ORAN do PHADRIC.
Robastan Forsair Dhiuc Athall.
An Lunneag.
’S cruinn donn Sgiobalta,
’S g’ur grinn an firein Padric,
’S cruinn donn Sgiobalta,
Thig feileadh an Crios do Phadric.
’S Maith thig sud os cionn do dheise,
Bonaid gorm na m ballan beaga,
Riobban ur an deis a leagadh,
’S cruinn donn, &c.
2. ’S maith thig lèin an annart ùr ort,
Cheart co chaol sa tha san duithich,
Còta an Aodach thig on Bhutha,
’S theid na Cruin ga phaigheagh.
’S cruinn donn, &c.
3. Calpa Crùinn is ro mhaith Cumadh,
Giommanach air cùl a Ghunna,
’Nùair a theid thu ris amhulach,
Fuil air Damh na Craice;
’S gur cruinn donn, &c.
4. ’Nuair theid thu don tigh lionna,
Cha n’eil do leithid ach ainnibh,
Bu tu Companach an Drama,
Ga Cheannach ’s ga phaighe.
’S gur cruinn donn, &c.
5. ’Nuair a theid thu Chum na Faoireach,
Cha n’eil teagamh nach biodh sgoin diot,
’S iomadh Nighin òg, is Maidean,
Bhios a faoineachd Phadric.
’S gur cruinn donn, &c.
6. ’S tearc Nighin a tha re fhaoiten,
Ge’d’ raibh aice Crobh, is Caorich;
’Nuair sheallas ì na eùdain,
’Nach biodh ’n gaol air Padric.
’S gur cruinn donn, &c.
7. Tha thu Theaghlach Thighearn Ruthain,
Dha ma dual bhi annsa Ghuisaich,
’S gad nach marthun air do Chùl è
Seasuidh ’n Duic le Padric.
’S gur cruinn donn, &c.
8. ’S guirridh mise dheannamh Orain,
Cha do Chan mi focal Bostail,
’S on’ is gille Criodhal Còir thu,
’S maith lium beo thu Padric.
’S gur cruinn donn, &c.
title | Oran do Phadric |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |