Oran air Fear Cille-mhoirre.
DHalbh mi ’n de gu sundach sundach,
Ghabhail cunntais Cille-mhoireadh;
Cha raibh cuìmhn’ agam air bàs
An fhir gun sgà a Chite soillear;
’N tra rannuig mi do làrach,
’S an t’ait an Deannamaid Coinnibh,
Cha deachaidh mi’ Steach a’d, Sheomar,
Cha leig m’ fheoil dhamh dol na Shealladh,
2. Chuala mi gur bròn bu Sheòl Doibh,
Ghabh mi dòchas rinn mi Pilleadh;
Thug mi sgrib do thigh an òsda,
Ghabhail Oran do na gillibh;
Ged, nach ’eil mi pailt do stòras,
’Scriodhal dh’ o’luin cupal Ghinne;
Na ’mfaicsin beò thu fhir gun sòradh,
Seach an Bron à bh’air do Chinneadh;
3. Fear mo’r Rioghail, ’s è don fhior Fhuil,
’S mòr d’ar di è nàm na togbhail;
Am feachd do Dhùcha’ dh’aithnaite air thùsu,
4. ’S mòr ’n iontruin sinn do d’ Dùthaich,
Am fear Cliutach a dhàs maiseach;
Dhearbh thu chuis ud, cha bu Chùbair
Bheireadh Cìus dhiot re àm Glacuibh;
Bhà thu siobhalta mar mhaighdinn,
’S ’Bha thu d’ Shaighdear re uchd Gaisge;
’S cha bn Chearbach fo d’ Chuid aerm thu,
’N am bhè scanchas ri luchd Chasag.
5. Ach mo Thruaidh ì do mh-athair,
Guidh ’m Bàs a thighin ga fireadh;
Chail ì a’ Sugradh, ’s a ceòl gaire,
Gu la bhràch cha dean ù pilleadh,
Beart a chràidh ì laogh h’ araich,
Bhi ga charamh fo na Gillea-bh,
Ann Chis’te dhionach fo bhrat Sìoda;
Bèùl na firinn ’s è gun ghiorag.
6. ’Nis on thanig feachd na truaigh,
’S bochd a Bhuaidh a bh’ air do Chinneadh;
’S tric an sgriob so le Bèul Uaigha;
Dhalbh ar ’n uaisle, ’s tha iad Diom-buan;
Ceannard Tuagh, is Dhaoine Truagh,
Co maith ’s tha an taobh tuadth do linneadh;
An ti thug uain u; cha chuis chruaidh air,
Oighre Buan a chuir a’ t innad.
7. Mar biodh è Cairdeal Tochdmor Bàitheal,
Heirreadh Càch gun raibh sud coirreach,
’N deigh nan Uaislean as an do Bhuaint ù,
8. B’ fhiach dh’ì fein sinn, b’ùr a Ceili,
Ceanna ceil ann ’san rabh ’n Gliocas,
Guala threin re àm an fhèim ù,
’S Cruaidh an teùg thug uain an’ nòis thù
Dhalbh am Bàta leat air sàile,
’S gu la Bhràth cha dean thù Pilleadh;
Dhul air tìr an leitear huìnai,
Ann raibh do Dhùchas, ’s b’urr-na Fleasgatch,
9. Na fir mhòar nach raibh sgàthach,
Cuid dh’en àbhaist ’n àm an fheasgair;
Gillean laimh-riu adhbhair Ghaire,
Treis air taileasg ga chuir seachad,
Fion ga leigeadh ann am Piosabh,
Aig Buidhean na Pìop, ’s na Bratach,
An fhiull uasal, Rioghal, Uabhrach;
Gam bu dual a bhi san Appainn.
10. An saoghal Brèugach cha n’eil fèum ann,
’S mairg nach lèugha è le gliocas;
Mur bi sleidh aguin le Cèil ann,
Leigear lèug [Not to trust.] ann ’s na toir mios air,
Na cuir Doibh [Forget.] ann ni na fèudail,
’S do Choguis fein na biodh ga d’ ithche
’S Biodh t inntin rè, ò Cheùm gu Cèum,
’S gu ’n dean u fèum mar trèug-u nios è.
title | Oran air Fear Cille-mhoirre |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |