[43]

Oran, a rinneadh do Nianagaibh oga, a smuaintich gun dthainig an t aog a dhionsuidh an leapa.

BHa ntèug aig ar leabuidh an raoir,
Chuir è eagal, is oilt air maigneadh;
Gun leig è gach furm, is gach Stòl,
Is Tharuing è Mòr air Chosaibh;
Thuirt Fionghal le briathar ro mhòr,
Chan fhuigh ù lemdheon a phlaide,
S bi aithreachas orm gu Diardaoin,
Nach do lean mi an saor ni s faide.

2. Ghabh eagal, is tuirse a Chlann,
S an àm bu chòir dhoibh Caddal;
Bha ncriodhachan uille cho fann,
Nuair chual iad an tsrann a bhaige;
Thuirt Seonaids ì luigh anunn,
sparradh a Ceann fon phlaide;
Than tolc aig àr cosaibh a Chlànn,
S rug mise am laimh air bhad air,

3. Thuirt Màiris i labhairt gu fòil,
Cha nfhan mi nur Còir nis faide,
Gunteid mi don cheann ud Shuas,
S guntarruing mi Uaibh mo phlaide,
Thuirt Mairireads ì labhart gu Mall,
A ghraidh nach fuirich thu aguinn;
An teagal gum bi sinn san tòm,
Nuair gheibh e sinn tròm nar Coddal,

4. Thuirt Seonaid nic Eanraic gu faoin,
S an agams tha aobhar an eagail,
A lamh a bhi tarsuing mo chluas,
A los mo thoirt uaibh le gradachd,


[44] Folt bachlagach liadh air a chull,
Sa shùil asgionnadhna Chlaigin,
Bha aghaidh cho duth ris a Ghual,
S chossan co Chruaidh re maiddean.

5. Bha lamhan gurudanach cruaidh,
Nuair chuaidh iad mun cuairt dam leasradh,
Bha Anail gu halmaradh fuar,
Nuair chuaidh è man cuairt damleith-cheann,
Druim Chrottach, brù charitedhs olc snuaidh,
Nuair thanig è sùas re mlea-taobh;
Bha Fhèusag mar fhionnadh an roin,
Nuair thanig è choir ar leapach,

6.S ma thig se a ris nar dail,
Deanasibse gu faìle farast,
Na togaibh ur lamhan ga choìr,
Gus a fuigh sibh gur sgoid nar taicè,
N sinn sasuibh na Chluasaibhs na ghruaig,
Is thugaibh ì nuas on Chlaigin;
S mar urrain sibh Cheangal le taod,
Thugaibh ordùdon tsaor bhi aige.

titleOran, a rinneadh do Nianagaibh oga, a smuaintich gu’n d’ thainig an t aog a dhionsuidh an leapa
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page