AM bheil fios co chùnnaic mise an raoir,
Teachd anuas an tsraid am chòir?
Mo leannan fein an comhdach ùr,
Is ì gu criodhail, caoi’neal, còir?
Th’uirt mise, buidheachas don oidhch,
Nach ’iar luchd gaol a chuir an call;
’S ’on tha do mhàthair gun bhi ad chòir,
Nach toir sinn sraid don bhein ud thall?
2. A Cheit a ghaol, nach folbh ù lium,
I’s fag am bailleadh so tha faon?
Chi ù choille a tighin fuidh bhla’th,
’San samhradh sealtuin oirn gu caomh.
Biodh smeorach, s uiseag air gach bachd;
An eilid bheag ni fead s a’ ghaoidh;
As gach pairc, is as gach glaic,
Gu fiudh ù slaint bhar gach raon.
3. Nuair a thig a mhadain bhlàth,
’Sa dhoirteas ì anuas a’ druichd,
Ruigidh sinn taobh uilt gun tamh;
A’ghleidhadh lus, gu truscan ùr.
Ga spionadh bh’ar gach ailean gorm,
’S a bhuidheag bh’ar an lòin gu dlù;
4. ’Sa ghleannan thaitneach ud gu hard,
Nach ’eil ach do thigh m’aithair dlù;
Chi ù eassan lusach tla’;
’Sam beithe. lùbadh air a chùl.
’Nam eiridh ’n ghrein gu harda blà,
Dh’ionsuidh feannachd gluaisidh tù,
’S am lamhaibh glaccaidh mi u trà,
’S bheir sinn gaol, is pog, is rùin.
title | [?] |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |