CAIB. VIII.
AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Falbh a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus abair ris, Mar so tha ’n Tighearna ’g ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh.
2 Agus ma dhiùltas tu ’n leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannaibh.
3 Agus brùchdaidh an abhainn a mach losgainn, agus théid iad suas, agus thig iad a steach do d’ thigh, agus do d’ sheòmar-leapach, agus air uachdar do leapach [do leapa. ] , agus do thigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus do d’ àmhuinnibh, agus do d’ amaraibh-fuinidh [do d’ scàlaibh-fuinidh. ] .
4 Agus théid na losgainn suas ort féin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile.
5 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Sìn a mach do làmh le d’ shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannaibh dol suas air talamh na h-Eiphit.
6 Agus shìn Aaron a mach a làmh os cionn uisgeacha na h-Eiphit; agus chaidh na losgainn suas, agus chòmhdaich [chuibhrig, dh’fholaich. ] iad talamh na h-Eiphit.
7 Agus rinn na druidhean mar sin le ’n druidheachdaibh, agus thug iad suas losgainn air talamh na h-Eiphit.
8 ’An sin ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gu’n d’ thoir e air falbh na losgainn uam féin, agus o m’ shluagh; agus leigidh mise leis an t-sluagh imeachd, a chum as gu’n ìobair iad do’n Tighearna.
9 Agus thubhairt Maois re
10 Agus thubhairt esan, Am màireach. Agus thubhairt e, Bitheadh e a réir t’fhocail; a chum as gu’m bi fios agad nach ’eil neach ann cosmhuil ris an Tighearn ar Dia.
11 Agus falbhaidh na losgainn uait féin, agus o d’ thighibh, agus o d’ sheirbhisich, agus o d’ shluagh; a mhàin ’san abhainn mairidh iad.
12 Agus chaidh Maois agus Aaron a mach o Pharaoh; agus dh’éigh [ghlaodh. ] Maois ris an Tighearn a thaobh nan losgann, a thug e ’n aghaidh Pharaoih.
13 Agus rinn an Tighearn a réir focail Mhaois: agus bhàsaich na losgainn as na tighibh, as na bailtibh, agus as na machraichibh.
14 Agus chruinnich iad r’a chéile ’nan dùnaibh iad; agus lobh an tìr [dh’fhàs droch fhàile do’n tìr. ] .
15 Ach an uair a chunnaic Pharaoh gu’n robh fois ann, chruadhaich e chridhe, agus cha d’éisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
16 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Sìn a mach do shlat, agus buail duslach [luaithre. ] na talmhainn, a chum gu’m fàs e ’na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit uile.
17 Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a mach a làmh le shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e ’na mhialan air duin’ agus air ainmhidh [ann an duine agus ann an ainmhidh. Eabh.] : rinneadh uile dhuslach na talmhainn ’na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit uile.
18 Agus rinn na druidhean mar sin le’n druidheachdaibh a thoirt a mach mhial, ach cha b’urrainn iad: agus bha mialan air duine, agus air ainmhidh.
19 ’An sin thubhairt na druidhean re Pharaoh, ’S e meur Dhé a th’ann: agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha d’ éisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.
20 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Eirich suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus seas ’an làthair Pharaoih, (feuch, tha e teachd a mach a dh’ionnsuidh an uisge) agus abair ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh.
21 Ach mur leig thu le m’ shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag [iomadh gnè chuileag. ] ort féin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann do thighibh: agus lìonar tighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna ’n talamh air am bheil iad.
22 Agus cuiridh mi air leth air an là sin féin fearann Ghosein, anns am bheil mo shluagh a chòmhnuidh, air chor as nach bi cuileagan sam bith ’an sin; a chum as gu’m bi fios agad gur
23 Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bithidh an comhara so.
24 Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth an-barrach [dhòlasach. ] chuileag do thigh Pharaoih, agus do thighibh a sheirbhiseach, agus do thìr na h-Eiphit uile: thruailleadh an talamh a thaobh nan cuileag.
25 Agus ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh d’ar Dia ’san tìr.
26 Agus thubhairt Maois, Cha ’n’eil e iomchuidh [iomchubhaidh. ] sinn a dheanamh mar sin; oir ìobairidh sinn gràineileachd nan Eiphiteach do’n Tighearn ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràineileachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach gabh iad do chlachaibh oirn?
27 Théid sinn astar thri laithean do’n fhàsach, agus ìobraidh sinn do’n Tighearn ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn.
28 Agus thubhairt Pharaoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a chum as gu’n ìobair sibh do’n Tighearna bhur Dia ’san fhàsach; ach na rachaibh ro-fhad’ air astar: guidhibh air mo shon-sa.
29 Agus thubhairt Maois, Feuch, théid mise mach uait, agus guidhidh mi air an Tighearna gu’m falbh na cuileagan o Pharaoh, o sheirbhisich, agus o shluagh, am màireach: ach na buineadh Pharaoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh do’n t-sluagh dol a dh’ìobradh do’n Tighearna.
30 Agus chaidh Maois a mach o Pharaoh, agus ghuidh e air an Tighearna.
31 Agus rinn an Tighearn a réir focail Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Pharaoh, o sheirbhisich, agus o shluagh: cha d’fhan a h-aon.
32 Agus chruadhaich Pharaoh a chridhe air an àm so mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t-sluagh imeachd.
title | Caibideil VIII |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |