[9]

Oran, le Mac-Mhic Raonuil na Ceapaich.

THugas ceist don mhnai ghasta,
S gilleadh leachda, ’s a cùl mar an tòr.
Cam-lùbach, barr bachlach,
Gruaidh dhaite, dèud snaite mar nòs.
Sùilin corrach mar Chriostal,
S binnis aoibhin leum briòtal a beoil.
Aghaidh sholluis ann còi-stri,
Co dhius àilde an neonan, nan ròs.

2. Tha do mhuinneal mar chanach,
Tha t fhiamh mar làn gloine don fhion.
Tha t uchd mar an ealla,
Tùir ghealla, ’s am barrana sias.
Tha do shlis mar thuinn mhara,
Nuair dhèireadh mòr ghaillin, no siän.
Ge bu dàn è re labhairt,
Air nàil be bhi mariut mo mhian.

3. Sliosaid ghastas maith cumma’,
Deas chalpa, troidhs cuimir am bròig.
Thugus Gaol duit on uiridh,
Dhfhàg fuichrèuchd mi, mar dhuine gun treoir.
Càit na ghinn ì, shiol Adhamh
Na chumaaon ràigh me beo;
Gun an te tha mi gràite,
Orm furtachd, ’s mo shàbhal on fhòid.

4. Cha neil ortsa cron cumadh,
Re fhaicsin o dmhullach gu dbhonn


[10] Dhfhàs ù dsgàthan donchruinne,
Rinn Natar chum urram thoirt oirn.
Chiùin Ainnir mhin, thaitneach,
Ghrinn, ghasta, ’s binn blasta guth beoil.
Tuig-se dòruinn mo phearsa,
S na trial-sa cur as domh nis .

5. Tha do choltas re VENUS,
PHILOCLEA cha bu choimeas do mRùn.
Fàbhradh ghasta fiudlèirsin,
Thaobh airis mar fhèur, ’s è fui dhruìchd.
S lionar fear a thug spèis duit,
Aig feothas do bheùsan, ’s do thùr.
Thug ù dha-thigh le t èibheachd,
Gach aon fhassan bu leir leat sachùirt.

6. Càit a bheil ann duit coimeas,
A ghèug sholluis is gilleadh na ghrian.
DIANNA ri faicsin,
Stu is àilde ann coltas mar thrian.
Thaobh cummachd cha dèid ì,
Ann coi-meas ri geùg nan glan chiabh;
Air mfhacals tus ceùtaich,
A chunacas le mlèirsin-se riamh.

7. Càitn do sheall ì riamhn sgathan,
Boinne fola thug barr ort fui’ ’nspèur?
Ann gillead, ’s ann ailteachd,
Chìte t ailleas mar dhealradh an grèin.
An gaol thugas tra dhuit,
Bi è mairrgus an la’ ’n tig an t èug.
Ach ma leigeas tu bas domh,
S mairg fear eile bheir gradh dhuit am dheigh.

8. Os mis tha fuimhulad,
S tric mo shùillin acruinneachadhèur.


[11] Cha mhor nach d’ ’albh uam mo lèirsin,
Chlaoidh mo phearsa le h èugantas [Pian, no cradh. ] mhòr.
S truagh gun slat do mhnaoi mhin-ghil,
A chummale brìodal mi beo;
Bheireadh cail, agus lùth dhomh,
Ge do bhiodh mo shùilin fuichleochd.

9. Sann air bruachaibh mo leapadh,
Chunacas slat do mhnaoi sheamh, ’s ì na suidh
Lion lan dòrain mo phearsa,
S mi gu lag, agus gaol air mo chlaoidh;
Le Saighdibh gèur, sgaiteach,
Gan sior chur tarsuin mo chrì.
Cha bheag chuis mhasluidh,
Ma nitear mo chasgairt le mnai,

10. Ach ma rinn ù mo dhibeairt,
A rioghain leis an drinneadh mo lot.
An deigh dhomh bhi striochda,
S mi sinnte sios le mòr-ghoimh.
Bheirin miannan do nPhiobal,
Ge dgheibhin còir sgribht an domhan tur;
Chionn gun glaise tu sith rium,
Gun deannain de Jobairt gu dthoil.

11. Mas beag leatsa do pheaca,
Na rinn ù do mlot-sa othùs?
S urra leat-sa mas ail leat,
Mo chrèubhag a charubh san ùir;
S olc ambèus do mhnaoi ghasta,
Dan èigin dol da-thigh a nunn;
Am fear is thug a ghradh dhi,
Gun doraig im bas da ga chionn.

titleOran, le Mac-Mhic Raonuil na Ceapaich
internal date1780.0
display date1780
publication date1780
level
reference template

Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p

parent textComh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla
<< please select a word
<< please select a page