CAIB. II.
AGUS chaidh duine do thigh Lebhi, agus ghabh e nighean do Lebhi ’na mnaoi.
2 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus an uair a chunnaic i gu’n robh e ’na leanabh tlachdmhor, dh’fholaich i e rè thri mìosa.
3 Agus an uair nach b’urrainn i fholach ni b’ fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce [ciste luacharach] , agus chuir i thairis [chòmhdaich, shlìob, spairt i. ] e le làthaich agus le pic [bìgh. ] , agus chuir i ’n leanabh ann; agus chuir i e ’sa’ chuilc aig bruaich na h-aibhne.
4 Agus sheas a phiuthar am fad uaith, a dh’fhaicinn ciod a dheanta ris.
5 Agus thàinig nighean Pharaoih a nuas g’a nigheadh féin ’san abhainn, agus bha a maighdeana ’g imeachd re taobh na h-aibhne; agus an uair a chunnaic i’n cobhan ’am measg na cuilce, chuir i a ban-oglach g’a thoirt d’a h-ionnsuidh.
6 Agus an uair a dh’fhosgail i e, chunnaic i ’n leanabh: agus feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon so do chloinn nan Eabhruidheach.
7 ’An sin thubhairt a phiuthar re nighean Pharaoih, An d’théid mis’, agus an gairm mi dhuit banaltrum do na mnaibh Eabhruidheach, a chum as gu’n altrum i’n leanabh dhuit?
8 Agus thubhairt nighean Pharaoih ria, Falbh. Agus chaidh a’ mhaighdean, agus ghairm i màthair an leinibh.
9 Agus thubhairt nighean Pharaoih ria, Thoir an leanabh so leat, agus altrum dhomhsa e, agus bheir mi dhuit do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altrum i e.
10 Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e dh’ionnsuidh nighinn Pharaoih, agus bha e ’na mhac dh’i. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gu’n do tharruing mi mach e.
11 Agus tharladh anns na laithibh sin, an uair a dh’fhàs Maois suas, gu’n deachaidh è
12 Agus dh’amhairc e ’n taobh so agus an taobh ud, agus an uair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e ’n t-Eiphiteach, agus dh’fholaich e ’sa’ ghaineamh e.
13 Agus an uair a chaidh e mach an dara [darna. ] là, feuch, bha dithis do na h-Eabhruidhich a’ strì r’a chéile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, C’ar son a bhuaileas tu do choimhearsnach [chompanach. ] ?
14 Agus thubhairt e, Cò rinn thusa a’d’ uachdaran agus a’d’ bhreitheamh oirnne? am miann leat mis’ a mharbhadh, mar a mharbh thu ’n t-Eiphiteach? agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha ’n ni so aithnichte.
15 A nis an uair a chuala Pharaoh an ni so, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Pharaoih, agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh re tobar.
16 A nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharruing iad uisge, agus lìon iad na h-amair a thoirt uisge do threud an athar.
17 Agus thàinig na buachaillean agus dh’fhuadaich iad air falbh iad: ach sheas Maois suas agus chuidich e leo, agus thug e uisge d’an treud.
18 Agus an uair a thàinig iad gu Reuel an athair, thubhairt e, Cionnus a thàinig sibh co luath an diugh?
19 Agus thubhairt iad, Shaor Eiphiteach sinn a làimh nam buachaillean, agus mar an ceudna tharruing e uisge gu leòr dhuinn, agus thug e uisge do’n treud.
20 Agus thubhairt esan r’a nigheanaibh, Agus c’àit’ am bheil e? C’ar son a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a chum’s gu’n ith e aran.
21 Agus bha Maois toileach còmhnuidh ghabhail maille ris an duine; agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.
22 Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi ’m choigreach ann an tìr aineoil [ann an dùthaich choimhich. ] .
23 Agus tharladh ’an ceann mòrain laithean, gu’n d’fhuair righ na h-Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich air son na daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, air son na daorsa.
24 Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choi’ -cheangal re h-Abraham, re h-Isaac, agus re Iacob.
25 Agus dh’amhairc Dia air cloinn Israeil, agus dh’fhiosraich se iad.
title | Caibideil II |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |