ORAN DHOMH’UIL DROVAIR.
LAbhair Domh’ul Drovair,
Tha Geoidh agam aig a bhaile,
Is receidh mi mo chòir dhuibh,
Gu Deònach ma’n teid me thairis;
Ma gheibh mi airgid làimhe,
Cha n’àil lium a thogal bailleach,
’S gad theid fear ’s an Stòp dhiubh,
Cha dochaid nach bidh rud aguinn.
2. Thùirt Eòin Goù; Dhomhnuill,
Leig dhamsa do lamh a Ghlacadh,
’S companach Crìodhal Coir thu,
M’an Stop ’n uair bhios rud agad,
Bheirin boid is briathar,
Ma’n iosg thainig as an taruing,
Gu fuigh thusa coir dh’e,
’S cha bhosd dhuinn ge’d ol sin geallag.
3. Labhair Domhnul Drover,
Sud seorsa bhios mise Ceannach,
Cùrsain mhora Stapuil,
Na Hàigich, ’s na Cappuill shearruigh;
Na gabhair, is na Caoirich;
’S crobh laoigh ’n uair thìge an t’earrach,
’S beg à buinig Dro dhuibh,
Ge’d oluinn mo Chuid Da Dhrama,
4. Bi iomad Braddan tarra-gheal,
5. Th’uirt Eoin Gou; Dhomhnuill,
’San Dhamsa dherich am Braimmeas,
Chuiadh mi thair Drium Uachdair,
Air chuairt a cheannah an Drama,
Chuaidh Buideal thair a Bhruaich orm,
S cha Bhuannachd a Chall a dhaindeon;
Dhoirt è air gach taobh Dhamh,
Ach taoman a dh’an sa Bhallan.
6. Their càch gu m’bheil sinn gòrach,
’S gu’n ol sinn gach nì bhios aguin,
’Na Bodachain bhronach,
Tha n’ Comhnuidh fuireach aig baile;
Nach Olàdh sa Bhliadhna,
Trion, na Cea’ramh a Ghallain,
S bheir sinne fo’n fhòd linn,
Co mòr ris an’fhear is pailte,
7. Th’uirt Eoin Gou; Dhomhnuil,
Cha bhòsd th’an ’s na bheil thu Caintin,
’S iomadh oidhch’ a dh’òl mi,
’O nòin gus an tigeadh a mhaidin
Theug’ gu deannain Bargan,
’S gu b fhearr domh è na, na Chaithin
’S fearr an diu mar òr mi,
Na cheud la dh’òl mi Drama.
8. Is mise Domhnuill Drovar,
A tà ’m Bohespuig,
title | Oran Dhomh’uil Drovair |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |