[67]

Laoidh mu thuitim Adhamh.

A Dhuine dhiamhain,
Tha re deanamh lochd;
Nacheil ù saoilsinn,
Gun tig caochladh ort;
Le togradh dian,
A toirt a miann don fheoil,
S gur è do dhùil
Gu mair ù ùine beo.

2. Ach seall addheigh,
Mar rith ùn rèis gu ceann,
Do sheirbheis De,
Cha tug u speis ach gann,
Ce dgheibh ùn saoghal so ga dreir,
S gach gnothach rèidh gu dsgoid,
Na biodh do dhùilnuair theid ù null,
Nach bi do chunntas mòr.

3.S còir bhi caoineil ris gach aon neach,
S gun bhi aingiolt olc,
Nach do leubh ù mu na hainglibh
Thainig dhionsuidh loit?
Thug è stigh na theach gu saor iad,
S rinn è faoileachd chòir,
Ann sabharail gum bu daoin iad
Thainig air saothair mhòr.

4. O! gur treoblaideach ata sinn,
Ann an gàbhadh geùr;


[68] Ondhith Adhamh meas a ghàraidh,
Thainig bhàr na gèig;
Fhuair am peacabeagan faair,
Is thug èm bàs gar còir;
S tha shliochd o’ ’n trà sin ann sgach aite,
S iad nan trailean do.

5.S cruaidh an staid ann raibh sinn,
Aaon uair, leis an tiontadh bhochd,
Rinn satan sealladh air ar sinnsearachd,
Is thionsgain se ar Plot.
Ghabh criosda truas dhinn ann sachàs ud,
S chuaidh èn ràdhan ort,
Do chum nach fuilgeadh sinn gu siorruidh
Le trom dhioghaltas goirt.

6. Bè sud an t Urras a bha cruaidh
Ge dbha è suarrach ort;
Cha dthainig dhòr. no dhairgid riamh,
Na bheireadh diol adlochd;
Ach gus an dthainig Criasda fein,
S gun chèusadh è air Crois:
Chuaidh fhuil a dhortach sios gu làr,
S bè sud am paighe goirt.

7. Ach an deigh a thoirt a nuas on fhàradh,
Is bàsach air a Chrois;
Thainig a mhuintir fein ga ionnsuidh,
S dhadhlaic iad a Chorp.
An treas la rinn se eiridh,
S fheuchain do nas leor,
Ach gus am facamòran sluaigh è
G iomachd suas gu glòir.

8.N uair thig è rìs chum an t saoghail,
Ni è caochladh mòr.


[69] Ann an greadhnachas, ’s an cùirt,
Is chi gach sùil a ghlòir.
Bidh teine lasrach air gach laimh dha,
Chum a naimhde leon,
Is Daoine taghta dhiono fheirg,
Sgan cuir an seilbh ann gloir.

9.N uair gheibh iad eoir air flaitheas De,
Ameasg an èibhneis mhòir:
Lionuidh gairdeachas an inntin,
S cha bhin cuimhnair bròn.
Ni iad dealrachadh na fhiadhnais,
Mar a Ghrian sna neoil;
Is iad gun tamh adeanamh ciuil,
Aig seinn a chliu gach .

10. Ach sibhse a shluagh a bhann sann eacoir,
S nach tug speis ga reachd;
Chaith bhur beatha gu h easumhla,
S a chuir cùl rir leas;
Gluaisibh chum an teine shiorruidh,
Loisgeas dian gach ,
Ann cluinn sibh gall, is cassadh fiacladh,
Leis na piantaibh mòr.

11. Ach mas ail leat sonas siorruidh,
S gun bhim priosan bochd:
Dhionnsuidh Chriosda teich le h eibhneas,
S fag addheigh lochd.
Doirt do chroidhemach na lathair,
S aidich t fhàilin dho.
Is guidh gun glac è t anam rèidh,
Nuair bhios do Chrè gun deò.

titleLaoidh mu thuitim Adhamh
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page