CAIB. IX.
AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Falbh a steach a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus innis da, Mar so tha’n Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh:
2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gu’n cum thu iad fathast,
3 Feuch, bithidh làmh an Tighearn air do spréidh a ta ’sa’ mhachair, air na h-eich, air na h-asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bithidh plàigh [eucail. ] ro-mhòr ann.
4 Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar spréidh Israeil, agus spréidh na h-Eiphit: agus cha’n fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon ni a’s le cloinn Israeil.
5 Agus shuidhich an Tighearn àm, ag ràdh, Am màireach ni an Tighearn an ni so ’san tìr.
6 Agus rinn an Tighearn an ni sin air an là màireach, agus fhuair spréidh na h-Eiphit uile
7 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith agus feuch cha robh eadhon a h-aon do spréidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha do leig e an sluagh air falbh.
8 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, Gabhaibh dhuibh féin làn bhur glac [bhur dorn. ] do luaith teallaich [fuirneis, àmhuinn. ] , agus crathadh Maois i re nèamh ann an sealladh Pharaoih.
9 Agus bithidh i ’na duslach mìn air feadh tìre na h-Eiphit uile, agus bithidh i ’na neasgaid a’ briseadh a mach ’na bolgaibh air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìre na h-Eiphit uile.
10 Agus ghabh iad luath na teallaich, agus sheas iad ’an làthair Pharaoih, agus chrath Maois i re nèamh: agus rinneadh i ’na neasgaid a’ briseadh a mach ’na bolgaibh air duine, agus air ainmhidh.
11 Agus cha b’ urradh na druidhean seasamh ’an làthair Mhaois air son na neasgaid; oir bha an neasgaid air na druidhibh, agus air na h-Eiphitich uile.
12 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha d’éisd e riu; mar a labhair an Tighearna re Maois.
13 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Eirich suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus seas ’an làthair Pharaoih, agus abair ris, Mar so tha’n Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu dean iad seirbhis dhomh.
14 Oir air an àm so cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a chum as gu’m bi fios agad nach ’eil neach ann cosmhuil riumsa ’san talamh uile.
15 Oir a nis sìnidh mi mach mo làmh, agus buailidh mi thu féin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu o ’n talamh.
16 Agus gu deimhin air son so thog mi suas thu, a chum as gu’n nochdainn annad mo chumhachd, agus gu’m biodh m’ainm iomraideach [air fhoillseachadh, air a chraobh-sgaoileadh. ] ’san domhan uile.
17 Am bheil thu fathast ’gad ardachadh féin ’an aghaidh mo shluaigh, air chor as nach leig thu leo imeachd?
18 Feuch, mu’n àm so màireach bheir mis’ air cloich-mheallain ro-mhòir [ro-chràitich, ro-mhilltich. ] frasadh a nuas, nach robh a samhuil ’san Eiphit, o’n là ’san do leagadh a bunachur [bunadh, stéidh. ] eadhon gus a nis.
19 Uime sin a nis cuir fios uait, agus cruinnich do spréidh, agus gach ni a ta agad ’sa’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear ’sa’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaidh, thig a’ chlach-mheallain a nuas, agus gheibh iad bàs.
20 An ti a ghabh eagal roi’ fhocal an Tighearna measg sheirbhiseach Pharaoih, thug e air a sheirbhisich agus a spréidh teicheadh do na tighibh.
21 Agus esan nach do ghabh suim do fhocal an Tighearna,
22 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh gu nèamh, chum as gu’m bi clach-mheallain ann an talamh na h-Eiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h-Eiphit.
23 Agus shìn Maois a mach a shlat gu nèamh, agus rinn an Tighearna tairneanach agus clach-mheallain, agus ruidh tein-aidheir air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h-Eiphit.
24 Mar so bha clach-mheallain ann, agus teine measgta leis a’ chloich-mheallain ro-mhòir, aig nach robh a samhuil ann an tìr na h-Eiphit uile, o rinneadh dùthaich dhith.
25 Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìre na h-Eiphit uile gach ni a bha ’sa’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobha na machrach.
26 A mhàin ann an talamh Ghosein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain.
27 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair so: tha ’n Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.
28 Guidhibhs’ air an Tighearn (oir is leòr e) nach bi tairneanach anbarrach [guthanna Dhé. Eabh.] agus clach-mheallain ann ni’s mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus cha’n fhan sibh ni’s faide.
29 Agus thubhairt Maois ris, Co luath ’s a théid mise mach as a’ bhaile, sìnidh mi mo làmhan a mach a chum an Tighearna: agus sguiridh an tairneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann ni’s mò; chum as gu’m bi fios agad gur leis an Tighearn an talamh.
30 Ach air do shon-sa, agus air son do sheirbhiseach, a ta fhios agam nach bi eagal oirbh fathast roimh an Tighearna Dia.
31 Agus bhuaileadh an lìon agus an t-eòrna; oir bha ’n t-eòrna fa dhéis, agus an lìon fa fhras [ros. ] .
32 Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.
33 Agus chaidh Maois a mach o Pharaoh as a’ bhaile, agus shìn e mach a làmha chum an Tighearna: agus sguir an tairneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t-uisge air an talamh.
34 Agus an uair a chunnaic Pharaoh gu’n do sguir an t-uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tairneanach, pheacaich e fathast mar an ceudna, agus chruadhaich e chridhe, e féin agus a sheirbhisich.
35 Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois.
title | Caibideil IX |
internal date | 1783.0 |
display date | 1783 |
publication date | 1783 |
level | |
parent text | Ecsodus |