[102]

CAIB. V.

AGUSna dhéigh sin chaidh Maois agus Aaron a steach, agus thubhairt iad re Pharaoh, Mar so than Tighearna Dia Israeil ag ràdh. Leig le mshluagh imeachd, a chum as gun cum [gleidh, dean. ] iad féisd [fleadh, séill, cuirm. ] dhomhsasan fhàsach.

2 Agus thubhairt Pharaoh, e an Tighearna, gun éisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le h-Israel imeachd? Chan aithne dhomhsan Tighearn, agus mar an ceudna cha leig mi le h-Israel imeachd.

3 Agus thubhairt iad, Dhfhoillsich Dia nan Eabhruidheach e féin dhuinne [ghairm Dia nan Eabhruidheach oirnne. Eabh.] : leig leinn, guidheamaid ort, dol astar thri lài don fhàsach, a chum as gun ìobramaid don Tighearn ar Dia, an t-eagal gum buail e sinn [tuit e oirn; coinnich e sinn. ] le plàigh, no leis achlaidheamh.

4 Agus thubhairt righ na h-Eiphit riu, Car son a ta sibhs’, a Mhaois agus Aaroin, atoirt air an t-sluagh sgur on oibribh? Rachaibh a chum bhur n-eallacha.

5 Agus thubhairt Pharaoh, Feuch, a ta sluagh na tìra nis lìonmhor, agus tha sibhsatoirt orra bhinan tàmh on eallachaibh.

6 Agus dhàithn Pharaoh air an sin féin do mhaighstiribh-


[103] oibre an t-sluaigh, agus dan luchd-riaghlaidh [an luchd-stiùbhraidh, an grìobhan, am maoir. ] , ag ràdh,

7 Cha dthoir sibh conlach tuille don t-sluagh a dheanamh chlacha-creadha mar roimhe so: rachadh iad agus cruinnicheadh iad conlach dhoibh féin.

8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clacha-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos abheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad aig éigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

9 Cuirear an obair nis truime air na daoine, chum as gun saoraich iad innte: agus na h-earbadh iad a briathraibh dìomhain.

10 Agus chaidh maighstirean-oibre an t-sluaigh a mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t-sluagh, ag ràdh, Mar so tha Pharaoh ag ràdh, Cha dthoir mi dhuibh conlach.

11 Rachaibh, gabhaibh dhuibh féin conlach far am feud sibh a faghail: gidheadh cha leigear sìos abheag dor n-obair.

12 Uime sin sgaoileadh [sgapadh. ] an sluagh air feadh tìre na h-Eiphit uile, a chruinneachadh asbhuain [bunain, stailcnich. ] , ’an àite conlaich.

13 Agus chuir na maighstirean-oibre thuige [chuige. ] iad, ag ràdh, Coi’ -lionaibh bhur n-oibre chumta lathail [gnothuch an ’na . ] , mar an uair a thugadh conlach dhuibh.

14 Agus bhuaileadh [ghabhadh air. ] luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighstirean-oibre Pharaoih os an ceann, agus dhfhiosraicheadh dhiubh, Car son nach do choi’ -lion sibh bhur n-obair chumta ann an deanamh chlacha-creadha araon an agus an diugh, mar a rinn sibh roimhe?

15 An sin thàinig luchd-riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad re Pharaoh, ag ràdh, Car son a bhuineas tu air an dòigh so re dsheirbhisich?

16 Chaneil conlach air a toirt do dsheirbhisich, agusse their iad ruinn, Deanaibh clacha-creadha: agus feuch, a ta do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh féin a ta choire.

17 Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna.

18 Uime sin imichibh a nis, deanaibh obair; oir cha dthoirear conlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clacha-creadha.

19 Agus chunnaic luchd-riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad dar clachaibh-creadha, don obair dhligheach lathail.

20 Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t-slighe [’nan coinneamh. Eabh.] , ’nuair a thàinig iad a mach o Pharaoh.

21 Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun dthugadh e breth, do bhrìgh gun drinn sibh ar boladh gràineilan làthair Pharaoih [ann an sùilibh Pharaoih. Eabh.] , agusan làthair a sheirbhiseach, acur claidheimhnan


[104] làimh a chum sinne a mharbhadh.

22 Agus phill Maois a dhionnsuidh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, car son a bhuin thu cho olc ris an t-sluagh so? car son a chuir thu uait mi?

23 Oir o’n àm a thàinig mi gu Pharaoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc don t-sluagh so; agus cha do shaor thu idir do shluagh.

titleCaibideil V
internal date1783.0
display date1783
publication date1783
level
parent textEcsodus
<< please select a word
<< please select a page