PLURAN na FRITHE.
GHeibhte sùgradh is màran, aig nionagan dàicheal,
Roimhe bhriste na faìre a bleoghan aig a Chro,
Niosadh bidh iad Craiteach, ma’n cuairt air gach ailin,
Na Forsairin is ailde, gun chaill iad an Doigh.
2. ’Sa mhadain aig na Crothaibh, bha’n fhaic mi gillean oga
Ach nionagan na’n aonar gu tursach, truadh,
Gun mhirre, is gun mhàran, ach muladach is pramhail,
Gach tè gu soigheach tarluidh, is tarnigh ise air folbh,
3. Ma fheasgar an sann anmoch, cha Chluin mi ceol na seanchas,
Aig na Gilleabh meanmnach, measg ghruagach gu Dlù
Ach Suidhidh iad gu Diamhair, aig cumha na tha di orra,
Is flùran na fridheadh an deidh an t’oirt Dhiubh.
4. Aig foghara na Buanadh, cha’n fhaic mi oigridh Cluanas,
Tha luch’d na’m bann air fuarach, ’s iad uain air Dhroch li,
Am feil na neill ga’mbi mi, cha’nfhaic mi suireadh na strì an,
Is plurain na fridheadh, an dei’s a’n t’oirt uain.
5. Mo Chreach a Chuir ga’n ditheach, na Gillean chum na Chriche,
’S na Sassanaich gu dìreach, air Cosnadh oirn’s be’n beud,
Fluir na frith is uaisle, air thoiseach, ’se bu dual duibh.
Tha chuid is fearr m’a’ n cuairt dhuin, nan luighe fuar an Cre.
6. Cha chluinn sinn tuille glaodhaich, aig leagal na Caorach,
Ach mnai is Clann a Caoineadh, gu tursach truagh,
Sad muladach, is Craiteach, ma’n cuairt air gach Aillen,
’S na Forsarain a bailte An deigh a’n tabhairt uain.
title | Pluran na Frithe |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |