[22]

IORRAM air America.

An Luinneag.

O theid sinn do dhAmerica,
Mun teirig air ar storas;
On dhaoraich iad am searran oirn,
S nach urrain neach bhi beo ann.

THAn tombac co daor
Agus nach feudar bhi ga fheoraich;
Nach mòr a thig am punnd dhe,
Nuair chostas unsa grot dhuinn.


[23]

O theid sinn, &c.

2. Nan teirgeadh air a chogadh so,
S gun coineadh rìgh Deorsa,
Chidheadh fibh na fichidin,
Adal le misnich mhoir ann.

O theid sinn. &c.

3. Than t eillean fad a chean agnn,
S New York, am baille mòr sin,
S chuaidhn teicheadh air na Reubaltaich,
S na cèudan air an leònadh.

O theid sinn, &c.

4. Chuir Mòr-fhear Howen re trèit orra,
S Burgoyne ateachd na còdhail,
S ma tharlas iad le cheil orra,
Chan urrain cèud bhi beo dhiu’.

O theid sinn, &c.

5. Chi sibh ann an ath-ghaoraid,
Gun raibh bhur barail gòrach,
Gun coisneadh sibh air Breatan
Ge bu mhòr bhur neart, ’s ùr stòras.

O theid sinn, &c.

6. Cha chuala mi bhi seannachas
Ann an eachdaireachd nan Stòrai,
Gun tug an namhad riamh orra,
Gun dstriochd iad re uchd Comhraig.

O theid sinn, &c.

7. Nach fadon tha na Gaedheil,
Aig, àitèach na Roin-Eorpa;
Nuair choisin iad len Claidheamh,
Bha Nuaidheachdan gu leor ann.

O theid sinn, &c.

8.S iomma Colan farrumach,


[24] Bha barraichte ann san losin;
Bha aca sud re chìosnachadh,
Mun dfhuairiad riamh bonn coir onn.

O theid sinn, &c.

9. GATHELUS dana
Chuaidhn Spaint a ghabhail comhnuidh,
Is thog è brùthach àiriann
Mar bhaille tamh ga sheorta.

O theid siun, &c.

10. As sin chuaidh mhac do dhErinn,
S na cèudan dhfhearabh mòra,
Is dhearbh iad a bhi trèubhach ann,
Mun gheil iad dhoibh gach seorsa.

O theid sinn, &c.

11. A ris chuaidh è dhAlabain,
Is thug è Aramailt mhòr leis,
S bha iommad la cruaidh aca,
Mun dfhuadaich è on còir iad.

O theid sinn, &c.

12. Ach tha Goill aig eibheach,
Gun fèum sinn dol air fògradh;
S gur h iad na Caoirich cheann-riathach,
A thiondas as air coir sinn.

O theid sinn, &c.

13. Mar tig an reachd as ùr oirn,
Tha mise an dùilsan dochas,
Nach cluinnier focal Gaelic,
Sabhailles airde ameolas.

O theid sinn, &c.

14. Chuaidh màl a chur tri-filte,
S cha nislich iad len deoin è’;
S am fear is faidde saoghal,


[25] Bidh fearran saor gu leor dha.

O theid sinn, &c.

15. Tha daoine bochd aig èigheach
S an dochair fein gan leòna’,
Ceart mar bha na h Eabharaich,
Sann Eipheid mun do sheal iad.

O theid sinn, &c.

16. Tha h uile neach chuaidh null,
Atoirt cunntas maith nas leor air,
On gheabh iad fearran saor ann,
Chan fhan ach daoine Gòrach.

titleIorram air America
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page