàin fanadh bhur treudan agus bhur buar: rachadh bhur clann bheag mar an ceudna maille ribh.

25 Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu mar an ceudna ìobairtean a thoirt duinn, agus tabhartais-loisgte, chum as gun ìobair sinn don Tighearn ar Dia.

26 Agus mar an ceudna théid ar spréidh maille ruinn; chan fhàgar ionga nar déigh [cha’n fhàgar speir ’nar déigh. ] , oir is éigin duinn gabhail diubh gu seirbhis a dheanamh don Tighearn ar Dia; agus chaneil fhios againn cia leis a ni sinn seirbhis don Tighearna gus an dthig sinnan sin.

27 Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha leigeadh e leo imeachd.

28 Agus thubhairt Pharaoh ris, Imich a mach uam; thoir an aire dhuit féin, na faic maghaidh nis : oirsan sin anns am faic thu maghaidh, gheibh thu bàs.

29 Agus thubhairt Maois, Labhair thu gu math; cha ’n fhaic mi t’aghaidh ni’s .

titleCaibideil X
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textEcsodus
<< please select a word
<< please select a page