[100]

CAIB. IV.

AGUS fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach feuch, cha chreid iad mi, ni dhéisdeas iad re mghuth: oir their iad, Cha do thaisbein [Cha d’fhoillsich. ] an Tighearn e féin dhuit.

2 Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann do làimh? Agus thubhairt esan, Slat.

3 Agus thubhairt e, Tilg air an làr i; agus thilg e air an làr i, agus rinneadh ina nathair: agus theich Maois roimpe.

4 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cuir a mach do làmh, agus glac air a h-earr [earrball. ] i. Agus chuir e mach a làmh, agus rug e oirre, agus rinneadh slat dhina làimh.

5 Chum as gun creid iad gun dfhoillsich an Tighearna Dia an aithreacha, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, e féin dhuit.

6 Agus thubhairt an Tighearn a thuillair so ris, Cuir a nis do làmh adbhroilleach; agus chuir e a làmhna bhroilleach: agus an uair a thug e mach i, feuch, bha a làmh lobhrach mar shneachda.

7 Agus thubhairt e, Cuir do làmh a rìs adbhroilleach; agus chuir e làmh a rìsna bhroilleach, agus thug e mach a


[101] bhroilleach i, agus feuch, dhiompaicheadh [thionndadhadh. ] i mar achuid eile da fheoil.

8 Agus tarlaidh, mur creid iad thu, agus mur éisd iad re guth acheud chomharaidh, gun creid iad guth achomharaidh dheireannaich.

9 Agus tarlaidh, mur creid iad mar an ceudna an chomhara sin, agus mur éisd iad re dghuth, gun gabh thu cuid a dhuisge na h-aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidhn t-uisga bheir thu as an abhainn, ’na fhuil air an talamh thioram.

10 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi aon chuid roimhe so [o’n no ’n roimhe sin. ] , no on àmsan do labhair thusa re dsheirbhiseach; do bhrìgum bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

11 Agus thubhairt an Tighearna ris, a rinn beul an duine? no a rinn am balbh, nom bodhar, non ti a chi, non dall? Nach mise an Tighearna?

12 A nis uime sin imich, agus bithidh mise le dbheul, agus teagaisgidh mi dhuit ciod a their thu.

13 Agus thubhairt e, O mo Thighearna, cuir, guidheam ort, le làimh an ti a chuireas tu [a chi thu iomchuidh a chur. ] .

14 Agus las corruich an Tighearnan aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lebhitheach do bhràthair? tha fhios agam gun labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e teachd a mach adchoinneamh; agus an uair a chi e thu, bithidh e subhachna chridhe.

15 Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu focailna bheul: agus bithidh mise le dbheul, agus le bheul-san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a ni sibh.

16 Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t-sluagh: agus bithidh esan, bithidh eadhon esan dhuitan àite beoil, agus bithidh tusa dhasanan àite Dhé.

17 Agus gabhaidh tun t-slat so ann do làimh, leis an dean thu comharan.

18 Agus dhimich Maois agus phill e gu Ietro athair-céile, agus thubhairt e ris, Théid mi nis, agus pillidh mi chum mo bhràithrean a tasan Eiphit, agus chi mim bheil iad fathast beo. Agus thubhairt Ietro re Maois, Imichan sìth.

19 Agus thubhairt an Tighearna re Maois ann am Midian, Imich, pill don Eiphit: oir tha na daoine sin uile marbh a bhag iarraidh tanma.

20 Agus ghabh Maois a bhean, agus a mhic, agus chuir e iad air asal, agus phill e do thalamh na h-Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhéna làimh.

21 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, An uair a dhimicheas tu chum pilltinn don Eiphit, thoir an aire [faic. ] gun dean thu na h-iongantais sin uile, a chuir misann ad làimh, ’am fianuis Pharaoih: ach cruadhaichidh misa chridhe, agus cha leig e leis an t-sluagh imeachd.

22 Agus their thu re Pharaoh, Mar so tha’n Tighearn ag


[102] ràdh, ’S e Israel mo mhac, mo cheud-ghin.

23 Agus tha mig ràdh riut, Leig le mmhac imeachd, a chum as gun dean e seirbhis dhomh: agus ma dhiùltas tu leigeadh [leigeil. ] leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do cheud-ghin.

24 Agus tharladh air an t-slighesan tigh-tàimh [tigh-òsda. ] , gun do choinnich an Tighearn e, agus gun diarr e mharbhadh.

25An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimchioll-ghearr i roimh-chroicionn a mic, agus thilg i aig a chasaibh e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhomhsa thu.

26 Agus leig e uaith e: ’an sin thubhairt i, Is fear-pòsda fuileachdach thu air son an timchioll-ghearraidh.

27 Agus thubhairt an Tighearna re h-Aaron, Imichan coinneamh Mhaois don fhàsach. Agus dhimich e, agus choinnich se e ann an sliabh Dhé, agus phòg se e.

28 Agus dhinnis Maois do Aaron uile bhriathran an Tighearn, a chuir uaith e, agus na comharan uile a dhaithn e dha.

29 Agus chaidh Maois agus Aaron, agus chruinnich iad seanairean chloinn Israeil uile.

30 Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna re Maois, agus rinn e na comharan ann an sealladh an t-sluaigh.

31 Agus chreid an sluagh: agus an uair a chualiad gun damhairc an Tighearn air cloinn Israeil, agus gum face an àmhghar, ’an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad aoradh.

titleCaibideil IV
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textEcsodus
<< please select a word
<< please select a page