Cumhadh a Mharaiche air Son a Leirsin.
THA cuid aig earbsa an onoir,
’S cuid ele ’g earbs a’ maoin;
Tha cuid aig earbsa a’ solas,
’S cuid eile a’ tlachd mar aon;
Ach air mo shonsa cha n’ eile ni
Thug so’las dhomn ach gann
Mar bithuin air na chuantibh,
An ’uair nach raibh mi dall.
2. Niose sla’n’ le sòlas,
Sla’n leis an fhairge mhoir,
3. Quebec, Montreal, Cape Breton,
Greenland, is Florida,
Barbadoes, is Jamaica,
St. Kitts ’s Virginia,
Mar sud ’s da Charolina,
’S ceud àite ni bu mhò,
’Nraibh mi uair, bheir orm bhi nios,
Brònach air a’ntshòr.
4. O’ thoiseach m’oige ghabh mi tlachd,
Bhi air na cuantiabh thall,
Ach gus an deachaidh òrdachadh,
Gu’m beigin damh bhi dall:
On thachar sin, cha chòir dhamh fòs,
Bhiodh gearan gèur gach àm,
’S nach urra duine seall thoi’rt dhamh,
’O n’ uair ’s gu bheil mi dall.
5. Ach biodh mo bhean ’s mo theaghlach,
Aig glaodhaiche ’g iarruidh bidh;
’S laguidh sud mo chriodh goirt,
Gu fuigh iad bàs le dì,
Ach tha mi ’n do’chas nach bheil neach,
Gheibh mi-chiat dhiom ach gan,
Ged reicein sgeoil, is orain,
O’ nuair ’s gu bheil mi dall.
title | Cumhadh a Mharaiche air Son a Leirsin |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |