Oran air Bodach Fioghdair, a phos seann te, bha siubbal nan crioch re da fhichiod Bliodhna.
’N Cualadh sibhse n’sgèul daicheil,
Thain’ an dràsd oirn as Ur;
Ma Dheibhinn na Cärraid,
Chuaidh ’n bannubh Laidir le Cliu?
’S fear ghreasadh na ’m spàll thu,
’S cha raibh Failn ort sa Chuis:
Fhuar thu Ceile gu’t àileas.
An deighe do Gradh chuir ’s an Uir.
2 ’S iomadh neach th’ air a’ Mhealladh,
Leis a Char thug thu ’n drast,
’S gach aon a bhi ’m Barrail,
Gu’n deach thu bailleach ’o stà.
Ach ma dh’oighreicheas seonaid.
’S è sud Comhdach is fearr,
Bidhidh ìad duillich gu dearbh lium,
Nach ’d tug iad tairgse dhuit trà.
3. ’S maith a thagh thu do Cheili,
4. Cha dean mi dad mol’ ort,
Thaobh soddal, na sgleo,
Tha u ’d bhreabadair laidir,
A ghreasas spall air a chlò,
Cha’n ’eil Cron ort thaobh coltais,
Ach ad Roiceannach còir,
Pair’t a dh’ailtibh na Brice,
Gle thrice ort mu’n T’shroin.
5. ’S mairg a ghabhadh droch Bharrail,
Ge d’ raibh iad tamull gun Phos,
Mar dean iad beart Chearbach
Nach faigh iad tairgse ni ’sleor,
An te bha deich is tri fichid
Gun ghin theachd na Còir,
Fhuair fear air a leabuidh,
Co deas re mnaoi òig.
6. Tha sean-fhocal ag ìnseadh,
’S tha sinn cin ’t as gu lèir,
Gur fear piseach an-moch,
Na bhidh gun earbasa fo’n Ghrèin.
An tè thug builleach a dùill diubh,
’Si ag Cùradh gu gèur,
Tha ì n’oishe gu sùgach,
’Sì air mugha a Glèus.
7. ’S beag an’tionnadh daoine òg,
8. ’S mòr shiubhail thu an Chruine,
Ma’n Drinn thu ’n Cruinneachadh Còir,
Eider Peairt is Dun-eidin,
Aig cuir ri chèile an stòir;
’S maith duit Iain s’an Oidche,
Gè d’ fhuidh è roìnn ann san or;
A’fad sa mhair a chèud Cheiledh,
Bha è trèabhach na ’s leòr.
9. ’S mòr an sòlas do d’bhràthraibh,
S’ do d’ Chardibh gu leìr,
Ge d’ tha naois a tighin trà ort,
Nach d’fhàlluin do Ghlèus,
Nam fuigheadh tu sàstachd,
Mar a bail leat ga d’ rèir,
S’ tearc fleasgach a ’s duthuich,
S’ fearr lugh ’na bhuill-fheum.
title | Oran air Bodach Fioghdair, a phos seann te, bha siubbal nan crioch re da fhichiod Bliodhna |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |