CAIB. VII.
AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, rinn mi thu a’d’ dhia do Pharaoh: agus bithidh do bhràthair Aaron ’na fhàidh agad.
2 Labhraidh tusa gach ni a dh’àithneas mise dhuit: agus labhraidh Aaron do bhràthair re Pharaoh, esan a chur cloinn Israeil a mach as a thìr.
3 Agus cruadhaichidh mise cridhe Pharaoih, agus ni mi mo chomharan agus m’iongantasan [mo mhìorbhuilean. ] , lìonmhor ann an tìr na h-Eiphit.
4 Ach cha ’n éisd Pharaoh
5 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich gur mise an Tighearna, ’nuair a shìneas mi mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi mach clann Israeil o bhi ’nam measg.
6 Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhoibh, mar sin rinn iad.
7 Agus bha Maois ceithir fichead bliadhna dh’aois, agus Aaron ceithir fichead agus tri bliadhna dh’aois, an uair a labhair iad re Pharaoh.
8 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh,
9 ’Nuair a labhras Pharaoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas [Taisbeinibh mìorbhuil. ] air bhur son féin: ’an sin their thu re h-Aaron, Gabh do shlat agus tilg sìos i ’an làthair Pharaoih, agus fàsaidh i ’na nathair.
10 Agus chaidh Maois agus Aaron, a steach a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat ’an làthair Pharaoih, agus ’an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i ’na nathair.
11 ’An sin ghairm Pharaoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna druidhean [draoidhean. ] na h-Eiphit mar sin le’n druidheachdaibh:
12 Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad ’nan nathraichibh: ach shluig slat Aaroin suas an slatan-sa.
13 Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, air chor as nach d’éisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.
14 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, tha e diùltadh leigeadh leis an t-sluagh falbh.
15 Imich-sa dh’ionnsuidh Pharaoih ’sa’ mhadain, feuch, tha e dol a mach a dh’ionnsuidh an uisge, agus seasaidh tu ’na choinneamh air bruaich na h-aibhne [seasaidh tus’ air bruaich na h-aibhn’ air cheann dha teachd. ] ; agus an t-slat a thionndadhadh ’na nathair gabhaidh tu a’d’ làimh.
16 Agus their thu ris, Chuir an Tighearna Dia nan Eabhruidheach mise a’ t’ionnsuidh, ag ràdh, Leig le m’shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomhsa ’san fhàsach: agus feuch, gus a so cha b’ àill leat éisdeachd.
17 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Ann an so aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t-slait a ta m’làimh, na h-uisgeachan a ta ’san abhainn, agus tionndadhar iad gu fuil.
18 Agus gheibh an t-iasg a ta ’san abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bithidh gràin air na h-Eiphitich uisge òl as an abhainn.
19 Agus labhair an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a mach do làmh air uisgibh na h-Eiphit, air an aibhnibh, air an sruthaibh, agus air an lochanaibh, agus air uile cho’ -chruinneachadh an uisgeacha, chum as gu’m fàs iad
20 Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a réir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t-slat, agus bhuail e na h-uisgeachan a bha ’san abhainn, ann an sealladh Pharaoih, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndadhadh na h-uisgeachan uile a bha ’san abhainn, gu fuil.
21 Agus fhuair an t-iasg, a bha ’san abhainn, bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’ urradh na h-Eiphitich uisge òl as an abhainn: agus bha’n fhuil ann an tìr na h-Eiphit uile.
22 Agus rinn druidhean na h-Eiphit mar sin le’n druidheachdaibh: agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha d’éisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
23 Agus phill Pharaoh, agus chaidh e d’a thigh; agus cha do shocraich e chridhe air so cuideachd.
24 Agus chladhaich na h-Eiphitich uile timchioll na h-aibhne air son uisge r’a òl: oir cha b’urrainn [cha b’urradh. ] iad òl a dh’uisge na h-aibhne.
25 Agus choi’ -lionadh seachd laithean ’an déigh do’n Tighearn an abhainn a bhualadh.
title | Caibideil VII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |