[29]

ORAN a rinneadh do Sgip Bàta, air ’n do mhaoidheadh Priasan, chionn cluas a thoirt de’ chat.

An Luinneag.

Dh’albh an Ceannuich air ant soitheach,
Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach,
Dhalbh an Ceannuich as an tir,
Is bi mi fhein afolbh na dheighidh.

SAn a thànig sgèul-an fhuathais,
Nuair chaidhn cat a chuir gu Smuaireann,
Slan don laimh thug a chluas deth,
Chuir è bheans an uair gu gleothar.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

2.N sin nuair thùirtn catan Gruamach,
Dhaoines olca thug sibh chluas dhiom,
Siomadh luch a rinn mi ruagadh,
Sios, is suas, ma cheann an aodhairt.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

3. Thuirt a bhean is ì ga shlìopadh,
S duilich lùim do chluas bhi dhìth ort,
Cha neil mult atha san tìr so,
Ghabhain fhein a nochd a taghaidh.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

4. Bu tu Buachaile mo Chàishe,
An uair a rachamaid don aìridh, [A Shealing.]


[30] Ge do chuirrin air an spàr è,
Cha tig tabhachd ri gu foghar.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

5. Bha ù uair a bha ù ùiseil,
S iòmadh luch a rinn thu Chuibhreach,
Is bhon tha dùil aca nach cluinn ù,
Cha bhi suim dhiot air ann deighigh,

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

6.S mòr à milleadh air do Chlàisdeachd,
Bhon chai Chluas a chuir bho stà ort,
Siomadh luch a bhios ag ràite
S an a bhfèar thu bhi gun fhradharc.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

7. mbiodh cint agam an dràsda,
ghabh corrùm gun chionfàth ort,
Chòstuin cupal chlachùn caishe,
Toghail pàidhe le luchd lagha.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

8.S maith thig röibain air gach taobh dhiot
Tha do shuilin mar an Daòimein,
Ni iad solus ansa nòidhche,
S bheir iad boilsgeadh mar a choinnil.

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

9.S ann agad tha na feacla geùradh,
Sgaiteach glan a ni iad teumadh,
Cosan beaga scruinne leumas,
Nuair a dheireadh tuchum draghadh,

Dhalbh an Ceannuich air ant soitheach, &c.

10.S ann ort fhein than tiorball sguabach,
S or mhaìth lùbas è mun cuart duit,
S dar thig àm dhuit dol san ntuàsaid,
Biodh èn cuaichean air do dheighigh.


[31]

Dhalbh an ceannuich air antsoitheach, &c.

11. Chuaidh tu shealgs cha ban gu sùarach.
Ghlac thu ndreathan-donn am Bruachaig,
B fhear gu fannadh tu mancuart dha,
Chail thu chlùas re tighin am fradharc,

Dhalbh an ceannuch air antsoitheach, &c

12. Cha bem fortan a chuir suas thu
Shuidhen conaltradh dhaoin uaisle.
B fhear dhuit crùban ansa luathre,
Thuit do Chluàs le Eoin Macoinnich.

Dhalbh an ceannuich air antsoitheach, &c.

13. Sinnn uair thuirt a bhean le ardan,
Thèid mi sios don Fhasadh-fhearnadh,
S ò na fhuaradh ansan fhaud sibh,
Theid an gaird a chuir nar deigheigh

Dhalbh an ceannuich air antsoitheach, &c.

14 Thuirt an sgiopair Ban gu Cìännail,
Thar lium fhein nach beag a mioth achd,
Ceathrar dhaoine chuir am priosan
Air son caitean Crion nan soitheach,

Dhalbh an ceannuich air antsoitheach, &c.

15. Thuirt an Tuairneir, na biodh Gruaim ort
Man teid sinn dheannamh tuasaid,
Bheir mi fhèin duit Caitean gruàmach,
Ga’mbi Cluasan agus Fradharc.

Dh’albh an ceannuich air an ’tsoitheach, &c.

titleOran a rinneadh do Sgip Bàta, air ’n do mhaoidheadh Priasan, chionn cluas a thoirt de’ chat
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page