An Caillin donn daite.
Iorram, air fonn. I entreat you, come kiss me, &c.
A Chaillin donn daite,
Leam b’ ait bhi ga d’ phogadh,
Na fiodhal air uairibh,
Ge d’ ghluaiste le ceol i;
Gu bheil me co chinnteach,
Mar deantar leinn posadh,
’Gu n cuirrear san uaigh mi,
Mu ’n buainnear an t eorna.
I entreat you, come kiss me,
’S ni ceil mi air cach e;
Gur binne leam t iomradh,
Na Instrumaint clarsaich;
Gu bheil mi fui’ mhulad,
Tha truimmeadh air m’ airneadh,
’S tha sac air mo chroidhe,
’O! nach biodh tu lai’ rium.
2. Gruaidh dhearg mar an corcan,
I entreat you, &c.
3. Corp seamh, is e fallain,
’S tu ’s banaileadh nadar,
Le d’ chalpana’ geala,
Mar Ealla na traighe;
Cha ’n ’eil ort cron cumadh,
’O d’ mhullach gu d’ shailibh,
Troigh chruinn ann broig shocraich,
Nach dochain am fasach.
I entreat you, &c.
4. Beir mo shoraidh nunn thairris,
A dhionsuidh na Gruagaich;
Ris na dheallaich mi hall ud,
Caol mhala’ gun ghruaman;
Aig feobhas a cleachda,
’S a h aigneadh gun smuairein,
Gur truagh nach ’eil agam,
Snaim glaic ort nach fuasgail.
I entreat you, &c.
5. Gu ’m b’ fhearr lium na charaid,
Is fearr theid ann buailidh,
Nach cuirrin ort eolas,
’S nach Mothuichin do shuairceas;
Tha thu co aoidheil,
’S nach ’eil aon ni mar ghruaim ort;
I entreat you, &c.
6. Gu ’n tug mi car tammuil,
Re mireadh, ’s re sùgradh,
Mo bhoineid a’ m’ leith laimh,
’S mi deanamh dh, ì umhlachd,
Cha deana’ ì focal,
’Sè thu’irt ì am beurla,
I care not for you Sir,
I entreat you, &c.
7. An raoir ann om labaidh,
Cha chadal a fhuair mi;
’S mi re smuaenteana’ faoineadh,
Bean t aog’ais a ghluais mi;
Tha do fhòg mar an cannal,
Is t anail gun truailleadh;
’Nuair dhùinin mo shùilean,
Bhithinn dlù ort a’ bruadar.
I entreat you, &c.
8. Na’n deanna’ tu rèite,
’S gu’n geillea’ tu deonach;
’S gu ’m faighin dhomh fein ù,
Bean t éug’ais a’ phòsuin;
Bheirin mionnan a chumin,
Ge bu leam a Roin-Eorpa;
Gu ’n gistin gu saor è,
Mu’n sgaolin do chòrda’.
I entreat you, &c.
9. Ge d’ bhiodh agamsa Caisteal,
Is geatachan mòra;
I entreat you, &c.
10. O! ’s mis tha fui’ mhulad,
’S mi gun fhuran gun mhàran;
’O na ghabh mi mo chead diot,
Mu ’easgar an là sin;
’Si mo bharail sa chùis ud,
Mur dùraig ù gràdh dhomh,
Mu ’n tig toiseach a Chètein,
Gur h è ’n t èug leis an tàr mi.
title | An Caillin donn daite |
internal date | 1780.0 |
display date | 1780 |
publication date | 1780 |
level | |
reference template | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla %p |
parent text | Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaedhealach agus Bearla |