Oran do fleasgach, ris an abairte, an Gilleadh Ruadh.
An Lunneag.
’S e sud an gilleadh suigeartach,
’S e sud an gilleadh gaolach,
’S Maith thig còta sassannach,
’Don chuid is daite an aodach,
Ga d’ bhi è ginnidh h’uille slat,
Cha bhi thu ceart as èàgmhais.
’S e sud an gilleadh, &c.
2. ’S màith thig Eileadh Bhreacain daite
Paisgt’ an a Crios taobh ort,
’S cha mhios thig Briggis dhuit air achd,
D chumail smachd air taolman.
’S e sud an gilleadh, &c.
3. Ge d’ th’uirt iad riut gu n’raibh thu brais,
’S nach cuir thu smachd air Taolmann,
Gur ’t earc aite ann-dean thu stad,
Nach faicar Bean an gaol ort.
’S e sud, &c.
4. Cha n’eil cron ri airrish ort,
Ge d’ thug mi barrachd gaoil dhuit;
Mar eireadh feahthadh chabhaig ort,
’Nuair shìnneadh cailleinn taobh rùit.
’S e sud, &c.
5. ’N uair theid thu ris-na mullaichin,
’S maith thig Gunna Caol ort,
Cha mheas air feadh na’n Calleag thu,
’N an ’tachradh iad s’ an fhraoch ort,
’S e sud, &c.
6. ’S iomadh Nionnag arrumach,
Bhios a farraid ’t èugmhais,
’S an Oidhche, bait leat bhi na’n taic,
A cummail ceart an aodaich.
’S e sud, &c.
7. Ge d’ th’uir’t iad riut gu’n rabh thu fann,
O’n thainig ceann na’m Faoilteach;
’Na n’ tigeadh àm bhi dol don ghleann,
Cha bhi do Chlann gun fhaoitean.
’S e sud, &c.
8. Cha chuir an cleireach do-char ort,
’S cha troid è ruit gun aobhar,
’S cha toir a ministear thu steach,
Ge d’ bhidheadh seachd ri ghlaoich rùit.
’S e sud, &c.
9. ’Nuair chruinnicheas do leannanan,
Cha b’ainnibh iad’ri’ aitiunn,
Na ghuilaineas do’n Chlachan thu
Mas iad ’s faide saoghal.
’S e sud, &c.
title | Oran do fleasgach, ris an abairte, an Gilleadh Ruadh |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |