Laoidh mu Chruthachadh an t Saoghail.
A Thighiarna is a Dhia na’m feart
’S tu an ti is aird a’ tann,
’S an duit tha neamh is tallamh geill,
’S gach neach gu leir a ’t ann.
2. Air tiartas lass an solus glan,
Air cluintin guth do bheil,
’S a’ neimhni thug ù an domhan mòr
’S gach aon ni ’tann gu leir.
3. ’S tu rinn a ghealach is a ghrian,
’S na speùran gniomh do lamh;
’S tu rinn an cuan ’ta farsuing mòr,
Ge lionmhor seorsa a’ t’ ann,
4. Tha’n lò re sgèul air t’ fhirin ghlan,
Is oidhcheachan gun tamh,
Aig foilseachadh amach do ghloir,
’S do ghliocais mhoir gun cheann.
5. ’S tu rinn na haingil mar an cèudn’;
Tha ’geisteachd ri do reachd,
’S cha n’eil sa’n tsaoghal so gu leir,
Ach neimhni faon a’d’ bheachd,
6. An duine a chruthaich ù air tùs,
Do’n ùr a’ ta’ fuidh’r bonn,
’S an saoghal iomlan thug ù dha,
’Sè làn do thorradh trom.
7. Cha raibh cumhachd aig a’ bhàs,
Gu bràth air beantuin ris;
Mar bhiodh chraobh chuaidh thoirmisg dha,
Gun d’ith è pairt ga mios.
8. Ach dhòsan nochd ù iochd, is truas,
Chuaidh uait le seachran bochd,
9. Air slabhruidh theann, an ceangal cruaidh,
Gun fhuasgladh as gu bràth;
Ann lochan dubh tha losgadh buan,
’S ann cuan a chaoidh nach traigh.
10. Mo luighe sios is m’ eriodh suas,
Mo dhol a mach, ’s a steach;
’S gach smuainte diamhain a ta m’chom,
’S geùr soilleir dhuit gu beachd.
11. Cha n’fhaica sùil, ’s cha chuala cluas,
’S cha smuantich duin’am feasd,
Air meud a mhaith a thaisg thu suas,
Don droing a ghluas a’d’ reachd.
12. Tha sùil gach dùil a’ feitheamh ort,
Gam freasdal an’s gach càs;
A chum gu ’n tugadh tu dhoibh lòn,
Ga’n cummail beo gach trà.
13. Dlù sgriobh do lagh am Chriodche steach,
’S cuir t’e- agal Roimh mo Shùil;
’S pill mo Chos o roduibh ’n uilc,
’S biodh t aitheantaibh dhamh mar iul.
14. Ge’d’ raibh mo naimhde air gach taobh,
An saoghal, is an fheoil;
’S am buaradar; cha tig dhamh dlù;
O’ n chuir è cul re coir.
15. Tha subhachas, is gairdeachas,
An t àros naomh nach gann;
Tha sluagh gun aireamh ann do chuirt,
Aig seinn do chliù gun tamh.
16. Do laithean tha gun cheann gun chrich,
title | Laoidh mu Chruthachadh an t Saoghail |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |