Bruadar, ann seol Ceist agus freagra’, Eidir beo, agus marbh, Le teisteas an Ughdair.
B. AIsling ga ’m facadh mi ’n raoir,
’S mi m’ chodal gu faoin, am shuan;
Neach àraid a’ teachd am chòir,
’S b’ann dòn ’t seors è a chuaidh uainn;
Ghabh mi sgèula dh’eth gu fòil,
Ciod an seol a bh’air ’s an uaigh?
’Ndiagh dha tearrachduin san ùir,
Cia mar dhuisg sè as a shuain?
M. Ge’do tha mo chorp ’s an uir,
Air caitheamh na smudan ruadh,
Bidh ’n t anam gu siorruidh beò,
Air athrach seoil, is buaidh.
B. Cia mar tha agad cos is lamh?
Sùilean, is ceann, agus sròn?
Teangaidh a chum labhairt caint,
Gun fheithin, gun chnaimh, gun fheoil?
M. Sann a tha mo chorp gu lèir,
Mar fhailleas air eùdan bruaich,
Nach feud thu ainneach a’d’ laimh,
Ge d’ do dhainnuich’d è ma n cuairt?
B. ’M bheil agad ionnad, na tamh?
M. Cha dean sinn gu siorruidh saothair,
’On a rinn sinn caochladh nuadh;
Mar a toil le Dia na’m feart,
Air cuir air theach daireachd anuas.
B. Tha sin ’g inseadh do chàch
’Nuair dh’agas iad an fheoil
Gu feud iad a bhiodh ’m barail chint,
Iad a dh’indreachduin an glòir.
M. Chidh ù sa bhiobal, s’ gabh beachd,
Ma tha ù cleachd dol na chòir,
Nach feud ni neo-ghlan am feasd,
Dol a ’s deach a dhionsuidh gloir.
B. Ciod eile is dol don t’ sluagh,
Nach ’eil a’ gluasachd sa’ chòir;
Tha cur a nn neo-shuim a reachd,
’S a’ geileadh gu beachd do ’n fheoil?
M. Ann lochan duth tha losgad dian,
Far nach faic iad grian, na neoil,
H uile mionaid ann am piän,
Far nach crian an teine mòr.
B. Cia mar a ni sinn ar sith?
Liuthad strì tha oirn sann fheoil;
Ar naimhdin gu tric mu ’n cuairt,
Chum nach gluasamaid sa’ chòir.
M. ’S è criosd buachaile an treud,
A chuaidh chèusadh air do sgà;
Cuir t achunuich suas gu gèur,
’S ni se rèit ann àm do bhais.
Air do naimhdean gheibh ù buaigh,
title | Bruadar, ann seol Ceist agus freagra’, Eidir beo, agus marbh |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |