Mu la Bhreitheamnais.
O! ’S mithich dhuin dusgadh,
Tha sinn fadda neo Shùrdoil gun stà;
Is sinn gun umhuil gun Chùram,
Gun tig sinn gu Cunntas gu bràth:
Na’m bu leir dhuin an Gnothach,
Cha bu chòir dhuin bhiodh Gabhail na Dàil,
’S gu ’m biodh ar n’ obair re fheachuin.
’Nuair thig teachdair gar neigheach on Bhas.
2. Bha na Maighdeana Crionta
’S an lochranuibh lionta air ’N sgà.
’S iad ullamh chum soluis,
’Nuair bhuailte an Doras gun dail,
Bha na Maighdeana Gòrach,
Gun Oladh, gun seol acca dhà,
’N uair thain’ am fear Bainseadh.
D’ h’iar iad beagan a’ landranuibh Chàich.
3. Cha dean sinn bonn fèum dhuibh,
4. Thug a Chuis ud dhuin Rabhadh
Gu ma Chòir dhuin bhi fairre do Ghnath,
’S bhon tha sinn neo-chinnteach,
Cia nhionaid, na ’n tim thig am bàs;
Bheir sinn Cuntas a ris ’t
’Nuair a rigas sinn breithamh nan gras
Cia mar chaith sinn ar n’aimsir
Ge’d ’s beag oirn re s’heanachas e ’ndrasd.
5. Ge’d is taitneach le Daoine,
Toil-intin ’n tsaoghal ’ta làthair;
Cha ’n eil ann ach ni Diombuain,
Nach fuirich ach mionad ’nar dàil;
B’ fhearr smuainteach air stòras,
Nach teirig a shòlas gu bràth;
’O nach lèir dhuin a chùis ud
Gus a Druidear ar sùil leis a bhàs.
6. Ach tha ’n saoghal so an comhnuidh,
G’ ar Cummail an Dòchas gach là;
Gu’n toir è dhuìn sòlas;
Sinn a Ghabhail a sheol ann sgach Càs;
Ach ’nuair chàirear ’s an ùir Sinn,
’Sa chuireas e Cùl ruinn gu bràth
B’ fhear air n’anam bhiodh ann Siochamh.
’Na na Choisin sinn riamh air a sgà.
7. Ma sheallas tu Cinteach.
8. Nach Cual thu bhiodh labhairt,
’S nach do leibh ù ma fhoidin Jòb,
Ge’d bha Stòras mòr aige,
Gun chaill è air fad è n’aon lo.
Thanig trioblaid na aigne’
Buill bhrùite ’na Chraicean ’s na fheoil.
Chum è Chriodhe ann an Cèutadh,
’S cha do pheaucuich le Bhèul ni bu mho.
9. Bìodhuibh Cairdeal re cheile,
’S na deannuibh an èacoir gu bràth,
’Smaith luchd Dheannamh na reite,
Is goirrear Clann Dhe Dhuìbh gach la.
’Nuair bha Maois ann san Neiphte,
’S a dhuilt è gèil thoirt da Gnas;
Chuir è cùl re ’ncud Stòrais
An duil re mòr-shòlas a b’ fhearr.
10. Cia mar làbhras sinn Focal,
’N uair bheir an ti Cheart sinn na lathair?
’Sa lion la, agus Bliadhna,
A bhuillich sin Diamhain mar tha.
Chum uilc tha ar togradh,
’Sinn leisg do chum Obair, na Gràs.
’Scruaidh an Gnothach re èisdeachd,
Gach lochd theid a leughadh ’n ar làthair.
11, ’Nuair theid an trompaid a sheideadh’,
12. Theid an saoghal na Lasair,
Eadar Chreagan is Ghlacan is Ghleann,
Agus Tuitfuidh na realtain,
Is loisgidh an speur os ar Ceann.
C’àite an seasamh Droch Dhaoine,
’San teinne bhi sgaoilte air gach laimh?
Mur do ghluais iad sann fhirinn,
Cha ’neil neach a ni di dean dhoibh ann.
23. ’S fa eagail is curam,
A bhi smuainteadh an ùinedh so fein.
Neul ruagh air a Ghealuich.
S culluidh bhroin Chuirreas fallach m’un Ghrein
Theid an saoghal na smuidrich,
Is leaghuidh na duilean mar Cheir.
’Nuair thig Buachail a Cheartais,
Gabhair cuntas air fad ann sa’ntrèud.
14. Nuair thig breithamh na firin,
’S beag a’ t’ iunadh d’ ar nintin bhi tròm
Ni ar coguis ar diteadh,
’S biodhidh leitir ar bìn ann ar Com.
Theid ar tearbadh uaidh cheile,
Mar ni buachille spreigh air an tom
Cuid gu subhachas shiorruidh
’S cuid eile gu Dioghaltas trom.
Ach ’sè leigheas gach Cuiseadh,
title | Mu la Bhreitheamnais |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |