CAIB. III.
A Nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro athar-céile, sagairt Mhidiain: agus thug e ’n treud gu taobh cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhé, gu Horeb.
2 Agus dh’fhoillsicheadh aingeal
3 Agus thubhairt Maois, Tionndaidh mi nis a leth-taobh, agus chi mi ’n sealladh mòr so, c’ar son nach ’eil am preas air a losgadh.
4 Agus an uair a chunnaic an Tighearna gu’n do thionndaidh e a leth-taobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air a meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi ’n so.
5 Agus thubhairt e, Na d’thig am fagus ’an so; cuir dhìot do bhròga bhàrr do chos, oir an t-àit’ air am bheil thu d’ sheasamh, is talamh naomh e.
6 Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia t’athar, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib. Agus dh’fholaich Maois aghaidh: oir bha eagal air amharc air Dia.
7 Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a ta ’san Eiphit, agus chuala mi ’n glaodh air son am maighstirean-oibre: oir is aithne dhomh an doilgheas.
8 Agus thàinig mi nuas g’an saoradh a làimh nan Eiphiteach, agus g’an toirt suas a mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsuing, gu fearann a ta sruthadh le bainne agus mil; gu àite nan Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach agus nan Iebusach.
9 A nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd a’m’ ionnsuidhsa: agus mar an ceudna chunnaic mi am fòireigin [foirneart, ainneart. ] leis am bheil na h-Eiphitich ’g am fòireigneadh.
10 Agus a nis thig, agus cuiridh mi thu dh’ionnsuidh Pharaoih, a chum as gu’n d’thoir thu mach mo shluagh clann Israeil as an Eiphit.
11 Agus thubhairt Maois re Dia, Cò mise, gu’n rachainn a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus gu’n d’thugainn a mach clann Israeil as an Eiphit?
12 Agus thubhairt e, Bithidh mise gu cinnteach leat; agus bithidh so ’na chomhara dhuit, gu’n do chuir mise uam thu: ’nuair a bheir thu mach an sluagh as an Eiphit, ni sibh aoradh do Dhia air an t-sliabh so.
13 Agus thubhairt Maois re Dia, Feuch, an uair a thig mi dh’ionnsuidh cloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia bhur n-aithreacha mise d’ar n-ionnsuidh; agus a their iad rium, Ciod is ainm dha? Ciod a their mi riu.
14 Agus thubhairt Dia re Maois, IS MI AN TI A’S MI: Agus thubhairt e, Mar so their thu re cloinn Israeil, Chuir IS MI mise d’ar n-ionnsuidh.
15 Agus thubhairt Dia thuill’ air so re Maois, Mar so their thu re cloinn Israeil, Chuir an Tighearna Dia bhur n-aithreacha, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, mise d’ar n-ionnsuidh: ’s e so m’ ainm a chaoidh’, agus ’s e so mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.
16 Imich agus crunnich r’a
17 Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh a h-àmhghar na h-Eiphit, gu fearann nan Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a ta sruthadh le bainne agus mil.
18 Agus éisdidh iadsan re d’ ghuth: agus théid thu féin agus seanairean Israeil, gu righ na h-Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna Dia nan Eabhruidheach sinne: agus a nis leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar thri lathan do’n fhasach, chum as gu’n ìobair sinn [gu’n d’thoir sinn ìobairt. ] do’n Tighearn ar Dia.
19 Agus is deimhin leam nach leig righ na h-Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làdair [ach le làimh làdair. ] .
20 Agus sìnidh mis’ a mach mo làmh, agus buailidh mi ’n Eiphit le m’ iongantasan uile, a ni mi ’n a meadhon: agus ’an déigh sin leigidh e dhuibh imeachd.
21 Agus bheir mise do’n t-sluagh so deagh-ghean [fàbhor. ] ann an sealladh nan Eiphiteach: agus tarlaidh, ’nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh;
22 Ach iarraidh gach bean [iarraidh gach bean ’an iasachd, no’n coingheall. ] o ban-choimhearsnaich, agus o’n mhnaoi a bhios air aoidheachd ’na tigh, seudan [soithichean. Eabh. ] airgid, agus seudan òir, agus eudach: agus cuiridh sibh iad air bhur mic, agus air bhur nigheanaibh; agus creachaidh sibh na h-Eiphitich [an Eiphit. ] .
title | Caibideil III |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |