CAIB. VI.
’AN sin thubhairt an Tighearna re Maois, A nis chi thu ciod a ni mi re Pharaoh: oir le làimh làdair leigidh e leo imeachd, agus le làimh làdair fuadaichidh e mach as a dhùthaich iad.
2 Agus labhair Dia re Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna.
3 Agus dh’fhoillsich mi mi féin do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, le ainm an Dé uile-chumhachdaich, ach le m’ainm Iehobhah cha robh mi aithnichte dhoibh.
4 Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choi’ -cheangal [mo chùmhnant. ] riu, gu’n d’thugainn dhoibh talamh Chanaain, talamh an cuairte, anns an robh iad ’nan coigrich.
5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a ta na h-Eiphitich a’ cumail ann an daorsa: agus chuimhnich mi mo choi’ -cheangal.
6 Uime sin abair re cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a mach o bhi fuidh eallacha nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh o’n daorsa: agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnt’ a mach, agus le breitheanasaibh mòra.
7 Agus gabhaidh mi sibh dhomh féin mar shluagh, agus bithidh mi dhuibh a’m’ Dhia: agus bithidh fios agaibh gur mise an Tighearna bhur Dia, a ta ’gar toirt-sa [’gar tabhairt. ] mach o bhi fuidh eallachaibh nan Eiphiteach.
8 Agus bheir mi steach sibh a dh’ionnsuidh an fhearainn a mhionnaich mi gu’n d’thugainn e do Abraham, do Isaac, agus do Iacob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd: Is mise an Tighearna.
9 Agus labhair Maois mar sin re cloinn Israeil: ach cha d’éisd iad re Maois, tre chràdh spioraid, agus tre dhaorsa chruaidh.
10 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh,
11 Imich a steach, labhair re Pharaoh righ na h-Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a mach as a dhùthaich.
12 Agus labhair Maois ’an làthair an Tighearn, ag ràdh, Feuch, cha d’ éisd clann Israeil rium; cionnus ma ta dh’éisdeas Pharaoh riumsa, aig am bheil mo bhilean neo-thimchioll-ghearrta?
13 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, agus thug e dhoibh àithne [ordugh. ] a chum cloinn Israeil, agus a chum Pharaoih righ na h-Eiphit, clann Israeil a thoirt a mach a talamh na h-Eiphit.
14 ’S iad sin ceannardan thighean an aithreacha: mic Reubein ceud-ghin Israeil; Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi:
15 Agus mic Shimeoin; Gemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac Ban-chanaanaich: ’s iad sin teaghlaichean Shimeoin.
16 Agus ’s iad sin ainmeanna mhac Lebhi, a réir an ginealacha; Gerson, agus Cohat, agus Merari; agus b’iad bliadhnacha beatha Lebhi ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead.
17 Mic Ghersoin; Libni, agus Simi, a réir an teaghlaichean.
18 Agus mic Chohait; Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnacha beatha Chohait ceud agus tri bliadhna deug ’ar fhichead.
19 Agus mic Mherari; Mahali agus Musi: ’s iad sin teaghlaichean Lebhi, a réir an ginealacha.
20 Agus ghabh Amram Iochebed piuthar-athar dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnacha beatha Amraim ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead.
21 Agus mic Idshair; Corah, agus Nepheg, agus Sichri.
22 Agus mic Udsieil; Misael, agus Elsaphan, agus Sitri.
23 Agus ghabh Aaron Eliseba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Nadab agus Abihu, Eleasar agus Itamar.
24 Agus mic Choraih; Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph: ’s iad sin teaghlaichean nan Corhach.
25 Agus ghabh Eleasar mac Aaroin aon do nigheanaibh Phutieil dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: ’s iad sin ceannardan aithreacha nan Lebhitheach, a réir an teaghlaichean.
26 ’S iad so an t-Aaron agus am Maois ud, ris an d’thubhairt an Tighearna, Thugaibh a mach clann Israeil a talamh na h-Eiphit, a réir an slògh [a réir an armailtean. ] .
27 ’S iad so iadsan a labhair re Pharaoh righ na h-Eiphit, a chum clann Israeil a thoirt a mach as an Eiphit: ’s iad so am Maois agus an t-Aaron ud.
28 Agus tharladh ’san là air an do labhair an Tighearna re Maois ann an tìr na h-Eiphit,
29 Gu’n do labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna; labhair thusa re Pharaoh righ na h-Eiphit gach ni a their mi riut.
30 Agus thubhairt Maois ’an làthair an Tighearna, Feuch, a ta mise neo-thimchioll-ghearrt’ a’m’ bhilibh, agus cionnus a dh’éisdeas Pharaoh rium?
title | Caibideil VI |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |