Iorram Sugraidh, Air fonn, Bidhibh Sunndach, &c. air an fhoddar.
Bha iad Sundach, Sundach, Sundach,
Criodhal Sundach air an fhoddar.
MAire og bha aig a mhuilleir,
Is Eoin ban a fiuran soisneach,
Luidh iad an raoir air an Urlar,
’S bha iad Sundach air an fhoddar.
Bha iad Sundach, &c.
2. Th’uirt an Fioghadar s’ è g’eridh,
Bheir mi fhein dhuibh nì gun obadh,
Dusan gabhar theid a Chundadh,
’S bidhibh Sundach air an fhoddar.
Bidhuibh Sundach, &c.
3. Co fad sa mhaireas Beart is slintin,
Ni mi strì ri r Cumail socrach,
Bidhuibh Sundach, &c.
4. ’N sin ’nuair th’uirt marairead n ighin domhnuil,
’S olc an’comh nadh sin g’an togail,
Bheir mi fhein duibh mart is bunndadh,
’S biodhibh sundach air an fhoddar.
Bidhuibh Sundach, &c.
5. Th’uirt Aonghis Mac Eoin gu Cìannial,
Bheir mi fhein dhuit Nionag shoisneach,
Ceithir mairt cho maith s’a ’s duthuigh,
Is deannuibh pusadh air an’ fhoddar,
Bidhuibh Sundach, &c.
6. Labhair Ceannuiche na maileit,
Bheir mo mhathair nì gun obadh,
’S n’uair thig mise as na bhuitheadh,
Bheir me gùn dì chionn a thègail,
Bidhuibh Sundach, &c.
7. Labhair Domhnal an ard-bheirgin,
Dheannuin seirbhios dhuibh n’uair thograin,
Bheir mi gobhar dhuibh is minseach,
’S deannuibh sìnneadh air an fhoddar,
Bidhuibh Sundach, &c.
8. Labhair Donacha brathair a’ Mathar,
’S ni rò nar dhuin bhi re doichill,
Bheir mi mart, is fichid pund dhuibh,
’S bidhuibh Sundach air an Fhoddar.
Bidhuibh Sundach, &c.
9. Labhair Domhnall Glas ann Innse.
Air mo ni cho d’teid aon Obadh,
Bheir mi Gearrann a ni Nuir dhuibh
Bidhuibh Sunndach, &c.
10. ’Nuair a theid sibh làighe am plangaid,
Biodh gach aon neach an re sodan,
’S biodh gach neach a’g oll air Slàinte,
’S bidhuibh Greannar air an Fhoddar.
Bidhuibh Sundach, &c.
11. ’S iomadh Fleasgach an sa’n duthaich.
Dhàs gu soimhe sùgrach soisneach,
Na m’ bith nionag air a Chùl-thaobh.
Luighe dlù ris air an Foddar,
Bidhuibh Sundach, &c.
title | Iorram Sugraidh |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |