[70]

Mu Abram agus Aoidh araid. Air a thoirt oEachdraidh.

BE cleachdadh Abram suidh anns dorus
Feitheamh air luchd feum;
Air chors nan tigeadh Coigireach,
Gun tugtè steach gu reidh.

2. Ach suil gan tug è thainig seachad
Seann duine bochd faoin,
Bha chuitrim uile air a bhata,
S è cèud bliadhna dhaois.

3. Thuirt Abram ris, è dhol asteach,
(Be sud a chleachd, ’s abhèus)
A Chassan ionlad ann an uisg,
Is biadh, is tlus dha fein.

4. Thuirt Abram ris, nach toir ù taing
Don Ti is airde gloir,
A chuir gach aon ni ort co pailt,
S a chum co fad ù beò?

4. Thuirt eisin ris, chaneil neach ann
Gan toir mi taing, na gloir;
Don teine ghèileas sinn air fad,
On tig ar nearts ar treoir.

6. Thuirt Abram ris, bi dol amach,
S na tig a steach re dbheò,
Chion nach lùb ù sias ù fein,
Don Ti gan gèil na sloigh.

7. Thuirt an Tighearna re Abraam,
Cia àit abheil a neach?
A thug ù steach adthigh gu caomh,
Nan drinn ù caochladh beachd?


[71]

8. Fhreagair Abram è gu glic,
Is thuirt se ris gu fòil:
A chionn nach gèileadh e dhuit fèin,
Cha bhèus lium è bhi mchoìr.

9. Ma dhuillig mise dha gun fhiamh,
Bhi Cèud bliadhna beò;
Nach feudadh tusa ceadd thoirt dha
Fuireach aon trà adchòir?

10. Thug Abram leis è ris asteach,
S thug pailteas dha gu saor;
Gach Goireas a bha steach aige,
Is leabuidh chuir fo thaobh.

titleMu Abram agus Aoidh araid
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page